XXIX
Coin is Madaidhean-allaidh
Thar na sìorraidheachd, thar a sneachda,
chì mi mo dhàin neo-dheachdte,
chì mi lorgan an spòg a’ breacadh
gile shuaimhneach an t-sneachda:
calg air bhoile, teanga fala,
gadhair chaola ’s madaidhean-allaidh
a’ leum thar mullaichean nan gàrradh,
a’ ruith fo sgàil nan craobhan fàsail,
a’ gabhail cumhang nan caol-ghleann,
a’ sireadh caisead nan gaoth-bheann;
an langan gallanach a’ sianail
thar loman cruaidhe nan àm cianail,
an comhartaich bhiothbhuan ’na mo chluasan,
an deann-ruith a’ gabhail mo bhuadhan:
rèis nam madadh ’s nan con iargalt
luath air tòrachd an fhiadhaich
tro na coilltean gun fhiaradh,
thar mullaichean nam beann gun shiaradh;
coin chiùine caothaich na bàrdachd,
madaidhean air tòir na h-àilleachd,
àilleachd an anama ’s an aodainn,
fiadh geal thar bheann is raointean,
fiadh do bhòidhche ciùine gaolaich,
fiadhach gun sgur gun fhaochadh.
title | XXIX – Coin is Madaidhean-allaidh |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |