[87]

XXX

’S mi ’m Bhoilseabhach nach tug suim
riamh do bhànrainn no do rìgh,
nan robh againn Alba shaor,
Alba co-shìnte ri ar gaol,
Alba gheal bheadarrach fhaoil,
Alba àlainn shona laoch;
gun bhùirdeasachd bhig chrìon bhaoith,
gun sgreamhalachd luchd na maoin’,
s gun chealgaireachd oillteil chlaoin,
Alba aigeannach nan saor,
Albar fala, Albar gaoil,
bhristinn lagh dligheach nan rìgh,
bhristinn lagh cinnteach shaoi,
dhèighinnnad bhànrainn Albann thu
neo-ar-thaing na Poblachd ùir.

titleXXX
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page