IV
A nighean a’ chùil bhuidhe, throm-bhuidh, òr-bhuidh,
fonn do bheòil-sa ’s gaoir na h-Eòrpa,
a nighean gheal chasarlach aighearach bhòidheach,
cha bhiodh masladh ar latha-ne searbh ’nad phòig-sa.
An tugadh t’ fhonn no t’ àilleachd ghlòrmhor
bhuamsa gràinealachd mharbh nan dòigh seo,
a’ bhrùid ’s am meàirleach air ceann na h-Eòrpa
’s do bhial-sa uaill-dhearg san t-seann òran?
An tugadh corp geal is clàr grèine
bhuamsa cealgaireachd dhubh na brèine,
nimh bhùirdeasach is puinnsean crèide
is dìblidheachd ar n-Albann èitigh?
An cuireadh bòidhchead is ceòl suaimhneach
bhuamsa breòiteachd an adhbhair bhuain seo,
am mèinear Spàinnteach a’ leum ri cruadal
is ’anam mòrail dol sìos gun bhruaillean?
Dè bhiodh pòg do bheòil uaibhrich
mar ris gach braon den fhuil luachmhoir
a thuit air raointean reòta fuara
nam beann Spàinnteach bho fhòirne cruadhach?
Dè gach cuach ded chual òr-bhuidh
ris gach bochdainn, àmhghar ’s dòrainn
a thig ’s a thàinig air sluagh na h-Eòrpa
bho Long nan Daoine gu daors’ a’ mhòr-shluaigh?
title | IV |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |