XL
Chan eil mi strì ris a’ chraoibh nach lùb rium
’s cha chinn na h-ùbhlan air gèig seach geug:
cha shoraidh slàn leat, cha d’ rinn thu m’ fhàgail:
’s e tràigh a’ bhàis i gun mhuir-làn ’na dèidh.
Marbh-shruth na conntraigh ’nad chom ciùrrte
nach lìon ri gealaich ùir no làin,
anns nach tig reothairt mhòr an t-sùgraidh –
ach sìoladh dùbailt gu muir-tràigh.
title | XL |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |