XLI
Chaidh mo ghaol ort thar bàrdachd,
thar mac-meanmna, thar àrdain,
thar sùgraidh, thar mànrain,
thar ealain, thar ceòl-gàire,
thar èibhneis, thar àilleachd,
thar dòlais, thar àmhghair,
thar cèille, thar nàdair,
thar an t-saoghail mhòir bhàrcaich.
title | XLI |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |