XLVI
Tha sinn còmhla, a ghaoil,
leinn fhìn ann an Dùn Èideann,
is t’ aodann suaimhneach còir
a’ falach leòn do chreuchdan.
Tha agamsa mar chuibhreann dhiot
ceann grinn is colainn reubte.
Is beag mo thruaighe-sa a-nochd
seach olc do cholainn creuchdaich,
ach le do thruaighe-sa tha m’ ghaol
air dhol ’na chaoir ghil leumraich,
a’ losgadh am bruaillean mo chinn
mo chuimhne air an tèile,
air tè nas rathaile ’s nas bòidhche
’s i pòsta thall an Eirinn.
title | XLVI |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |