LI
Thuirt mo chrìonnachd ri mo chridhe
’n àm milleadh nan reul:
Tha thu cur ri bòidhchid
a bhios gud leònadh fhèin,
’s ann ortsa thig an claoidheadh
le maoim-shruth nan speur.
Laigh mo spiorad breòite
ann an ònrachd a phèin,
a’ plosgartaich ro uilebheist
nan tuiltean fuaraidh geur’,
is thachd a’ ghaoir aognaidh
an gorm-fhaoisgneadh treun.
Gun tuiginn fhìn an cràdhlot
a th’ anns a’ bhàthadh lom
agus brìgh a’ mhàbaidh
th’ an gàirich nan tonn,
mur togadh tusa t’ aodann
chur caochlaidh air conn.
title | LI |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |