[107]

LII

Dom dhùr-amharc bha thunad reul
s tu leat fhèin san iarmailt:
is thugadh dhut an leus
le maigne thorrachs miargain.

S an uair sin bhoillsg thu le trì-
an-aon leus dìreach trianaid;
ach cha robhnam leòis dhian fhìn
ach clann do lìthen iargain.

Bha mi feitheamh ris abheum
a mhilleadh do rèim le chrìonadh;
ach thug mi dhut na trì dhut fhèin
an ceann rèis deich bliadhna.


[109]

Oir nam biad mo leòis gin fhìn
a bheothaich nad lias-sa,
bu chinnt gun cailleadh iad am brìgh
le glasadh tìm deich bliadhna.

A shuilbhireachds a chridhe chòir
s sibh lòghmhor ann an aodann;
a mheallaidh cridhes a mheallaidh sùla,
ur n-ìomhaigh rùin a h-aogas!

Cha bann fada bha an tòir
a thug còrrs deich bliadhna
an uair a bha an fhaodail còrr
s na dhfhòghnadh dòchas sìorraidh.

titleLII
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page