[111]

LVII

Tha aodann ga mo thathaich,
ga mo leantainn dhoidhches latha:
tha aodann buadhmhor nìghne
s e sìor agairt.

Tha e labhairt ri mo chridhe
nach fhaodar sgaradh a shireadh
eadar miann agus susbaint
achuspair dho-ruighinn,

nach tig tubaist air àilleachd
a dhaindeoin cinntinn nam fàiling
a chionn gu bheil aomte
cho saor ri màireach,

agus gu bheil an tràth seo
os cionn gach caochlaidhs àichidh
a ceannairc èigheach
ra rèim a-màireach,


[113]

a chionn gu bheil in-dràsta
gum bicruths a bith gu bràth ann
agus nach urrainn caochladh
a h-aonachd a mhàbadh,

gu bheil roghainn miann na sùla
cho biothbhuan ris na rùintean
a ghabh an cumadh sìorraidh
am briathran ùra,

gu bheil i cheart cho àghmhor
ri ealain an Phàdraig
ged nach cuir an cèill i
ceòl rèidh no clach gheàrrte,

s ged nach fhaod clàr dealbha
a cruths a dreach a thairgsinn
do na gineil ùra
gun smùradh coirbte.

O aodainn, aodainn, aodainn,
an caill, an caill thun t-ioghnadh
leis na ghlac do bhòidhche
sòlas faoilidh?

Mur gabh clach no clàr do shamhladh
ealaidh chiùil no ranntachd
mur eil seòl an tràth seo
chur an càs staimhte,

mur eil seòl air bacadh
na h-uarach seos a glacadh
an gainmhich achaochlaidh
le faobhar acrach,

mun tog i na siùil ùra
gu dìochuimhne air chùrsa
s mun caillear a brèidean
bho lèirsinn sùla?


[115]

O aodainn a tha gam thathaich,
aodainn àlainn a tha labhairt,
an triall thu leis an àm seo
neo-ar-thaing tagairt?

Nuair chrìonas tasgadh gach cuimhne
a bheir gaol no smuain no suim dhut,
an caill thu mealladh taonachd
s tu faoin gun chuimhnort?

Chan iarrainn-sa gu bràth dhut
aon bhiothbhuantachd do tàilleachd
ach na liùbhradh slàn i
dìreach mar a thà i.

Chan iarrainn gnìomhachd achiùil
s e ioma-bhriathrach ri ùidh:
chan iarrainn aon ni ùr
nach fhaca mi fhìnnad ghnùis.

Agus cha tugadh clàr dathte
do chuimhne ach aon aiteal
ged chuimteadh trian ded bhuadhan
na thuar an tasgadh.

Mar sin, a thràth is aodainn,
feumar ur cuideachd daonnan
los nach bin ceann na h-uarach
buadhan aomte.

A thràth de thìm, nuair dhfhalbhas
do rèim mar an allacheo,
am breannachadh ùr-laist
don diùchd tfhalbhan?

O thràth de thìm, ’s na thrèigeas
dhinne le do cheuman,
càit a bheil an cùrsa
bheir ùidh dhuinn no sgeul oirnn?


[117]

Na bha, ’s na tha an-dràsta,
ged mhaireadh iad gu bràth dhinn,
ciamar thigeadh sgeul orr
bho chèin-thràighean?

n t-sùil a am faicinn
no chluas a an claisteachd
s iad air turas faondraidh
bharr smaointean aigne?

Ciod e an ceathramh seòl-tomhais
a bheir an àilleachd seo fa chomhair 90
sùla, reusain no aon chàileachd
thar fàsaichean glomhair?

Is achàil thar chàiltean
a mhothaicheas an àilleachd,
nuair nach nochd sùil no cluas i, 95
blas, suathadh no fàileadh,

s nuair nach bi i paisgte
an cuimhne bheò nom faisge
ris na smuainteannan siùbhlach
a dhùraicheas an tasgadh?

Mur faighear, air chors gum mothaich,
aon chàil eile no seòl-tomhais,
am bi cruth no bith aig tàilleachd
an àrainn tìmes domhainn?

O aodainn a tha gam thathaich,
a mhìorbhail a tha labhar,
a bheil aon phort an tìm dhut
no balla-crìch ach talamh?

O luathghair dhaonda chuimir,
a bheil seòl-tomhais sa chruinne
a bheir dhut barrachd slànachd
na ceòl no clàr no luinneag?


[119]

Ma tha Arm Dearg achinne
an gleac bàis ri taobh an Dniepeir,
chan e euchd a ghaisge 115
as fhaisgair mo chridhe,

ach aodann a tha gam thathaich,
ga mo leantainn dhoidhches latha,
aodann buadhmhor nìghne
s e sìor labhairt.

titleLVII
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page