[119]

LVIII

A nigheans tu beairteachadh
tacan tha trèigsinn,
ciamar a bhacar leinn
cas-ruith a cheum-shruth?
Ciamar a ghlacar leinn
fras-bhlàth a chèitein?
Ciamar a thasgar leinn
m basgaidean leug e?

O nigheans do mhala gheal
laiste le bòidhichid
mar ris achamhanaich
laiste le h-òige,
s tu chuireas brasadh air
maignidhean còmhla
s a ghrìosas gu cabhagach
marc-shluagh acheòlraidh.

O sheallaidh chiùin fhosgailte,
mosgladh na còireid,
ciamar a chosgar leam
dos-bhlàth do ròsan,
agus tu nochdadh dhomh
bochdainn mo sheòltachd
s mi fiachainn ri deocadh às
socrachd à bhòidhichid?


[121]

O aodainn shàr-shnaidhte
fo taighear geal èibhneach,
ciamar a ghlacar leinn
fasan a sheuntachd;
ciamar a thasgar leinn
frasan a leugachd
mum bi e falaichte
thairis an cèin-thir?

O aodainn ghlain, aodainn,
nach saoirteadh do bhòidhichead
bho chumhachd gach baothalachd
aomadh is -bheairt!
Nach cuimteadh mar fhaodail e
caoin air a stòradh
am fasgadh gach caomhalachd
saoir thaig acheòlraidh!

titleLVIII
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page