[11]

CUMHA AN OLLAIMH CHALMERS.

Ciod e so an naigheachd,
A gheibhears abhailes gach beul?
Ciod fàth na tròm acain,
Tha ionanns a srachdadh gach cleibh?
Ciod thuige, cho bithcheant’,
A chithear an deur air aghruaidh?
S con t-ainm so, le tioma,
A chluinnear gach teanga aluaidh?

Tha Albainn fo mhulad,
As uimpe chuir culaidh abhròin;
Than Eaglais ri tuireadh,
Ag cluinntinns ag aithris an sgeòil;
Cha bhreug, ach sgeul fìor e,
Is dearbh smior na firinn, gun sgleò;
On chualas gun deug e,
Sàr cheannard nan ceud a bàirdglòir.

S ann oirnne, ri tiota,
A thàinig an clisge bu gharbh,
S ann oirnne, ri plathadh,
A thàinig an naigheachd bu shearbh,
S ann bhrùchd oirnn maoim-sléibhe,
Am meadhon achéitein a dhfhalbh,—
Thug solus na gréinuainn,
S a dhfhàg sinn gu h-éisleineach, balbh.

N uair chòmhlaich an comunn
Bu shomult’, air maduinn Di-luain,
S a chualas a thuig iad,
Am builes am briseadh a fhuair;
Sgeul cruaidh amhi-fhortain,
A chràidhs a chridhlot iad gu geur,


[12] Bu lionmhor an osnaidh,
S bu chianail an coslas gu léir.

Chan ioghnadh leam idir
Gun dhiobair am misneach car uair,
An sùil a bhi silteach,
Is dubh-neul abhròin air an gruaidh,—
Thuit abhall aghàraidh,
S an darag a bàirdes achoill,
Le osag an fhàsaich
Ghrad spadadh gu làr i le maoim.

Chan ioghnleam na bràithrean
Bhicumha am bràthar nach beò;
Chan ioghnleam na càirdean
Bhi dubhach is cràiteach gu leòir,—
Na h-uain [The Students of Theology.] tha ’s an fhàsach
Air uideal is ànnradhs acheò,
Bhi tuireadh am màthar,
Ag altrum dhoibh gràdh a bha còrr.

Chan ioghnleam an sgiobadh
Am misneach car tiota a chall,
Bha fo stiùradh do ghliocais,
Ag iomramhs ag iomairt nam ball,
Bhi bruaidhleanach, dubhach,
An iom-chomhairlmhuladach theann,—
Thuit an stiùireadair gaisgeil,
Chaidhn iùlchairts an taice air chall.

N uair thuit am fear-brataich,
Bha gun taise an latha na strìth;
N uair thuit an sàr ghaisgeach,
Bu mhacantri latha na sìth;
N uair dhionndrainn iad uath e,
Am bioghnadh, mo thruaighe, ged bfhìor,


[13] On champ gun do chualas
Toirm bhròin agus chruadail bu tiom?

Be sud fear nam buadhan,
Bha urramach, uasal, thar chàch
N ceanns an robhn cnuasachd,
Thar na dhfhaoidteadh a luaidh atoirt bàrr;
Ceann aghliocais, ’s na céille;
Còm na misnichs na féile bha àrd;
Nach strìochdadh do chruaidhchas,
Ged chuireadh e smuairein air càch.

Ann an comasan nàduir,
Co am fear a thug bàrr ort, no buaidh?
Ann an tiodhlacagràsail,
Co dhfhaoidteadh leat àireamh no luaidh?
S cha ddhìobair thun cleachdadh
O! bfhada o dbheachd e, ’s o dghnàs,
An aobhar apheacaich,
Ga tharruing gu carraig na slàint’.

Bho latha do shaorsa,
N uair dhoirteadh gu saor is gu tlàth,
Air danam an gaol sin
Nach caochails nach traoigh gu bhràth,
Gusn dghairmeadh gu dfhoisthu,
S na shealbhaich an clos a tha buan,
Bha thu daonnan neo-fhoistneach
An aobhars an obair an Uain.

N uair rachadh tun chrannaig,
S mu dthiomchioll a theannadh an sluagh,
S ann adshùil bhiodh an lannair,
S ann thigeadh an lasan á dghruaidh;
S ann le dtheagasg bhan cumhachd,
N a dghuth a bhan cudthroms abhuaidh,
S bhiodh peacaich aclisgeadh,
Nan cridhe bhiodh iomairt bu chruaidh.


[14]

Ro fharsuing bha deòlas
Air oibre ro ghlòirmhor an Triath
S tu bheachdaich le sòlas
Air gach aon diubh an oir is an iar;
Mar fhireun na h-ealtuinn,
Adìreadh am broilleach na gréin’,
Leis an t-sùil a bha beachdail,
Adearcadh air maise nan speùr.

Lorgaich thu le neart sùla,
Is tùr a chuir ioghnadh air càch,
Balbh iomachd nan réulta,
Tha deàrsadhs na speuran gu h-àilt,
S an t-eòlas a chnuasaich,
S an sòlas a bhuain air a shàil,
Cha dcheil thu on t-sluagh e,
S cha dfholluich fo chuaich no fo chlàr.

Is lorgaich thu cumhachd,
Is mòrachd aChruithfhirs gach ni,
S thug air oibre na cruinne
Gun iocadh dha cuspain as cìs;
Is thiolaic mar ofrail,
An t-iomlan gu toileach dha féin,
Don ullaidh a fhuair thu,—
O! sinne na truaghain addhéigh.

Bu domhain do bheachd, is
Bu cheart e, gun aga gun sgleò,
Air suidheachan duine,
S an nàdur tha duthchasach dhò;
Oir chleachd thu féin-sgrùdadh,
S féin-rùrach gu grunndails gu teann,
S dhaltruim spiorad na h-ùrnuigh,
Is spiorad na h-umhlachd gach àm.

Bi sud aghnuis fhlathail
Bha maitheas adealradh adghruaidh;


[15] Be sud an ceann labhairt,
Air gach teangairtoirt barrachd is buaidh;
Cainnt dhian, mar eas-monaidh,
Mar iomghaoith an coire nam beann,
Mar theine ghath soluis,
S mar thàirneanach coimheach nan gleann.

Be sud am fear dìreach,
A baon-fhillte inntinn bha beò;
S ann thuinich an diadhachd
A smachdaichs a chìosnaich an fheòil.
Bha e saor mar an leanamh,
Bha e maol anns gach car agus lùb;
Air bu bheags bu ro-shuarach
Luchd nan lùchleasa tuaitheal nach fiù.

Bu tun saighdears an gaisgeach
Cha dfhòghlum thughealtachd, ’s cha beòl,
Sheas thun fhirinn, as thagair
Leis abheul bu neo-lapaiche glòir;
Ghlac thun crann, sgaoil thubhratach,
Gu teann as gu gaisgeil addhòrn;
S cha dfhàisgeadh á dghlaic i
An còmhrag nan gaisgeachs nan seòd.

Bu tu caraid nan uaislean,
Nam fòghlumadh uaitse an leas;
Bu tu caraid nan truaghan,
A thogadh on luaith iad gu meas;
Sheall orra mar bhràithre,
Ag altrum dhòibh gràdh a bha buan:
S chan ioghndhoibh bhi cràiteach
Ga dthasgaidhsga dfhàgails an uaigh.

N uair a thàinig an iomairt
Chuir giorag air ioma fear treun,
S a thòisich acharraid
Chuir sgannradh is dealachs an treud,


[16] Mar charraig achladaich,
Toirt dùlan do shlachdraich nan tonn,—
Sheas thusa, a ghaisgich,
S cha dghluais thu, ’s cha dcharaich o dbhonn.

S bu diomhain don chuideachd,
An lìonta do driobadh a sgaoil’,
Le briodal beòil mhilis
Bho ddhìlseachd cha dthuislichs cha daom.
Chan e sùil caillich-oidhche
Bhan gnùis ghloin an t-saighdeir gun sgàth;
Ach smior shùil an fhìreòin,
Lem faicear an lìon fad o làimh.

An aimhreit leat bfhuathach,
S in éigin a ghluais thu gu strì;
Is chaidh thu gu ddhùlan,
Is shaothraich fad ùin air son sìth;
Ach dhaindeoin do mheas oirr
S am briseadh bha teannadh ort dlùth,
Leat bannsa an fhìrinn,
Is còraichean Iosa, ’s a chrùin.

Cha dfhàilnich do mhisneach,
S cha dghabh thu maoim, clisge, na sgàth
Bha do mhuinighinn ro sheasmhach
S an Ti sin a sheas thu a ghnà;
Rinn thu greim air achumhachd
Fhuair tearmunn fo dhubhar a sgéith,
S fo stiùradh a ghliocais,
Thug thu Sion gu uisgeacha sèimh.

S goirt leam càramh do theaghlaich,
Acumhas acaoineadh ad dhéigh;
S goirt leam càramh do mhnatha,
N a cridhe chaidh saighead an éig;
S goirt leam càramh na h-Eaglais
Na meadhon bha thusa mar reul;


[17] Chaidhn reul ud fo dhubhar,
S an ioghndhi bhi dubhach addhéigh?

Fàthm bròin is am mulaid
Bhi dfhàgails tigh chumhann, chaol, fhuar,
A ghaisgich, a churaidh,
O! ’s tràth leinn a shiubhail thu uainn;
Ach dhuinne geds oidhche,
S soillseach, gun teagamh, gun bhreug,
Tha nise aboilsgeadh,
Le blàs agus caoimhneas ort féin.

Tha do -sa gun oidhche
S e do lòchran soillse tha buan
O! ’s grianach en còmhnuidh
S leat caidreamh is còmhradh an Uain.
Air do mhala than crùn sin
Bha dshealladhs ad dhùil ioma .
S a dhuilleachghnàth ùrar,
Oir seargadh cha dùchasach dha.

S cha do chum thusa dadum
Don stòras a bhagad o chàch;
Cha dcheangail thum bréid e,
S cha dadhlaic leis féin e fo làr:
Le fialachd na gréine,
Adearsadhs na speuran gu h-àrd,
Bha thu dsholuss ad éibhneas
Do Eaglais Dhé anns gach àit.

Ged is ìosal do leaba,
S geds foisneach do chadal, ’s geds buan;
S ged is tosdach do theanga
Fo bhannaibh as chrannaibh na h-uaigh’,
Tha i fathast alabhairt
Le caismeachd tha labhar gu leòir,
Toirt earail don t-saoghal,
Leis an smachd is an gaol dhi bu nòs.


[18]

Chuir thun saoghal fo fhiachaibh,
Le deòlas, le deud, is le dshaoir
S cha leigear air di-chuimhn
An diadhair, a dhiadhachd, ’s aghaol,—
Mar tha es an àl so,
Bidh iomradhs gach àl tha ri teachd;
S mar thùis is cùr’ -fàile,
Bith ainm Dhoctair Chalmers gu beachd.

O! ’s trom iad, na buillean,
S as cumanta, guineach, is cruaidh,
Than Eaglais afulang,
On chuir i an cath a bha buan;
S ioma seòd agus gaisgeach
Bha nan lòchrana lasrachna n ,
Tha gun deò, air an tasgadh,
An seòmraichean glaiste abhàis.

Tha Sion fo mhulad,
N a suidhe an duslachs an luaithr’;
S trom acain a cléibhe,
S is bithchiontan deur air a gruaidh;
I cumha nan gaisgeach,
Na seòid nach bu tais, ’s nach bfhann,
N àm cruadail neo-ghaiseach,
S neo-ghealtach, ’n àm iomairt nan lann.

Tha ig ionndrainn, ’s chan ioghndi,
An diùlnaich bha cùiseil, ’s nach bfhaoin,
Ceann-riaghlaidh achomuinn,
N uair thàr iad a ceangal na daors’;
Dhoctair Welsh, bu shàr dhuinthu,
Binn thun gniomh ud a bhuin dhuit, ’s bu dual.
Ghluais thun luirg fir do shloinne,
S cha dnàraich an t-urram a fhuair.

Tha ig ionndrainn aBhrùnaich,[Dr. Brown, late of St. John’s, Glasgow.]
An diadhair bu chiùine, ’s bu chaoin;


[19]

Tha ig ionndrainn an diùlnaich
Bu làidir an ùrnuigh, ’s an gaol,—
Aghnùis ud a bfhìnealt,
M beul labhradh an fhìrinn gu saor
Sheas Eaglais a shinnsear,
S o shlighe na dìlseachd nach daom.

Tha i tuireadh Mhic-Bhrìdein,[Mr. Peter M‘Bride late of Rothsay.]
Sàr cheatharnach cinnteach gu leòir
Bu mhòr ann an cridhe,
Biad comasan inntinn bha còrr;
Bu mhòr esan fhirinn,—
Bu mhòr ann an dìlseachd don chòir
Bu mhòr, ach bu shìothchail;
Bu gharg, ach bu mhìn am fear mòr.

Cha bu tais en àm cruadail,
Cha bu tais en àm bhualadh nam beum;
Ged bu tais ris an truaghan
Ged bu tais e ri uanaibh an treud;
Achuilc a bha brùite,
An cridhe bha ciùirte fo leòn;
An lìon air bheag smùide
Cha besan a mhùchadh ledheòin.

Ach Alastair Stiùbhairt,[Rev. Alex. Stewart, late of Cromarty, son of Dr. Stewart,—first of Moulin, in Athol, and latterly of the Cannongate, Edinburgh.]
S e do bhàs-sa a chiùr mi gu geur
Bòg chaidh thu ri ddhùchas,
S cha dchlaon uaith fad dùines do ;
Dheadh mhic an deadh athar,
Bu mhaitheasach flathasach gnàs
An teangair thug barrachd
An diadhair bha pailt anns gach gràs.


[20]

Dhomhsa baithne do bheusan,
N uair bha sinn le chéile glé òg;
Dhomhsa baithne do cheudfaith,
As dfheartan a beugsamhuil glòir;
Inntinn fharsuing, ro shoilleir,
Cridhe dìreach, gniomh foilleil nach beòl.
S bha do theagasgs do bheusan
Comhfhreagrara chéilair gach seòl.

Glòir dhaoine a bhuanachd
Cha diarr thu, ged fhuair thu, ged mheal;
O! bfhaoin leat mar dhuais i,
Oir bfhios duit nach dual dhi gu mair:
Bha do dhùil agus t-fhiughair
Ris an fhàiltes am furan a fhuair,
Gabhsa fois o duilshaothair,
S meal caidreamh is aoibhneas an Uain.”

Gaoir do phobuill chan ioghnleam,
Ga dthasgadhs ga dfhàgails an uaigh
An gnùis a bhi dubhach,
S na deòir a bhi sruthadh on gruaidh;
S ionanns uain air an spannadh
On chìch thug dhoibh bainne is lòn
O chomunn am màthar,
Bha na blàs dhoibh, na sgàth dhoibh, ’s na treòir.

S co ionanns sgaoth bheachan
Achreachadh, ’s a spuinneadh dam maoin,
Gun dìon air an aitreamh
Thug didein as fasgadh nach bfhaoin;
An samhrair dol seachad,
S an geamhradh ateannadhn an còir,
S gun fhios càit an cnuasaich
Amhilthaisgear suas nan tigh-stòir.

S nior leigeam air dichuimhn
Am fìrean bu dìleas, ’s bu chaoin,


[21] Chaidh ri dhùchass ri shinnsear,
S on cos-cheum nach deachaidh a thaobh,—
An Dòmhnullach prìseil,[Mr. John Macdonald, late Missionary at Calcutta, son of the late Dr. Macdonald of Urquhart.]
Thas na h-Innsean gu h-iosals an ùir,
N a chodal an Iosa,
A lean e gu dìleas, ’s gu dlùth.

Bu phailt ean saothair,
Bu shaoibhiran gaol es an gràs;
Bu lochran gun smal e,
Bu leòmhan neo-ghealtach gun sgàth.
Bu rùmail achridhe,
S bu chaomh e, ’s bu duineil, ’s bu bhlàth;
Innsidh Breatunns na h-Innsean,
Gur fìrinn a sgrìobh mi am dhàn.

Fhuair gairm, dhfhàg do dhùthaich,
Is stiùir thu do chùrsa thar chuan;
Thuig thun guth thàinadionnsuidh;
Be guth fir do rùin es do luaidh:
S cha diarr comhairlno seòladh,
Bho fhuil no bho fheòil anns achùis;
S dhfhàg thu coimhthional brònach,
Dan robh thu adlòchran car ùin’.

S bu shoilleir don Eaglais
Gun do leugh thu do dhleasdnas air chòir,
Gun robh dfheartacomh-fhreagradh
Don aobhar bhad bheachd ioma ;
S fhuair do shaothair aghnùis sin,
Be t-ùrnuigh, ’s do dhùrachd gach tràth;
Ach àireamh do sheula
Cha chunntar gu léir gu bhràth.


[22]

’S an leig mi air dichuimhn
An stoc as an fhriamhach on dfhàs
Fear nam buadhan bu lionmhor,
Bu shaibhiran gibhteans an gràs;
An t-athair a ghin thu,
An teangair bu bhlasdas bu mhò,
S a bu drùightiche teagasg
Thar uile luchd-teagaisg a .

S ro mhaith chaidh do bhaisteadh
Do chòir air an onair a fhuair,
N uair a thubhairt riut Abstol,
Seadh, Abstol na h-Alba mu Thuath;
Bho Thatha gu Cataobh,
Feadh gharbh-chrioch na h-Alba gu léir,
Ann an saothair bu phailt thu,
S bhan toradh ro phàilt mar an ceudn’.

Bu dòmhail na slòigh ud
A bhitheadhan tòir ort gach ceum,
Thar choilltean as mhòr-bheann,
Agreasadn an dròibhean addhéigh;
S iomaciontach as truaghan
Fhuair fois agus suaimhneasn am feum,
Bho na teagasgan buadhach
Bhasruthadh o fhuaran do bhéil.

S ged bhitheadh le uamhas
An anam fo bhuaireas aig àm,
An cogaisg an dìteadh,
Toirt fianuis gum bfhìrinn do chainnt;
An sùil ged bhiodh silteach,
An cridhe làn trioblaid as bròin,
S ann ni bfhaisge a thigeadh
A bu dlùithe a theannadh adchòir.

Leis an lagh bhiodh tudìteadh
Ga fhosgladhsga mhìneachgu réidh,


[23] Mar sog an toirt ìosal,
Sg an spùineadh dam fireantachd féin;
Dan trusgang an rùsgadh,
Anochdadh nach bfhiù e bonn stàth
Adearbhadh gu soilleir
Gun robh iad fon mhallachds fo bhàs.

Am fàgails an staid ud
Bfhad e o dchleachdadhs o dghnàth,
Oir gràdh thug do pheacaich,
S thug fianuis mu thròcairs mu ghràdh;
An gràdh ud tha sìorruidh,
A mhaireas gun sìoladh am feasd,
Muir mhòr dheth than Iosa,
S a bhitheas gu sìor ann gun cheisd.

Be taoibhneas, be tòran,
Do cheòl e bu bhlasdas bu bhinn,
Bhig innseadh don deòraidh
Don anambha leòntagus tinn;
Gum bheil iochd agus tròcair
An Iosa gun sòradhs gu pailt,
S gun saor e gu deònach
Gach anam tha brònachs an airc.

Bu léigh thubha fiosrach
Mu lotaibh na coguiss achrìdh’,
Bu léigh thubha iochdmhor,
A labhradh gu macant’ ’s gu mìn;
Acàramh na h-ìocshlaint
A bheir buaidh thar gach fiabhruis as leòn,
Rinn ceartas a riarach’,
Sa cheannaich dhuinn sìorrachd do ghlòir.

Bu chomhairleach glic thu,
As biomadh ort comhairledhiarr,
As gheibhte iad bichiont
S gach cèarnadh an ear as an iar;


[24]S iomadh snuim rinn thu fhuasgladh
Do anamaibhbhan cruaidhchass an daors’,
S tric an cam rinn thu dìreach,
An garbh rinn thu mìn agus caoin.

An comunn nan uasal
Bha thu uasal as suairce gun cheisd;
An cuideachd nan truaghan
Bhi iorasal, truacantdo theisd;
Le dmhodh as le dshuairceas
S tric a fhuair thu an cothrom a bàil
Gu labhairt mun Uan riù,
Ged uime caoin shuarrach a bha.

Bòg a chualmi do theagasg,
Ged bu bheag dheth a thuig mi da bhrìgh,
Gidheadh thàine dhachaidh,
As shàth e mar shaighead amchrìdh’;
Rinn an dùrachd a nochd thu
An gràdh a bhad labhairts adchainnt
Orm drùghadh a lean rium,
S am bharail a leanas gach àm.

Ach chaidh do ghrian fodha,
Ar leinne gu dearbh mothas luath;
Mar ghrian feasgar foghair
Na deannaibh agreasadh don chuan;
Chaidh fodha gu éiridh
Le aoibhneasan iarmailt na glòir
Grian òg mhaduinn chéitein,
Nach ceilear le neul no le ceò.

Do choimeas chan fhacmi
Do choimeas chan fhaic mi gu sìor;
Fear deas-bhriathrach, smachdail,
Fear ceanalta, cneasda, as mìn:
ghlacas achlàrsach
Bu cheòlmhor an làimh fear nan duan,


[25] Bho nach faicear gu bràth i
An deas làimh prìomh bhàrd an taobh-tuath!

Ach, O! Cuina sguirinn
Do mthuireadh, do mmhulad, ’s do mdhàn,
N an ainmichinn buileach
Gach curaidh a sgathadh gu làr?
Bha cuid diubh nan ògain,
Is dealta na h-òig air an gnùis,
Fo dhuilleach bu lòdail,
S fon mheas a bu bhòiche, ’s bu chùbhr’.

Cuid eile dhiubh aosda,
Fo thoradh ag aomadh gu làr,
S iad afeitheamh na h-uaire,
Gun eagal no uamhunn roi’ ’n bhàs;
Len lòchrana soillse,
Alasadhs aboilsge gu dian;
Afeitheamh, le foighid,
Gusn gairmteadh iad dhachaidh gu Dia.

Bem peacadh e dhuinne
Ar mulad gun rachadh thar chòir,
Ag ionndrainn nan gaisgeach,
Than tasgaidh car tacain fon fhòid;
Ged chrion iad, ged sheachd iad,
Thig grian orr’, thig dealt orr’, thig :
S gur subhach an dùsgadh,
N uair ghairmear on ùir iad gu mòd.

Ged is tosdach gach clàrsach,
Bu mhillses bu labhara ceòl,
S gu measta mar dhànachd
Na dhfhàgadh a thàradh nan còir;
S ged nach faicear na reultud
Adealradhn ar speuran nis ,
S nach cluinnear na béil ud,
Bu bhinn leinn bhig éisdeachd gach ,—


[26] Chan fhàilnich ar misneach,
Ged lagaich car tiota, car uair,
N uair thàinig oirnn clisge,
Is iomadaidh briseadh bu chruaidh;
Ar n-acair tha cinnteach,
Ar tearmunn, gu cinnteach, cha bhreug;
Faic Iosa, ar n-ìobairt,
Ar ceannards ar dìdein nach tréig.

N a ghàirdein tha dìdein,
Le bhrataich, gu cinnteach, bidh buaidh;
S da mhòrachd-san strìochdaidh,
N an aimsir, gach tìr agus sluagh:
Seadh, fòs, aig achosaibh,
Sìos sleuchdaidh, le urram, gach glùn,
S bidhn aidmheil ud coitchionn,
Gur glòirmhor a choisinn echrùn.

title1
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page