[43]

AM BIOBULL.

Co dhinnseas dhomh dhealbh na saoghail?
S na nèamhan àilt gu h-àrd a sgaoil,
Os ceann na talmhainn fhalamh, fhaoin?
Am Biobull.


[44]

thug dhomh sgeul air tùs gach ni
thug dhoibh bith, as cruth, as brìgh,
Le maisas oirdheirceas gun dìth?
Am Biobull.

dhinnseas dhomh mar las aghrian
A lòchrain ghlòrmhor, lasrach, dhian?
O shiorruidheachd gu bheil thu Dhia?
Am Biobull.

thug dhomh sgeul mo chruitheachd féin?
S mo cheud staid shonam pàras Dhé?
Màrd smachd os ceann gach ni fon ghréin?
Am Biobull.

dhinnseas dhomh gur àrd thu, Dhé,
Os ceann mo smaointean lag gu léir,
Do ghlòir gun lion i talamhs nèamh?
Am Biobull.

dhinnseas dhomh le dearbhadh fior
Mar bhris min tùs do lagh, ’s do riar?
S mar chaidh air seachran o Dhia?
Am Biobull.

dhinnseas dhomh mo chor an tràs,
Gu firinneach gun bhreug, gun bhàigh,
S gach fòtus a tham chridhetàmh?
Am Biobull.

thug dhomh sgeul mum staid air tùs,
Mar thréig mo neart mi as mo lùths,
A dhìts a chasaid mis gach cùis?
Am Biobull.

n sgàthan anns am faic mi féin
Gach gràinealachd thatàmh amchré?
S gach dubhailc fholaichttha fo msgéith?
Am Biobull.


[45]

thilg fo smalan mis fo bhròn,
Le bhagraidhibh ro chruaidh a leòn?
Shàth saighead chorranach amfheoil?
Am Biobull.

, ’n uair shaoil mi a bhi saor,
A thilgan geimhlibh mi, ’s an daors’?
A dhruid a steach mi air gach taobh?
Am Biobull.

, ’n uair ghlaodh mi ann am chàs,
A dhfhosgail bealach dhomh chum slàint’?
A bhris gach cuibhreach dhiom as sàs?
Am Biobull.

, ’n uair luidh oidhchas gruaim
Air uchd manama, ’s a bheuc cuan,
A labhair sìth ri mchogais thruaigh?
Am Biobull.

thaom gathan gréinas
Air uchd manama le caoin dhears’,
A lion le solus es le blàths?
Am Biobull.

sgap an duibhre as amhùig,
A chlaon, a dhall, ’s a mheall mo shùil?
Sa threòraich mi mar lòchran iùil?
Am Biobull.

an tobar fallan, fuar,
Chaisg dhomh mìotas an an-uair,
Do mchrìdhthug fionnaireachd gu luath?
Am Biobull.

N uair bha Sàtan orman tòir,
Gun ionad dìdein dlùth amchòir,
rinn furtachd orm as fòir?
Am Biobull.


[46]

achruit as binne ceòl?
Ciod an sgeul is binne glòir?
Ciod an taisg-thighs luachmhoirstòr?
Am Biobull.

Don truaghan a tha loite, brùit’,
Don anmhunn a tha lag as ciùirt’,
Càitam faighear slàintas lùths?
S aBhiobull.

Càitam faigh an t-acrach lòn?
Am pàiteach fior-uisge ra òl
A bheir an t-anam seargta beò?
SaBhiobull.

A fhradharc, càitam faigh an dall?
Am bacach leòinte lùgh nam ball,
A bheir gu coiseachd e nach mall?
SaBhiobull.

bheir subhachas don chrìdh’?
bheir misneach dha as clìth?
, ged sheachd e, bheir dha brìgh?
Am Biobull.

a shàsaicheas am bochd?
a chomhdaicheas an nochd?
bheir saorsa o gach lochd?
Am Biobull.

bheir air an fhàsach chruaidh
Teachd gu àilleachd agus snuadh?
A sgaoileas maise airbhios buan?
Am Biobull.

Fàilt ort féin a Leabhair naoimh!
Fàilt ort féin a theachdair chaoimh!
Fàs am meas am bheachd a chaoidh,
A Bhiobull.


[47]

Am chluais do sgeul biodh binn gu bràth,
Do mbhlas ro mhilis biodh gach tràth,
Do theagasg biodh amchrìdhgach ,
A Bhiobuill.

Adsgàthan àillidh chunncas thall,
An Ti mo shaorsa ghabh os làimh
An Ti tha seasamh rium an dàimh.
A Bhiobuill.

A chaoidh adsgàthan shoilleir réidh,
Sior dhearcam air, is faiceam e,
Gusna ìomhaighn dealram féin.
A Bhiobuill.

O! gabh do thurus do gach tìr,
Le dtheachdaireachd is torail brìgh,
Ag aiseag pheacach dhionnsuidh sìth.
A Bhiobuill.

Réidh gun robh do cheum thar tonn,
Gun cuartaich thu gach tìr as fonn,
S gum brùchd fo bhlàth gach fasach lòm,
A Bhiobuill.

title10
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page