URNUIGH ANN AN TRIOBLAID INNTINN.
Tha m’ anam fo bhròn, tha m’ anam fo leòn,
’S ro chianail mo dhòigh ’s gur deurach;
Tha m’ anam an sàs, an cuibhrichean bàis,
’S cha leighis ’s cha slànuich léigh mi:
Tha m’ anam á gleus, —ruith, lasaich gach teud,
Rinn m’ aighear gu léir mo thréigsinn:
Fuaim aoibhneis no ceòl cha lughdaich ri m’ bheò,
Tròm eallach mo bhròin a’s m’ éislein.
Call stòrais no ni, call slàinte no clìth,
Call spionnaidh, no spìd, no spéirid,
Cha ’n e tha mi ’caoidh, cha ’n e rinn mo chlaoidh,
B’ fhaoin, an coimeas, mo shuim gu léir dhiubh;
Fàth m’iarguin ’s mo bhròin, ’s gach gath rinn mo leòn,
Mo thrioblaid, mo dheòir, ’s mo dheuchainn—
Easumhlachd mo chrìdh’ do thoil an Ard Rìgh,
’S nach ’eil mi ’s gach ni ’toirt géill dhith.
O d’ fhaighidinn chaoin, o d’ iochd do chlann-daoin,’
’S do thròcair ro shaor do’n fheumach,
Cha d’ fhògradh o d’ ghràdh, cha d’ fhògradh o d’ ghràs,
Gu buileach ’s gu bràth gu h-eug mi:
A tobar do ghaoil, an tobar nach traoigh,
Tobar glanaidh a’s saors’ nan ceudan;
Biodh m’ anam sìor òl do’n ìocshlainte chòrr,
Culaidh leighis gach leòn ’s gach eucail.
O! faiceam do shlàint’, O! blaiseam do ghràdh,
Biodh dealta do ghràis a’ braonadh,
Air dìthreabh mo chrìdh’, ’am fàsach gun bhrìgh,
Neo-thorach le ni ach faoineis;
’S nach friamhaich ann pòr, ’s nach abuich ni’s mò,
Ach luibheannan feòlmhor, breuna:
’N sin fàsaidh gun dì gach siol a’s mò brìgh,
’S bheirear glòir do’n Ard Righ d’a réir sin.
Sgap gach dubhar a’s ceò, ’dhall m’ inntinn le’n sgleò,
’Chleith solus an lò ’s na gréin’ uam;
’S biodh gathanna blàth an t-soluis ’s an là
Bho ghnùis t-Aon-ghin a’ dears’, a Dhé orm:
O! deansa mo dhìon, a’s saor o gach lìon
’Sgaoileas nàmhaid mo shìth gu m’ léirsgrios;
Trìd laigse thoir buaidh, le d’ ghràs cum mi suas,
’N àm teanntachd no cruas na tréig mi.
’S cha saorsa a mhàin o dhaorsa a’ bhàis
Tha m’ anam gun tàmh an déigh air;
Ach saorsa gu sìor o dhaorsa neo chrìon
Na feòla tha millteach, éitidh.
O! càirich a rìs t’ fhéin ìomhaidh a’ m’ chrìdh’,
A’s sàsaichear m’ inntinn féin leath’;
’S biodh do thoilsa, a Dhia, mar dheoch a’s mar bhiadh,
’S bi-sa d’ chuibhrionn gu sìor thu féin domh.
title | 11 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |