LATHA ’N TIGHEARNA.
An là so nach tosdach ’s nach ciùin!
Is anail cia cùbhraidh neo-shearbh!
Tha samhchair a’s fois air a ghnùis,
’S e’n saoghal dh’ fhàs diùid agus balbh;
Cha ’n fhaicear, ged sheall air gach làimh,
Aon duine na ainmhidh ri stàth—
Tha gach creutair ’n an ionadaibh tàimh,
Gu taingeil, cur seachad an là.
Tha gach ionad bha luaineach a’s làn,
Gun iomradh air stàth no air sùrd:
Mar cluinnear gùth ùrnuigh no dàin
A’ dìreadh gu àrd Rìgh nan dùl:
Tha ’n saoghal air aomadh ’na shuain;
Cha ’n fhaicear ann gluasad no saoith’r—
’S cha chluinnear ann tartar no fuaim
Ach guthanna uasal a’s caoin.
Tha ’n uiseag a’ gleus’ a cruit-chùil—
’S am brùdhearg gu sunndach ri ceòl—
An smeòrach, ’n an comunn le sunnd,
’S an lon-dubh le sùrd mar bu nòs;
Ciod thuige an t-sàmhchair ’san fhois,
Tha coit-chionta bhos agus thall?
Nach ioghnadh aon bheul bhi ’na thosd?
’S gu moladh aon teanga bhi mall!
Nach aontaich gach teanga a’s beul
Gu moladh le chéil’ anns gach àit’;
’S nach aithris le h-aoibhneas an sgeul
Tha ’ceangailt’ gach ré ris an là:
Nach can iad le h-aoibhneas a’s ceòl,
Dhuits’ buinidh an lò so a Thriath;
’S mar chuimhne air t’ obair ro mhòr
Dhuits’ coimh’dear e ’n còmhnuidh gu sìor.
Nach binn e, an ceòl a tha ’m chluais!
Nach fonnar, ro uasal a’s caoin!
A’ dìreadh gu flaitheanas suas
Ard mholadh an Uain a’s a ghaoil;
’S an ioghnadh ged lìonte gach beul
Le ’mholadh gach ré agus lò?
Ged sgaoileadh le aoibhneas an céin—
Ged chliùithich le chéil’ e gach slògh?
’S an teampull ’s an còmhlaich a shluagh
A mholadh cha’n fhuar a’s cha chlìth;
Tha Spiorad ’g an còmhnadh gu luaidh—
A’ gleusadh ’s a’ gluasad an crìdh’;
Oir chunnaic iad aiteal d’ a ghlòir,
’S cha d’ cheileadh a bhòichead o’n sùil;
As dh’aontaich le h-aoibhneas a’s deòin
An gaol a thoirt dha a’s an rùn.
A chliùsan na faram nan teud
Is binne gach ré agus ial;
’S a ghràdhsan a’s mìlse gach ré
No mhil thig o ’n chéir tha do’n bhial;
Ach thosd e! is dh’imich na slòigh,
Gu bòidheach gu’n còmhnuidhean fhéin;
Gu foistinneach, farasda, fòill,
Le h-inntinnibh stòlda da réir.
Tha ’m feasgar air ciaradh m’ an cuairt,
’S gach creutair air gluasad gu tàmh;
’S air aghaidh a chruinne ’s an uair,
Luidh tosdachd, luidh suain agus pràmh.
Mar cluinnear measg dhuilleach nan crann
Caomh osnaidhean fann aig a’ ghaoith—
’S mur cluinnear sèimh chaochain nan gleann,
No binn cheòl naomh dhàin agus laoidh.
Cha chluinnear air anail nan speur
Aon fhuaim a tha eutrom no tròm;
Luidh suain air an t-saoghal gu léir
Air fireach, air réidhlein, ’s air tom.
An oidhche a dù-bhrat do sgaoil,
Air aghaidh an t-saoghail ’s gach àit’;
’S tha codal air clanna nan daoin’
A’ braonadh gu caoin a’s gu tlàth.
title | 13 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |