[52]

CRIOSD A’ GUL OS CIONN IERUSALEIM.

Sheall Iosair abhaile fo mhaladh an t-sléibh,
Am baile a raoghnuich Iehòbhah dha féin;
Be foirfeachd na maise tàmh ionad a thlachd e,
N t-aon lùchuirt a bhaige air thalamh fon ghréin.

Ionad tàmha a mhòrachd, a ghlòire a bhann,
A chumhachdga dhìon mar dhìdein feadh bheann;
Bu sgiamhach ra faicinn nighn Shioin na maise,
Bin t-ùr ròs air faichi, bi lilidh nan gleann.

Mar leug air uchd òighe bu bhòidheachna sgiamh,
Geal, glan mar thùr sneachda air broilleach nan sliabh;
Mar dhealradh na gréines an òg mhaduinn chéitein,
Bha teampull an Treun-fhir, an t-aon Dhé tha fior.

O! nochd dhomh ciod thuige tha Iosa fo bhròn,
Fàth aobhair a mhulaidciod thuige a dheòir:
Na deòir tha gu frasach abrùchdadh forosgaibh,
Gun toirmeasg, gun ghrabadh, fàth acain, a leòin.

Air chinnts mòr an reusan e bhi éisleineach, tròm,
Ag amharc abhailthana luidhe fobhonn;
S e prìomh bhaila dhùche, ’s e àros a rùin e,
S e ghràdh da luchd-dùcha a dhrùigh air a chòm.

S ioma ni than a fhradharc nach faicear le càch,
Thashùil-san aleursain gach beud dha than dàn;


[53]

An solus a shùla feuch aobhar a thùrsa,
Tha truaighean do chunntas nach tùrar gu bràth.

Tha Sàlem gu h-uallach gun smuaireanna còir.
A h-òigridh, a h-uaislean làn uabhair as spòrs.
A sagairt mar bàbhaist làn mòrchuis as àrdain,
An fhìrinn chan àill leò, chan àill leò achòir.

Thacupan alìonadh, alìonadh gu bras;
Cha bhlasda mar fhìon e, an ìota cha chaisg;
Gidheadhs fheudar òl leò làn domblais as dòruinn
Chaneil seòl air a còmhnadh, no dòigh air dol as.

Gheibh iadsan an tomhas a thug iad do chàch;
An naomh fhuil a dhòirt iad, a dhòirt iad le tàir;
Than fhuil ud ag éigheach gun dìolar na féichin
Le fuil as le creuchdan, le reubadhs le h-àr.

Tha truaighean abhailean sealladh a shùl
A bhabhuinn, a bhaideiln an sad asn an smùr:
Feachd borb ud na Ròimhe air bhoilair son còmhrag
Ghéill gach crann agus còmhla, chaidh dòchas air chùl.

Tha teampull an Ard Rìgh, ionad tàmha a ghlòir,
A lùchuirtean àrdan an càrnaibhs nan tòrr;
Am fuil na naomh ìobairt than sagartn a shìneadh,
S an Léibhteach dìleasn a shìneadhn a chòir.

Tha Sionn a banntraich, na banntraich bhochd thruagh,
A gineiln a sràidibhn an càrnaibhsn an cruaich;
A mheuds a tha beò dhiubhn am bràighdean gun dòchas,
Aig naimhdean gun tròcair làn mòrchuis as uaill.

Tha àmhgharthug barrachdan sealladh nan sùl
Thasileadh gu frasach air maluidh achùirn;
Na truaigheana sìorruidh mu Shion thag iadhadh;
Oir fasgadh fo sgiath-san cha diarr i ach dhiùlt.

Chaneil dadum tha féineiln a dheuraibh, ’n a bhròn;
Chan e geilt achroinn-cheusaidh a léir es a leòn:


[54]

Baisteadh an uamhais chan e than a smuaintean,
Curanama fo smuairean a luaisg e cho mòr.

Mòr mholadh don Ard Righ, ’n a fhàbhar tha sìth,
A ghràs tha neo-bhàsmhor chan fhàilnich a chaoidh,
An Iosa tha tearmunn, ’n a ìobairt tha slàinte,
Ach iadsan ni tàir air gu bràth théid a dhìth.

Tha iadsan gun chaochladh, nach aobhach an sgeul!
A chumhachd neo-bhàsmhor chan fhàilnich, cha tréig;
Thaghàirdeana sìnte don deòraidhs don dìblidh,
S bidh e gu dìlinnn a dhìdean da threud.

O! thigibh gun dàiln a fhàbhar, a shluagh;
Airur luirg faicibh nàmhaid gun bhàighus gun truas;
Tha ifrinn, tham bàs ann, dian theichibh mar tha sibh,
S le còmhnadh a ghràis thar gach nàmh gheibh sibh buaidh.

title14
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page