[54]

BEATHA.

Chan e beatha miann na feòla
Shàsachadh le deòin do chrìdh’;
Chan e beatha airgiod, stòras,
Cuirm as ceòl, as òl gun dìth.

Chan e beatha òr as airgiod
Chàrnadh suasn an cruaichsn an tòrr;
Chan i beatha beathachealgair
Dealbh an rìgh as deiltreadh òir.

Chan i beatha glòir an t-saoghail,
Tha mar cheò air aodann bheann;
Caochlaideach mar na gaothaibh,
S faoineis dòchas a chur ann.

Chan i beatha mòrachd, cumhachd
Inbhas urramtha neo-bhuan;


[55]

Glòir achobhair air na sruthan,
Air a thurus thun achuain.

Chan i beatha sgèimh na h-òige,
Maisan neòinein air abhlàr;
Cha mhair ach sealan beag a bhòichead,
Théidn a smùr a bhunsa bhàrr.

Cha bheatha beathaghaisgich
Spùinn, as creich, as fuil, as gaorr:
Feuch e taisgte fo na leacan,
S eascaraidn a thaic’ ’s ra thaobh!

S i beatha eòlas an Fhir-Shaoraidh
Tobar gaòil a chaoidh nach tràigh;
Sruthadh suass achridhe daonnan,
S nach tiormaichear le gaoth amhàirt.

S i beatha gaol Dhé anns an anam,
Spiorad Dhéga fhadadh suas;
Gaol ge dchlaoidhear ebhios maireann,
Air gach dubhailc atoirt buaidh.

Gaol air tùs do Dhia, an t-Ard Righ,
Gaol do Shlànuighear nam buadh:
Gaol do Spiorad Naomh nan gràsan,
Gaol osbàrr gu bràth da shluagh.

Gaol don fhirinn, gaol don fhirean,
Gaol don fhìorghloines don chòir;
Gaolbheir fuasgladh ri àm cruaidh-chais,
Gaol don truaghan bhochd gun treòir.

Gaol don bhochd, as gaol don bheairteach,
Gaol don ascaoin as don chaoin;
Gaol a shìneas gréim don acrach,
Réir a chomaisbheir gu saor.

Gaol tha farsuing, fial, neo-fhéineil,
Gaol tha tréibhdhireach, gun ghò;


[56]

Gaol a dhéisdeas sgeul an fheumnaich,—
Seadh, a dhéisdeas e le deòin.

So i beatha sonas sìorruidh,
Abheatha a bheir Criosd da shluagh;
Do gach eucail than a h-ìocshlaint’,
Thar gach nàmh bheir tuilles buaidh.

So i, iarr i, na gabh diùltadh,
Iarr le dùrachds faighid bhuan;
S gheibh thu i gu saor, gun mhaoidheadh,
Air sgàth ùmhlachd bàis an Uain.

S bheirear leis fadheòidh gu glòir thu,
S bidh do chòmhnuidh mar ris féin;
S gu sìor á tobraichibh a shòlais
Olar leat gach àl as .

S ithear leat do mheas na craoibhe,
N cois na h-aibhne chaoidh nach tràigh:
Craobh na slàinte as achaoimhneis,
Craobh an aoibhneis as aghràidh.

So i beatha, so i slàinte,
Comunn gràdhach Dhé na glòir;
Beatha mhaireannach, neo-bhàsmhor,
Bhios gu bràth adol am mòid.

title15
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page