[63]

RABHADH DO’N MHUINNTIR NEO-IOMPAICHTE.

Chaidh am Fogharadh seachad, than Samhradh criochnaichte ach chaneil sinne air ar saoradh. —Jer. viii. 20.

A leisgein, grad mhosgail o dshuain,
Grad mhosgails an uair o dfhois:
Chuir cuibhle bliadhneile dhi cuairt,
S tha aimsirruith luath gun chlos.


[64]

Mar amhainn asiubhal gu dian,
Tha làithe as bliadhnaidh gach neach;
S cha dealraich ort gealach no grian
Nan làitheans nam bliadhnaichaidh seach.

Tha àm agus trà aig gach ,—
S e àm chur an t-sìl am màrt,
Am ghartghlan gach luibhneach gun bhrìgh,
Am fàsach gach gun stàth;
Am àitich gach fearainn as fonn,
Am ruamhar gach tòms gach glaic,—
S an duina bheir buil as le conn,
Chan fhaicear e lom nan airc.

Tha gàradh an leisgein gun dìon,
Thachallaid acrionair làr,
Tha copag afàs ann is feur,
Is cluarain gu dian afàs.
S ged chuirthu ann sìol do gach seòrs’,
A chaoidh cha tig bheir meas,—
Mur taisg thu an cogul adstòr,
S mur tional thu lòn on dris.

Mur tional thu figean on dris,
Is fion-dhearc on ghigan-gheur,
Gnè thoraidh chan fhaighearna lios;
Gnè thoraidhm bheil brìgh no feum;
S ged ghabhadh an fheòil iad mar bhiadh,
S ge dbhiodh iad amiann da réir,—
An lòn iad don anam chuir Dia,
A ghaoidhein, gun chiall adchré?

Mar Eden, làn aoibhneis is glòir,
Mar Eden, an tòs an t-saoghail,
Mar Eden, ’m fad dhìocadh achòir,
Ler sinnsear’, le deòin as gaol;
Mar Eden, làn sgeudaichtle mais’,
Mar Eden, ’n robh tlachd an Triath,
Mar Eden, bhan t-anam làn snas,
Mar Eden, ’na theach aig Dia.


[65]

S tur chaochail a dhreach as a shnuagh,
S e fastail na truaighs abhròin;
S e ionad na h-euslainte chruaidh,
A lagaich gach buaidhs a leòn;
S e dachaidh apheacaidhs abhàis,
S en t-ionad gun àgh, gun ghlòir,
S en uaigh e do thruailleachd làn,
S en talla gun ghràdh don chòir.

Tàmh-ionad gach farmad is eud.
Gach toibheum, gach breug as sgleò:
Teach duaichnidh gach uilc agus beud,
A chual thu fon ghréin ri d;
S en fhàrdach gun solus, gun ghrian,
An teampull gun Dian a chòir;
S e altair as àros an diabhoil,
S am bheil e ariaghl’ ’n a ghlòir.

S e Sàtan a dhfhuasgail gach srian,
A chàraich làmh Dhian a dbheul;
S e dhfhadaidh gach eibhlanamiann,
Las teine cho dian adchreubh;
S e chòmhdaich sùil t-anama le ceò,
A mhùch an naomh dheò bha dchrìdh,
A cheil ort an soluss an ,
S a shìol-chuir gach pòr gun bhrìgh.

S e shìolchuir gach pòr gun bhrìgh
Adanam gun dìth a steach;
A ghoid uait do neart as do chlìth,
S na dchodal a bhriodail seach’.
O! leisgein, cuinsguireas do shuain?
Nach tàr thu on uaigh a mach,
Mun tuit ort an cadal tha buan,
S mun tig ort cruaidh na h-airc.

Than sin ag iathadh ort dlùth
Ort thig e gun sùil ra theachd;


[66]

Mar ghoideas an gaduichá cùil,
S chan fhalbh e gun spùinns gun chreach.
N uair dhlùitheas an t-aog ann a ddhàil,
S ro fhiata as grànnd a shnuagh;
S chan fhògrar a mach e adir,
Gus an cuir e am blàr le buaidh.

Thriall sàmhradh as earrach do làith’,
S tha thusa adthriall gun saors’,
S cha dfhògradh an galars aphlàigh
A thilg thun a dthràill an daors’.
N sìol chinnichs a chuireadh adfheòil,
Adleanabass adòig gu pailt,
An diong e gu suthain, mar lòn?
Nan cum e thu beò gun airc?

Luidh sneachda na h-aoise mu dghruaig,
Thriall maise do shnuaigh gu léir,
Reodhn smior a bha dchnàimh as an smuais,
Thraoigh achuisle bha uaibhreachtreun;
Dheug fradharc as dèarsa do shùl,
S cha dean iad do stiùrmar bàbhst;
S tha dorsan na claisteachds achiùil,
Air druideadh, gun sunnd, gun stàth.

M bheil innleachd, no gliocass abhàs,
Dòigh tàraidh o chràdhs o thruaigh?
Mar thuiteas achraobh air an làr,
An luidh i gu bràths gu buan?
An cluinnear an rioghachd abhàis
Aon iomradh gu bràth air saors’?
Nam fuasglar on geimhlibh gu bràth,
Na braighdean than sàs an daors’?

Am fàgar aon chraobh anns an lios,
Mar giùlain i meas as blàth,
S ann loisgear, mar chonnadh, gun mheas,
Achrìonachs an dris gun stàth?


[67]

Nach leòir iad bhi suidhicht’ ’s aghàr’—
S do dhuilleach fo stràchd nach faoin?—
Gearr sios iad, ’s grad thilg as mo làthir,
Ghabh manam dhiubh grian, ’s cha ghaol.”

Nach mithich bhig amharc a null?
Nach mithich chur sùrd air dfheum?
Nach mithich bhi dchaithriss addhùsg,
Mun crannar, ’s mun dùintort nèamh?
Mun iadh umad latha abhròin,
As latha amhòid ra chùl,—
S an nochdar am breitheamhn a ghlòir,
S an seas thun achòir glé dhlùth?

title18
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page