SEALLADH DO IOSA.
“A Thighearn, bu mhiann leinn Iosa fhaicinn.” —Eoin xii. 21.
“Iosa fhaicinn ’s e ar dùrachd,
Tarruing dlùth dha ’s e ar miann;
An t-iomradh ’chualas dhùisg ar n-ìoghnadh
Mu’n Cheann-iùil so thàin’ o Dhia.”
Feuch, sud miann nan Greugach cràbhach,
Do Philip rinneadh aithnicht leò;
’S an ath-chuinge cha deachaidh àicheadh,
Ach ghrad shàsaicheadh le deòin.
Miann an cridhe chaidh ’ghrad shàsach’,
Sealladh ’n àigh do chunnacas leò;
’S chreid osbàrr leò sgeul na slàint’,
Fàth an gàirdeachais bu mhòr.
Criosda fhaicinn leinn an tràsa,
Mar leòsan chunnacas e ni’m faod;
Cha ruig ar sealladh air an àirde,
Ionnsuidh ’thabhairt bhiodh e faoin.
Mar an Cruithfhear faodar fhaicinn,
’S na h oibre maiseach ’dhealbh ’sa rinn;
Feuch! iad os ar ceann ’s fo’r cosan,
Air gach taobh dhinn, air gach làimh.
Glòir a’ ghliocais a’s a chumhachd,
Faic i anns na speuran shuas;
Faic i anns gach feur a’s duilleach,
’N tràghadh agus lìonadh ’chuain.
Ach ge d’ ’s farsuing oibre nàduir,
Ge d’ is àluinn, ge d’ is mòr,
Cha ’n fhaicear annta glòir an t-Slàn’fhir,
Oir thug i bàrr orr’ uil’ ’an glòir.
An t-sùil dhùinte ’s fheudar fhosgladh—
Gloin’ a’ chreidimh ’ghlac’ a’d’ làimh;
An t-anam cadalach a mhosgladh—
Sealltuinn fada os do cheann.
Faic e ’m Mac ’an uchd an Athar,
Co-ionnan air gach achd a’s dòigh;
Cuspair àrd a ghràidh ’s a thlachd,
’Iomhaigh, dealradh glan a ghlòir.
Faic e ’gabhail tlachd ’s an t-saoghal
Mu’n robh ’n saoghal fathast ann;
Faic ’n a anam iochdmhor, gaolach,
’Ghlòir a nochd’ ’n uair thàin’ an t-àm.
“Do thoilsa, ’Athair, sin a dheanamh
’S e sin mo mhiann, mo bhiadh, ’s mo thlachd;
’Le m’ bhàs do cheartas ni mi ’riarach’,
Umhlachd iomlan bheir do d’ reachd.”
Ann an sonas ge d’ bu shaibhir,—
Sonas ’bha gun tùs, gun chrìoch;
Air ar son-ne dh’fhàs e daibhir,
Chum saibhir gu’m biodhmaid gu sìor.
Faic e ’fàgail uchd an Athar,
Aird nam flaitheas ’us nan nèamh;
Ar daonnachd thuige féin a gabhail,
’S gach laigse neochiontach ’n ar gnè.
Faic ’s a’ phrasaich e ’s an stàbull,
Faic ’n a chìocharan beag, fann!
Sud agad a leaba stàta,
Lùchuirt an Tì ’s àird’ a t’ ann.
Faic a naimhdean dian an tòir air,
Ge d’ is òg e, ’s e gun bheud;
Faic o ’dhùthaich e ’n a fhògrach,
A ’s an tòir tha air a dhéigh.
Faic e bochd fad ’uile làithean,
An t-aran tuir a ghnàth a bhiadh;
B’ fhada ’uaith’ gach sògh a’s àilghios,
’Bhochduinn bha ’s an dàn da riamh.
Faic e an déigh baisteadh Iòrdain,—
An déigh baist’ an Spioraid Naoimh,
Le saighdean Shàtain air a leòn’
Cò e so abair? Sàr Mhac Dhia.
Bu choigreach air tàmh a’s fois e,
Tric e acrach agus sgìth;
’Dol mu’n cuairt gun tàmh gun chlos e,
’Teagasg soisgeul caomh na sith’.
Na h-oibre ’rinn e thug iad fianuis,
Gu’n robh ’n Diadhachd ann a’ tàmh;
’S bha chaithe-beatha ’us a bhriathran
’Comh-fhreagradh ri gnìomh a làmh.
Thug iad fianuis air a mhòrachd,
’S air a thròcair mar an ceudn’;
Shlànuich, leighis, thug e còmhnadh
Do gach neach a réir am feum.
’N tròcair ghlanadh leis an lobhar,
’Fhradharc thug do’n duine dhall,
A chlaisteachd thug gu saor do’n bhodhar,
A’s do’n bhacach lùs nam ball.
Le focal chiùinich e an doinionn,
Le focal chìosnaich e an cuan;
’S feuch air ball ann sìth a’s soinshion,
’S rain’ an long am port bha uaip’.
Faic a’ chuideachd dhubhach, bhrònach,
’Choinnich e aig còmhla Nàin;
Cluinn na h-osnaidh, faic na deòir
Tha ’taomadh ’nuas o shùil na màth’r.
Stadadh leis ’an sin an carbad:—
“Eirich, ’òganaich, gun dàil.”
An spiorad thàrr o thìr nam marbh,
’S dh’aisigeadh e beò d’a mhàth’ir.
Seall air Ios’ aig uaigh a charaid,—
Muir’ a’s Marta dlùth r’a thaobh;
Eisd r’a osnaidh throm ’s r’a acain,
Faic beò fhaireachadh a ghaoil.
Aig ’òrdugh charaicheadh a’ chlach
’Tha mar ghlais air beul ha h-uaigh’ :—
“Thig, a Lasaruis, a mach,”
’S feuch ghrad chreachadh i d’a buaidh.
Faic ’n a mhìorbhuilean a thròcair,
Faic a ghaol do pheacaich thruagh’;
’S creid mar bha gu’m bi e ’n còmhnuidh,
A’s nach traoigh e gu là luain.
Falbh a’s beachdaich air ’s a’ ghàradh,
Cluinn an spàirn a ta ’n a chliabh,—
’Anam Naomh an impis sgàineadh,
Cluinn a thagradh àrd ri Dia.
“Feuch i, ’Athair, uair an uamhais,
Le m’ naimhdean chuartaicheadh mi!
Bi-sa dlùth a’s thoir dhomh fuasgladh,
Chum fo’n chuail nach fannaich mi.
“Feuch an cupa! ’searbh r’a òl e,—
Cup an dòlais a’s a’ bhàis—
Searbhadas gach peac’ ann còmhladh—
Greas gu m’ chòmhnadh, thig gun dàil!
“ ’Athair, ghlòraicheadh le d’ Mhac thu,
Deònaich neart réir tomhas ’fheum;
Thoir-sa buaidh dha ’s a’ chruaidh-ghleachdadh,
A’s leis-san glòraichear thu féin.
“Saor-sa mi o uair a chruaidh-chàis,—
Ach do d’ thoil-sa thugam géill;
’Réir mo bhuairidh biodh mo chruadal,
’S glòir na buadha gheibh thu féin!”
Faic a’ bhuidheann ’tarruing dlùth dha,
’N uair o ùrnuigh ’sheas e suas;
’N troitear, Iùdas, ’n a cheann-iùil doibh,
Le ’chridhe dùbailte gun truas.
Faic ’n an làimh na clàidh’ean rùisgte,
’S bataibh glacta teann ’n an dòrn;
Lòchrain soillseach ’tabhairt iùil doibh,
’N rùn a thoirt gu breitheamh ’s mòd.
Faic a ghluasad sèimh ’s an uair ud,—
Feuch gun gheilt, gun ghruaim a ghnùis;
Bha buaidh ’n a fhocal ’chuir orr’ uamhas,—
Thàrr air ais iad ’s thuit gun lùth.
Faic an sud an Dia ’s an Duine,
Naisgte dlùth ri càch a chéil’;
Gaol, a’s fireantachd, a’s cumhachd
’Comh-oibreachadh gu saor ’s gu réidh.
Faic a rithist ’s an tigh-mhòid e,—
A luchd-tòrachd ’casaid cruaidh;
Feuch glòir a mhòrachd anns an dò-uair,—
’S i sèimheachd mais’ a’s glòir an Uain.
Leanadh leat o chùirt gu cùirt e,
Le dùrachd beachdaich air a bheus—
Tosdach, ciùin e, macant’, ùmhal,
Gun smid fheargach tighinn o ’bheul.
Cluinn an iolach, —O nach àrd i!
Mar fhuaim tàirneanaich nan speur:—
“Bh’ uain e! bh’ uain e! Ceus gun truas e!
Ceus gu luath e! Ceus e! Ceus!”
“ ’N ceusar leamsa Rìgh nan Iudhach,
(B’ e rùn Philait ’chur fa sgaoil)
Buinibhs’ ris ’réir lagh ’ur dùthcha,
O chiont, am bheachdsa, tha e saor.”
’S ann an sin a b’ àird’ a dh’éigh iad,
“Biodh oirnne uile ciont’ a bhàis.
Cha ’n ’eil rìgh againn ach Ceasar,—
Ceus e, ceus e, —ceus gun dàil!”
S goirt an acain tha ’n a bhroilleach,
’S iomadh lot ’n a chridhe ’s leòn;
Le éigin ’dìreadh sliabh nan olla,—
’S is tearc, gidheadh, a chomh-luchd bròin.
Bha cuid ann diubh cha ’n ’eil teagamh,—
’An còm nam ban tha cridhe maoth;
Anns a’ chuideachd thàrladh beagan
’Dh’ altruim gràdh dha nach robh faoin.
Bras o’n ruisg na deòir tha ’sileadh,
Osnaidh ’teachd o ghrunnd an cléibh;
Fàth am bròin cha ’n ’eil r’a shireadh,—
Feuch, do Iosa thug iad spéis.
’N ann air féin tha smaointean Iosa?
’N i dhòruinn féin a lot a chrìdh’?
Ge d’ a theirte so cha b’ fhìor e,
Cha bhiodh ann ach barail chlìth.
“Air mo shon-sa, ’mhnai, na guilibh,
Air mo shons’ na silibh deur;
Ach air son nan truaighean iomadh
Tha ’n dàn araon d’ur sliochd ’s dhuibh fhéin.”
Mal’ an t-sléibh fadheoidh do ràinig,
’S feuch e spàirte ris a’ chrann;
’N a chosan, làmhan feuch na tàirnean!
’S feuch ’n a àit’ e ’n sàs gu teann!
Sud an sealladh ’sgreitidh chunnacas,
O chruthaicheadh an saoghal air tùs;
Sud an sealladh ’s ìoghnadh chithear
Gus an téid an saogh’l ’n a smùr.
Dh’ iath mu’n chrann ud sluagh bu dùmhail,
Feachd, ’am meud, chaidh thar gach feachd;
Bha luchd-àiteachaidh na glòir ann,
’S aingle ’n t-sluichd gu dearbh, ’s gu beachd.
Tha sùil Dhé air, tha sùil dhiabh’l air—
Tha sùil dhiadhairean o’n àird;
Tha sùil pheacach ’g amharc dian air,—
Sùil air Iosa o gach làimh.
Feuch! A’ ghrian chaidh air a h-uilinn,
Dhiùlt i gnùis a thoirt do’n ghniomh;
Feuch an talamh chlisg e, chriothnaich,—
Thàinig mairbh o’n uaigh a nios.
’N cath bha teth, ach thàinig crioch air,—
’N deoch bu shearbh ach chaidh a h-òl;
Lùb e ’cheann a’s chaochail Iosa,
’S ’anam thàrr gun dàil gu glòir.
Sud an crann is pailte toradh
Do gach crann a chunacas riamh;
Sud an crann gu sìor a mholas
Saoghal saorta, ’s ainglibh Dhia.
Dubhar bheir o theas na gréine,
Glòir a dhuillich ’chaoidh cha searg;
’Thoradh leighisidh gach eucail,
’S dìdein bheir o sgrios ’s o fhearg.
’Mheas nach luachmhor e, nach bòidheach!
Gràs, a’s tròcair, ’s glòir bithbhuan!
Ionaid còmhnuidh ’n tigh a’ Mhòr Rìgh,
’S comunn sòlasach an Uain!
Faic an ìobairt, faic an sagart,
Feuch ’s e Iosa iad le chéil’ !!
Faic ’n a bhàs ro mheud a ghràidh,
A bheir buan shlàinte o gach beud.
Lean a’ bhuidheann ’thug o’n chrann e,—
Faic e ’taisgte leò ’s an uaigh;
Faic mar rinneadh cinnteach, teann e,
Am freiceadan a sheas mu’n cuairt.
Tosdach, sàmhach, tha car uair e,
’M feadh tha naimhdean subhach, ait;
’Shaoil ’s an uair gu’n tug iad buaidh,
’S a thog luathghaire bha pailt.
Tha ’phobull brònach, dh’ eug an sòlas,—
Thréig an dòchas iad maraon;
Leig ar dìchuimhn ’ghealladh prìseil,
’Labhradh sìth riu nach biodh faoin.
Ach mu’n d’ éirich grian an treas là,—
Mu’n do theich an duibhre dall,
Mhosgail, dhùisg á chadal ciùin e,
Os ceann na h-ùire thog e ’cheann.
’N uair a dh’éireas grian a’ Chéitein
Bheir i leum thar cruach nam beann;
’Dùsgadh aoibhneas anns gach creutair
A bha éisleineach car àm.
’S amhuil sin a dh’éirich Iosa
Ann an neart a dhiadhachd mhòir;
Le ’threun ghàirdein gath a’ bhàis
Do spìonadh leis, a’s dh’fhàg fo’n fhòid.
Chreach e ’n uaigh a’s thug e buaidh orr’,
’S chaidh e suas gu ’ionad féin;
Mòr ghibhtean cheannaicheadh d’a shluagh leis
’Sheasas iad gach uair ri ’m feum.
Faic an carbad anns an d’ fhalbh e,—
Cluinn buaidh chaithream ait air nèamh:—
“ ’Dhorsa sìorruidh fosglaibh fialuidh
“Gu’n tig Ios’ d’a ionad féin.”
“Cò d’ am fosglamaid na dorsan?
“Cò air so ’tha ’g agairt còir?”
“Tha Righ Iosa ’luidh gu h-ìosal,—
Feuch so féin Ard Rìgh na glòir.”
“Air mo dheas làimh dean-sa suidhe,—
’S maith do dhlighe air ’s do chòir,
Gus an deanam stòl do chos
Do gach neach nach toir dhuit glòir.
“Feuch thug mi ainm os cionn gach ainm dhuit
A dh’ainmichear ’s a’ chruinne-ché,—
Thar gach uachdranachd air thalamh,—
Thar rìgh-chaithrichean nan nèamh.
“Dhuits’ umhal bidh na dùilean uile,
Bheir gu buil do rùn ’s do riar;
Riaghlar leat os cionn a’ chruinne,—
An lagh ’s an reachd do thoil ’s do mhiann.
“Slat shuaicheantais do rìoghachd ghlòirmhoir
Cha ’n ann do’n òr a rinneadh i;
Cruaidh mar iarrunn bidh i ’n còmhnuidh—
’Strìochdaidh dh’i gach slògh a’s tìr.”
Feuch e Iosa ’bha ’n a leanamh!
’Dh’ altrumadh air broilleach mnà!
’Bha gun tigh, gun bhòrd, gun leaba,
Ionad fasgaidh, àite tàimh!
So e Iosa ’dh’ fhuiling tàmailt,
Air an d’ rinneadh ’n tàir bu mhò;
Bha ’n a chompanach do àmhghar,
Fad a là ’s a chuairt ’s an fheoil.
Sud an ceann mu’n d’ iath an sgitheach,
Air fhigheadh ann an samhladh crùin,—
A’ ghnùis a chòmhdaicheadh le silibh,—
Le basaibh bhuaileadh e ’s le dùirn.
Dhasan sleuchdaidh feachd nam flaitheas,—
’Thoil a dheanamh ’n rùn ’s am miann;
Luath mar dhealanach an gabhail,
No mar lasair teine dian.
Thigibh, creidibh, gabhaibh tràth ris;
Dàil na deanaibh’ greasaibh luath;
Pògaibh e le pòg a’ chàirdeis,
’S fhàbhar mealaidh sibh gach uair.
Thigibh ’n cleachdadh creidimh’ dòchais—
Na cuiribh teagamh ann a ghràs;
A crann a cheusaidh ’deanamh mòrchuis—
E so ’n a ònar—so gu bràth.
Cluinnibh briathraibh caomh a’ chuiridh:—
“Thigibh thugam uile shluagh,
’S o ’ur cionta saorar buileach,
A’s ’ur salchar glanar uaibh.”
title | 19 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |