[81]

REUL NA MAIDNE.

Tha reul ghlan na maidne adealradh gu h-àrd,
Afuadach an dubhair a luidh air gach àit’;
Roimh sholus a gnùise theich an duibhre air falbh,
S tha spiorad agheallaidh abeothachnam marbh.


[82]

Leinn is ait an caomh sgeul o nèamh thàinig oirnn,—
Leinn is ait aguss aoibhinn gealladh gréinagus ;
Am maises an soillse grian chaoimhneil an àigh
Eiridh oirnne gu boisgeil aspaoileadh an àird.

Bu chianail ar càramhan dubhar na h-oidhch’,
S bu mhòr e ar fadal ri lathas ri soills’;
Bu bhicheantar n-osnaich, ’s bu ghoirt iad ar deòir,
Ach bhuanaich ar misneach gun tigeadh an .

O! Shioins ro fhad a luidh smal air do ghlòir,
S bu dùmhails bu tiughluidh ort dubhar as neòil;
As bfhann e an solus do lòchran thug uaith’,
Anochdadh na slighe o sgrios as o thruaigh.

Tha Iehòbha atighinn, tilg do dhuslach gu làr;
Do chéile do Chruithfhear, glac misneach is fearr.
Gu dchobhairs gu dchòmhnadh thachostarruin dlùth,
A ghuùis mar an solus, ’s a ghuth mar theud chiùil.

Mar àireamh nan rionnag s an iarmailt ghlan, chiùin,
Bidh àireamh do chloinne gu Diatarruing dlùth;
S ge d’ ’s dubhach an cridhe, ’s ge dsnitheach an sùil
Anns an Ti sin a lot iad than earbsas an dùil.

Tha do chlannsa, a Shioin, air an teagasg le Dia,
S is mòr sin an t-sìth a gheibh iad on Triath;
S ge dbu chruaidhn cath a chuir iad, ’s na buillean a a fhuair,
Tha thu geal mar an solus, air do choroin tha buaidh.

Do ghràs as do chumhachd grad fhoillsich, a Dhé,—
Do shagairt làn sgeadaich le dfhireantachd fhéin:
Do shlàinte dean aithnicht’, do ghlòir nochd gu h-àrd,
S gun labhradh iad umad gu cubhaidhs gach àit’.

O! seall orr’ ’an tròcair, —thoir eòlas, thoir saors’ ,—
Foillsich do ghlòir, ’s cuir imòid air gach taobh;
Gus an lìonar leath’ ’n talamhs na fiaitheanais féin,—
S gur e Iosa na h-uile gu buileachs gu léir.


[83]

O! thusa shàr ghaisgich, glac do chlaidheamh gu luath,
Amarcachd adchumhachd le dbhuille biodh buaidh;
Bhrìgh firinn as ceartaiss do neart a thug bàrr,
Biodh do naimhdean astrìochdadh gu h-ìosal adlàthir.

Do Dhia bheirear urram as cumhachds gach àit’,
S ni Sion gu buileach a bun as a ghràs;
Gus fadheoidh mar reul sholuisan coron a Rìgh,
S mar fhoirfeachd na maise gun dealraich i chaoidh.

title25
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page