[84]

CRUIT IUDAIH.

’Chruit Iudaih, is grinnes is binne, grad dhùisg,
As seinn dhomh am fonn is rùnaichleam;
Am poncaibh is milses is dilse le sunnd
Ard chliuthaich caomh Rìgh nan Iudhach dhomh.


[85]

N uair ruisgeas an t-Ard Rìghthreun ghàirdean gu blàr,
S mucharbad a thàrlas dubh neulaibh,—
N uair reubas tein-athair an latha cian t-àit
M bheil fasgadh on bhàs ra fhaotainn duinn?

S en t-Uan anns an uair ud a chruadail ar sgàil’,
Gus am balbhaich an s an ciùinich e;
AirAon-ghinn uair a sheallas an t-Athair le gràdh,
Cha lot, air a sgàth, ’s cha chiùr e sinn.

M fad bhios sinns an fheòil acòmhnuidhs atàmh,
Bidh an t-Uan dhuinn gach n a chùl-urras;
S a dhaindeoin ar peacaidhn a mheachain tha slàint’,
S bidh Dia air a sgàth-san caomhail ruinn.

O! manam glachd cruadal, than uairtarruing dlùth
N uair nach buanaich an ùirn a h-uallach ort,—
N uair dhfhàgar duilfhòtus an Iòrdan nam buadh,
S an sàr fhuil an Uain théid tionnlad glan.

Glan, saor o gach truailleachd, bithbhuan, ògail, ùr,
An comunn do rùin sìor ghluaisidh tu;
S air aodann an Athar, gun athair do ghnùis,
Sìor dhearcaidh do shùil gun smuairean orr’.

title28
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page