LAOIDH.
An saoghal dh’fhàs aosda, a shòlais tur chaochail,
Dh’fhàs an saoghal so aosda a’s aogasg cha bhuan;
Dh’fhàs an saoghal tur aosda, lot eagal an aoig e,—
Ghlac uamhunn gach taobh e, luidh aois air a’s gruaim.
Tha ’ghrian anns na h-àirdibh air lagach’, air fàilneach’,
Shearg toradh nam blàraibh ’s am blàth anns an àm;
’S le eagal tha àrdan nam fineach’ air bàsach’ ,—
Luidh aois air gach àite, tha ’m bàs orra teann.
Tha ’n rìgh anns a’ chathair, an òg-bhean aig bàile,—
Tha clanna na h-amaideachd acaideach, leònt’;
Tha ’n neòinein air seachdadh, aon lòn cha ’n ’eil blasda,
Oir aosda tha ’n talamh, a’s fagusg tha ’m mòd.
An còir dhuinne gearan d’an eòl a’s d’an aithne
Faoin shòlais na beatha, ’s nach d’ altruim dhoibh gaol;
’S ann shuas ’tha ar cridhe ’s ar dhòchas cha diomain,
Ar crùn bheirear dhuinne ’n uair mhillear an saogh’l.
EASBUIG HEBER.
title | 31 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |