CUMHACHD GAOIL AN FHIR-SHAORAIDH.
An gaol ud iongantach an cumhachd,
Ios’, a ghlan an lobhar truagh,
O! ’an tròcair deònaich dhuinne
’N àm ar guidhe chur ruit suas.
O shal a’ pheacaidh a’s dhroch cleachdaidh,—
’Shal ar n-aigne uaibhrich, bhreun—
Smaointean truaillidh, dòchais pheacach,
Oige bhras a’s olc fhéin-spéis.
O thruaill’eachd mhòr ar cridhe feòlmhor,
’Tha r’ ar seòrsa ’leantuinn teann,—
O’n bhuaireadar ’tha carach, seòlta,
Ascreideamh ’s gòraich saor ’s an àm.
O ionmhas bhao’lta an fhir shao’lta—
Abhachd bhaoth na misg ’s an òil,
O’n t-saoghal mhorchuiseach a’s ghreadhnach,
Iosa, saor sinn, —saor le deòin.
EASBUIG HEBER.
title | 32 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |