XV SALM.
’An aros Dhé co ghabhas tàmh?
A dh’ fhanas ann gu buan ’s gu bràth?
An ti an ionracas a ghluas;
’Tha ’g oibreach fireantachd gach uair;
An fhìrinn ’labhairt tha gach là;
’N a chridhe steach fhuair ionad tàimh;
Nach lot a choimhearsnach le ’bheul,
Nach tog ’s nach aithris air droch sgeul:
Nach dean a chron ge d’ gheibh e fàth;
A rùnaicheas a leas gach là;
’Bheir onoir dhoibhs’ d’ an eagal Dia;
Le ’n suarrach luchd an uilc nach fhiach;
Ri ’fhocal seasmhach tha gach uair;
Nach caochail teisd ge d’ gheibheadh duais;
Nach agair air son airgid, òir,
Bonn réidh a bharrachd air a’ chòir;
’N aghaidh ’n ionraic nach gabh duais;
An neach a ni mar so gach uair
Buan chòmhnuidh gheibh ’an àros Dé,—
Seadh còmhnuidh ann gu sìor gheibh e.
title | 35 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |