CUMHA CLOINNE LE ’MATHAIR.
Bhuail thu mi, a Dhé, a’s smachdaich—
Cò am mac nach smachdaich thu?
Lot thu mi air son mo pheacaidh,
Ach gidheadh dhuit bheiream cliù.
Bhuin thu uam mo mhac—mo nighean—
Shàth do ghath gu geur ’am fheòil;
O m’ ruisg na deòir gu bras tha ’sileadh—
Ach molam thu gidheadh ri m’ bheò.
Beath’ an duine, cobhar tuinne—
Builsgein buinne ’s athghearr cuairt—
Ur ròs gàraidh ’n diugh ’s am màireach,
Seargt’ air làr, gun àgh gun snuagh.
Leams’ bu taitneach sibh ’n ’ur n-òige,
Blasd’ ’ur còmhradh mar chruit-chiùil;
Ach tha ’n t-òigeir a’s an òg-bhean,
’N diugh nan ònar anns an ùir.
Geal am bian mar chanach mòintich—
Dearg an gruaidh mar an suth-craobh;
Ise baindi, banail, mòdhar,—
Esan fearail, sgairteil, saor.
’S iad mo speuran a dh’fhàs gruamach,
O’n a thugadh uam mo chlann;
Dubh neòil air gach làimh ’ga m’ chuartach’—
Dh’fhàs mo chridhe fuar a’s fann.
Cha tog pìob e, cha tog dàn e—
Cha tog àbhachd e ni’s mò;
’N am eun tiamhaidh tha mi ’m bliadhna,
’S bidh gach bliadhna fad mo lò.
’Chridhe cheannaircich bi sàmhach,
Strìochd gun dàil do thoil an Triath;
’S bheir e ’n còmhnadh dhuit a dh’fhòghnas
Chum a ghlòrachadh gach iall.
Thug thu uam mo chlann, na h-abair,—
Thug thu leat an ni ’thug uait;
’S fhearr a’ chùis a bhi mar thachair,
Ged an ceart uair tha i cruaidh.
Pògam-sa an t-slat a smachdaich—
Bitheam umhal mar is còir:
Ge d’ ’s an àm nach ’eil i taitneach,
Bheir i toradh pailt fadheoidh.
Faic e toradh trioblaid, cruaidhchàis—
Faighidinn bhios buan a’s gràdh;
Seasmhachd ’s dòchas ri uchd cruadail,
Sud i ’n sguab thar sguab bheir bàrr.
Tha na buill ’fàs lag a’s bristeach
’Rinn mo cheangal ris an t-saogh’l;
Iarram còir ’s an Ti bheir misneach—
’S a threòraicheas gu tìr a ghaol.
Na bi dhomh, a Dhé, mar fhàsach—
Ge d’ is fàsach dhomh an saogh’l;
Deonaich dhomh gu pailt á d’ lànachd,
’S dean mo shàsachadh le d’ ghaol.
Beannaich dhomh a’ chlann a dh’fhàg thu,—
Chaoidh na fàg iad a’s na tréig;
Bi-sa dhoibh ’n ad thearmunn làidir,—
Cum iad sàbhailt’ o gach beud.
Bi ’n ad thargaid, bi ’n ad sgiath dhoibh,—
Bi gach iall ’n ad lòchran iùil;
Bi ’n ad Dhia dhoibh nis ’s gu sìorruidh,
’S lion am beul gu sìor le d’ chliù.
title | 37 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |