SEALLADH MHULLACH SHRON-A’-CHLACHAIN.
’S mi ’m shuidh’ air an tulaich, air mullach an aonaich,
Gun duine a’ m’ chuideachd—gu buileach a’ m, aonar—
Tha smaointeanan iomadh air m’ anam ag aomadh,
Bha fada ’n an cadal, ach innseam an t-aobhar.
Tha mo shùil air Loch-tadha, ’s gach faileas is bòidhche
A chi mì na bhroilleach, mur chaoin uchd caomh òighe;
Mar leanabh ’n a chadal ’am maduinn na h-òige,
A ghaoth buin gu caomh ris mu’n caochail a ghlòir-mhais’.
Tha ’n sealladh ’tha sgaoil’ air gach taobh agus làimh dhiom,
Làn maise mar b’ àbhaist, gnùis nàduir gun sgraing oirr’;
Na coilltean cho ùrar, luchd-ciùil air gach crann diubh,
Le ’n ceileirean siùbhlach, —mo rùn-sa gach àm iad!
Tha Dochard ’na dheannaibh a’ teannadh gu Lòchaidh,
An coinneamh a chéile, bean bheusach, chiùin chòmhnard;
’S ’n uair thig i ’na ghlacaibh ’s a naisgear iad còmhladh
Grad thréigidh a bhuirb’ e, a’s strìochdaidh a mhòrchuis.
Is maiseach an sealladh Gleann-Dochard ’s Gleann-Lòchaidh
Le ’n lùban, le’n glacan, le’n leacain’, le ’n còmhnaird—
Le ’n sruthana siùbhlach, le ’n dùsluinnean bòidheach,
’S an cluinnear an smùdan, am brùdhearg, ’s an smeòrach
Tha iadsan gun chaochladh ’s an aogasg a b’ àbhaist;
Ach cà’ bheil a’ chuideachd a chleachd a bhi ’tàmh annt’?
Tha cuid fo na leacan, ’s a’ chadal tha sàmhach—
A’ chuid is ro phailt’ air an sgapadh ’s gach àite!
Cà’ bheil a’ bhuidheann bha mireagach, luaineach,
Ag iasgach nan sruthan, ’s a tathaich am bruachan,
A’ cleasachd gu h-aotrom feadh raointean a’s chluaintean
’Trusadh chnò anns a’ choille ’s am faighte na ruadh-bhuic!
Tha Deisheir mur b’ àbhaist fo shàiltibh Beinnlamhair,
’S a’ ghrian air a dearsadh o àirde nam flaitheas;
Ach co chuireas fàilt’ oirr’ ni gàirdeachas leatha
Do ’n chuideachd a b’ àbhaist bhi pàrtach’ d’a maitheas!
Tha smùid o thigh m’ athar a’ dìreadh mar bha i,
’Na cearclaibh, ’s na dualaibh réir a dual as a nàduir;
Ach cà’ bheil an t-athair a dh’ altrum mi tràthail?
A’s caomhag nam mnathan! cà’ bheil i, mo mhàthair?
Chi mi ’n tigh-sgoile, gun mhùthadh, gun chaochladh,
Ach cà’ bheil na fiùrain a dhùisgeadh mo ghaol doibh?
Tha ’n sgeap mar a bha i, ach cà’ bheil an sgaoth ud—
Bha cnuasachd na meala, bha caidireach gaolach!
A’s chi mi an eaglais air lombar na sràide,
Ach cà’ bheil a’ chuideachd ’ga dùmhlach’ mar b’àbhaist?
C’ àit’ am fear-teagasg a choisinn mo ghràdh dha?
’Se freagradh mhictalla, “Is beag dhiubh tha làthair!”
Fo ghlasaibh nam fuar leac ’s an uaigh air an tasgadh,
Gus an tig an là Luan sin ’s am fuasglar a glasan,
Tha comunn mo ghràidh a bu bhlàth leam ’s bu taitneach,
’S na dh’ fhàgadh ’n an craobhan le aois air an seacadh.
Gu h-ìosal mu’m choinneamh ’n am folach ’s an dùsluinn
Am fochair a chéile tha ’n caisteal [Finlanrig Castle.] ’s a’ chrùislinn;
Tha esan na làraich, na àros do’n eunlaith,
’S ni’m faicear ann làmh gheal ni clàrsach a dhùsgadh.
Thréig a mhais’ e gu sìorruidh, o’n thriall iad na h-àrmuin,
’Tha balbh agus tosdach na fhochair a’s làimh ris;
Sgal sionnsair cha dùisg iad, mur bu dùgh a’s a b’àbhaist;
Is cadal am feasd doibh gus an tig là a bhràth orr’.
Bha iad innleachdach, teòma, a’s gaolach air beairteas—
’Ga thorradh ri chéile le eucoir no ceartas;
Ach faic mar a dh’ éirich, an tréine ’s an tapadh,
Do ’n aog b’ éiginn géilleadh, iad fhéin a’s an gaisgich!
Tha Cinnealla nan leòmhan ’s Acha-mhòr mar a bha iad,
Ach thriall na fir mhòra rinn còmhnuidh a’s tàmh annt’,
Chrion na stuic, shearg na fiùrain bha ùrar a’s fàsor;
Tha ’choill air a rùsgadh ’s na fiùthaidh air bàsach’.
’S iomadh mùgh’ agus caochladh ’chi ’n aois nach bu mhiann leath’,
Bheir deòir o na sùilean, ’s a dhùisgeas trom iarguin;
Chi i ’choill a’s an dùsluinn, ’s a fiùrana ciatach,
Bha nan àileagain rùnach air lùbadh ’s air crionadh.
Chi i ’n tigh air a rùsgadh ’s an smùid air a smàladh—
Tosdachd ’toirt buaidh far an cual i ceòl gàire;
Leac’ an teintein gun ainneal, a’s smalan ’s gach àite,
’S i fhéin air a dochunn le lot a tha bàsmhor.
Mìle soraidh do’n tìr, leam cinnteach bu taitneach,
Do Chlachan Chillfhinn a’s na glinn a tha ’n taic ris!
Do bheanntann càs, àrda, gach màm agus leacain,—
Tìr nam fear cròdha bu bhòidheach fo bhreacan!
Slàn leis na sruthain mu’m faicte an t-iasgair!
Slàn leis na mòintean ’s am faighte am fiadhach!
Slàn leis na sléibhtean, ’s Beinnléimhinn, mo chiad ghràdh!
Slàn le Braidealabann ’s am b’ ainmeil sìol Dhiarmaid!
title | 38 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |