[105]

LATHA BEALTUINN.

Thriall an geamhradh, thriall an t-earrach,
Thriall gach gruamaich, fuachd as gaillionn,—
Speuran dorcha, gaothaibh fuaimneach,—
Glìb as sneachda thriall mu thuath iad.

Tha gach sliabhbha lòm as seacta,—
Tha gach gleannbha geal le sneachda;
M fireach àrd, an sraths na cuantan,
Bi gàirdeachas on thriall am fuachda.

Cluinnear cantaireachds gach coille,
Tha deise bhainnse air gach doire;
Eoin ri sùgradh, spréidh ri mire,—
Bric aleums gach poll as linne.

Cluinnear anns achoill an smùdan,
N coileach-dubh air géig adùrdail,—
An dreathan-donn leòran siùbhlach,
As fagusg dhi an druids am brù-dhearg.

Os ar ceann gu h-àrds an iarmailt,
Leport sunndach, suilbhir, iasgaidh,
Cluinnear ged nach fhaic an riabhag,—
S càitan cluinnear ceòl cho ciatach?

S cluinnear ann am frìth an fhàsaich
N damh-donn alanganaich gu h-àrda,—
N eilid ghlan, a leannan gràdhach,
S an laoidhein beag amire làmh ri.

S chithear clann ri taobh gach alltain
Deasachcuirm air Latha Bealtuinn;
Ach chan ìobair iad do Bhelus,
Ge dthug an sinnsearaon uair géill da.

Tha deadhghean air gach ainmhidhs creutair,
Bhos air thalamh, shuass na speuran;


[106]

Tha beathateachd o shlios na gréine,
Atoirt misneach dhoibhus spéirid.

Faic na raointean, faic na cluaintean,
Abòcadhmach le feur as luachair!
Braonains clanna bheagg an cnuasachd,
S asireadh neadan còs nam bruachag.

Feuch trom dhealt air bàrr gach feòirnein!
N talamh breacaichte le neoinein!
Am facas riamhthug bàrr am bòichead
Air abhrat gach àita chòmhdaich?

Nach eutrom iollagach, ’s nach uallach,
Ceum na h-ainnirdol don bhuaile!
Dol a bhleodhan achruidh ghuailinn,
S an t-àl ògna còir gu guanach.

S nach sunndach, sgairteil ceum abhuachail
Adìreadh nam màms nam fuarbheann!
Le choin dhìleas, ullamh, fhuasgailt
On a thriall an sneachds am fuachda.

Ceud fàilte ort a Bhealtuinn aobhach!
Bhealtuinn shnodhach, bhliochdach, ghaolach,
Mhineineach, uanach, laoghach,
Amireag air gach làimh as taobh dhinn.

Ach cha mhair thu ach sealainn,
S cha mhair an t-earrach ach car tamuil;
Ur griansur blàths chan fhad a mhaireas,
Thig dubhar orra, ceò as smalan.

Thig àm nach cluinnear ceòls achoillidh,—
An searg an trusgan air gach doire;
Than geamhradhteachds cha dean e moille,
Leghnùis stoirmeil, ghruamaich, dhoilleir.

Cliùth gun robh do Dhia na tròcair
Da phobull taghta samhradh dhòrduich,—


[107]

Grian a dhealraicheasan còmhnuidh,
Air nach luidh smal an rìoghachd na glòire.

Tìr an àigh, aghràidhs a chaoimhneis,—
Tìr tha ghnàth gu soilleir, soillseach;
Tìr nam beannachd, tìr an aoibhneis,
Gun fheum air solus gréinno coinnle.

Tìr nam fonn nach caill am milseachd,
Tìr nan òran do nach sgìthich;
Tìr achiùil nach sguir gu dilinn,
Tìr nan aingeal as nam firean.

Tìr nan crann nach caill an àileachd—,
Gormus ùrar bhios gu bràth iad;
Croinn len duileach a bheir slàinte,
Tìr nan aimhnichean nach fàilnich.

Tìr an t-samhraidhchaoidh a mhaireas,—
Tìr gun fhuair-dhealt, gun chlach-mheallainn;
Tìr gun osna, deur no smalan,—
Gun fhuachd geamhraidh no tart earraich.

Tìrs an ìobrar cliùth gu sìorruidh
Do Thrì Pearsaidhean na Diadhachd,—
An a chuir an a riaraich
Na bha lagh as còir ag iarraidh.

Nach sona iadsan a gheibh còir oirr’!
Feitheamh orrtha uallach glòire;
Tobraichean tha làn do shòlas,
Mar ri Dia gu sìoran còmhnuidh.

title40
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page