[111]

CUMHA.

Chaochail mo nigheans a leanamh a air an dara deug do mhìos meadhonach an fhoghair, 1864.

S ann a cheithir bliadhnna taic so
Chaidh mo smachdachadhs mo leònadh;
Leag mo Dhia gu tròm a shlat orm,
Dhfhàg mi airsnealach as brònach.

Rinn e bristeadh air mo choille,
Ghearr e meangan a bha nòsar;
Fhuair min droch an àitan deadh-sgéil
Dhfhàgas éisleanach ri mbheò mi.

Thàinam buille orm gun fhiughair
Dhfhàg mi dubhach doirbh ri ghiùlan;
Dhfhalbh an t-uans amhàthair cuideachd,—
Feuman léigh cha robh do h-aon diubh.

S mairg a dhearbadh as an òige,
Ge dis bòidheach i ra faicinn;
Neart as cumas faoin iad còmhladh,—
S i ghòraich a dhearbadh asda.

Bha thus’, a Mhairearad, ògam bliadhnaibh,—
Bha thu ciatacham measg òg-bhan;
Og mar bhean thu, òg mar mhàthair,—
Ogn uair ghairm am bàs sibh còmhladh.

Tòige cha do dhìon on bhàs thu,—
Slàinte bha gun fheums an uair ud;
Gun fhios duit bha thu tiotadmhàthair,—
S is gann a bhan uair thugadh uam thu.

Bu chràiteach, goirtan sealladh tathar
Bhigur faicinn taisgte còmhladh,—
S an leabaidh chaoil maraonnur luidhe,
Le léinanairt oirbh mar chòmhdach.


[112]

Ach ge ddhfhalbh chan ann gun dòchas;
Tha sinne ri bròn as tuireadh:
S ge da thaisgeadh leinn fon fhòd sibh,
Measg nam beò nach faicear tuilleadh,

Chan ann am measg nam marbh a tha sibh,
Achan tìr aghràidhs na naomhachd,—
Mealtuinn comunn caomh an t-Slànuighir,
Ann am pàrasmeasg a naomh shluaigh.

An crìdhge dbha sibh aon uair salach
Ghlanadh sibhan uisgan fhuarain,—
N tobar nach deachoirnne fhalach
Ni ar glanadh o gach truailleachd.

Sìor thathaicheamsan tobar ceudna
Ni gach creuchd as lot a chàramh,—
Tobar glanaidh achroinn-cheusadh,
Deanam feum as faigheam slàintann.

Ge dmar scàrlaid tha mo pheacadh,
Dearg mar chorcar ge da tha e,
Nithear geal mi mar an sneachda
Fhrasas o na nèamhan àrda.

Lionmhor iad ge dtha mar ghaineamh,
No mar dhuilleach air na geugaibh;
Dubhar iad a mach gu h-ealamh,
Tre éifeachd fola achroinn-cheusaidh.

Bidhn fhuil sin fòsn a baile dìdein
Do gach ciontach dhiarras ann e;
Chaoidh cha ruig air gath amhillteir,
Bidh fuil Ios’ ’n a dìon gun taing dha.

Creid-sa so, O! thus’, a leughas,
S dean dhuit féin dhi stéidh do dhòchais,
Tachdair dean don a cheusadh,
S bheir e tearuinte gu glòir thu.

title42
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page