AN CRIOSDUIDH AIR LEABAIDH A BHAIS.
Soraidh leat a shaoghail
Ni’n caoineam idir thu:
Ged bu mhòr mo ghaol ort
’S ge b’ aobhach leam do ghnùis;
Bha uair, —ach rinn i caochladh
Bha d’ aogas is do dhealbh,
Am bheachd ro mhaiseach, ghaolach,
Ach chaochail i as dh’ fhalbh.
’N am bheachd, an tùs mo làithean,
Bu chàirdeil, blàth, ro chùbhr’,
T’ anail chaoimhneil, chàirdeil,
Do ’m fhàilteachadh le sùnnd;
Ach dhomhsa bu neo-dhìleas,
Neo-fhìrinneach a glòir;
’S bu domblasda a mìlseachd
A dh’aindeoin brìodal beòil.
A’ d’ thobraichibh a b’ùrair—
A’ d’ shruthaibh siùbhlach, dian,
Do dh’ òl mi, cridheil, sunndach,
Car ùine mar mo mhiann;
’S ge b’ bhlasda leam mar bhùrn e,
’S ge b’ùrar e do’m bheul;
Do tharruing mi do m’ ionnsuidh
A’ ghrùid maraon ris féin.
A bheantaidh corrach, àrda—
A ghleantaidh àluinn, gorm:
Soraidh agus slàn libh
Tha trà dhomh nis bhi falbh;
’S ged sgàilear sibh o m’ shùilean,
Le ceathach dùmhail bàis,
Cha tuir mi sibh ’s cha’n ionndrainn
Tha’m fhradharc dùi’ch’ is fearr.
’San uair so, ged nach éisd mi,
Bi d’ ghuthsa, ’Dhé, a’d’ chùirt,
’S do mholadh ged nach seinn mi,
Le d’ phobull mar mo rùn;
Cha bhi mi dubhach, deurach,
Fo éislein no fo bhròn,
Oir cluinnidh mi, a’s éisdidh
Do chliùsa Dhé an glòir.
Tha’m feasgar orm a’ ciaradh,
’S mo ghrian a’ triall tre neòil;
Tha ’n oidhche orm ag iadhadh
A’s siorruidheachd ’a m’ chòir,
’S ge eagallach, le ’umhais
Tha’m bàs ’san uair do’n fheòil;
Tha gàirdean treun ’g am chuartach’,
’S am buachaille am chòir.
Fàilte ort a shiorruidheachd,
A là neo-chriochnach buan,
title | 5 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |