[35]

UISGE NA BEATHA.

TAISB. xxii. 1,

’S e Eòin fhuair an sealladh
An sealladh ro ghràsmhor;
An sealladh do labhairt
An sealladh ro àghmhor;
N uair o chathair na Trianaid,
Na fhianuiss na làthair
Bhrùchd uisge na h-abhunn
S am bheil glanadh as slàinte.

An abhainn neo-thruaillidh
N am buadhan nach fàilnich,
Gun ghoinne air uisginnt
N tart earraich no samhraidh;
Na h-ìocshlainte dhrùighteach
Dhanam ciùirte as cràiteach,
Ni ghlanadh as ionnlad,
As iompachgu slàinte.

S cha shruthan beag, suarrach,
S uisge ruadh troimhe chéilann,
Na tàchar dubh mòintich;
Gun bheò-shlaint, gun éifeachd,
Losgaing iomairt an smàg ann,
S nithibh grannda as déistineach,
Ach fior-uisge fallan, gun ghaine, gun éiric.

S ionanns tobar nan gleanntan,
S nam beanntainean fàsail,


[36] Nach tiormaichs an t-samhradh,
Ge dthig cranntachd as blàths oirnn;
A bhrùchdas gun ghoine,
Mar ghloine cho àillidh
An tobar om bruchd sud,
Am bùrn a tha slàinteil.

Achuisle bheò, fhallain
M bheil anam as tàbhachd,
Chasgadh ìota gach cridhe
Tha tioram as tràighte;
A mhaireas gu sìorruidh
N a h-ìocshlainte ghràsmhoir,
Ag ùrachachridhe
Gusm brisear fo bhlàth e.

Than abhuinn sotreòrach
Don mhòr chuan on tàinig;
An cuan sin gun chladach,
An cuan sin gun tràghadh,
An cuan sin gun lìonadh,
Cuan sìorruidh aghràidh sin,
Tha neo-chriochnachs an Diadhachd
S than Criosdna mhuir shlàinte.

Tham beò-uisgslefheartan
Air a thairgse gu saibhir
Do gach anamtha tartmhor,
Do gach neach leis an àill e,
O! thigibh as faicibh,
O! blaisibh, a chàirdean,
O! òlaibh gu pailt dheth,
O! gabhaibhur sàith dheth.

An caithearur maoin leibh,
Air plaosgaibh bochd, falamh?
Carsonur ro shaothair,
Air faoineis neo mhaireann?


[37] Eisdibh riumsa le dùrachd,
Cuiribh ùigh ann am ghealladh,
S bidh mim dheoch asam bhiadh dhuibh,
Gu sìor a bhios maireann.

Chaneil tobars an t-saoghal
Nach traoigh as nach fàilnich;
Chaneil cìoch nacheil seasg ann
N uair a dhruideas am bàs oirnn
Chaneil saibhreas no beairteas,
Chaneil maise no tàbhachd,
Chaneil inbhe no urram
Gu buileach nach bàsaich.

Cha toir thu do dbheairteas,
Aon dadum fon fhòd leat;
S cha dean e do sheasamh
N uair ghreasar gu mòd thu:
Cha chlaonar am Breitheamh
Bho shlighe na còrach;
S cha chàm e an dìreach
Air mhìltean don òr dhearg.

Air gach cusbairs an t-saoghal
Thig caochladh gu h-aithghearr;
S mairg a bheireadh a ghaol doibh
S nach fhaod iad bhi maireann;
N uair nacheil anntach faileas
A dhaindeòin am bòichead;
S a mhillear iad baileach
N uair thàrlas am mòd oirnn.

S mairg a dheanadh a thaisgeach
Do dhaitreibh cho fàilneach;
Do dhaitreibh cho suarrach
N àm cruadail as gàbhaidh:
S mairg a chàrnadh a stòras
S an t-òr dam bheil gràdh aig,


[38] Ann am bothan cho breòite,
An tigh-stòir cho neo-shàbhailt’.

Tog tinntinn gu h-eallamh
On talamh, do dhùchas,
S na bi air do mhealladh
Le barail gur fiù e;
Oir meallar gu brònach
Addhòchass addhùil thu,
S mu gheall e dhuit sòlas
Bheir dòlas nach sùgradh.

N uair dhlùitheas am bàs ort
S beags fheaird thus an uair sin
An saoghal lechàirdeas,
S gach àgh tha mun cuairt air;
Cha cheannaich e sìth dhuit,
Na ìoc-shlàinte bhuadhaich,
S chan fhuadaich lebhriodal
Geilt-chrìdhuait is uamhunn.

O! Ard Righ na glòire,
Le deòin cròm do chluas rium,
Le dspiorad dan treòrach
Thoir eòlas don t-sluagh ort:
Dùisg ìotan an anam
Nach fannaichs nach bàsaich,
Gus an caisgear gu baileach
An abhuinn do ghràidh e.

title6
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page