CRAOAH-SGAOILEADH AN T-SOISGEIL
’AM MORTHIR AGUS EILEANAN NA GAEDHEALTACHD.
Tha sgeul ’ga sheanachas air feadh nan garbh-chrioch,
’S cha sgeul tha searbh e gun tairbh’, gun bhrìgh;
Cha sgeul gun bhlas e, cha sgeul gun snas e,
Ach sgeul ro-thaitneach ’cur neart ’s a’ chrìdh’:
’S e sgeul a’s binne, ’s e sgeul a’s grinne
Tha ’m beul gach fine ’an Innsegall;
An sgeul tha ’n dràsda aig lag a’s làidir,
A sgaoil ’s gach àite a bhos a’s thall:
’Cur neart ’an càileachd, ’s ag aiseag slàinte
Do dhaoine sàruicht’ le euslaint chruaidh;
Ag aiseag sìth dhoibh, ’s a’ fògradh strì uath’,
’Am briathran mìne, ro shìobhalt’, shuairc’.
Bu bhochd ar càramh ’n ar n-uain gun mhàthair,
’Sìor dhol air fàrsan o ’r leas ’s o ’r sìth;
Gu doilleir, ànnrach, a’ siubhal fàsaich,
Gun ionad tàmha, gun àite dìon;
Air uideal daonann, ’sìor dhol air faontra,
Gun iùil-fhear gaolach ag aom ’n ar còir,
A’ nochdadh gràdh dhuinn, ’sa’ deanamh bàigh ruinn,
A’ strì gu ’r sàbhal’ o ’r nàmhaid mòr.
Bu bhuan ar n-oidhche, gun reul ’toirt soillse,
’N uair bhrùchd oirnn boillsgeadh o ghrian an àigh;
Bu bhuan ar geamhradh, ach thàin’ an samhradh,
’S bidh meas nach gann air gach crann a’s blàr;
Luidh dubhar ’s ceò air gach àrd a’s còmhnard,
Bu chianail, brònach ar dòigh ’s ar càs,
Air bheagan eòlais, air bheagan dòchais,
A bheireadh sòlas ri dòruinn bàis.
Ach nis o’n dhealraich caomh ghrian an àigh oirnn,
Thig latha ’s fhearr oirnn le blàth’s a’s sìth;
Thig solus uaipe a sheòlas suas sinn,
Le blàth’s a dh’fhuadaicheas fuachd o’n chrìdh’:
Bidh ’n cridhe seachdta, an cridhe meata,
An cridh’ a chleachd ’bhi gun neart gun chlì—
Bidh snuagh air aonach, bidh feur, bidh fraoch ann,
Bidh trusgan caoin air gach aodan lòm;
Bidh sgeadach’ uain’ air gach àite duaichnidh,
Bidh aoidh a’s snuagh air gach glaic a’s tòm:
Bidh ’m fonn nach géilleadh do lòn ’n a sheusan,
Ach luibhean breuna gun fheum, gun stàth,
’Toirt stràchd nach suarrach do thoradh luachmhor,
’S an àm am buainear e, ’nuas gu làr.
Bidh ’m fonn bha tartmhor, ge d’ thigeadh dealt air,
A’ brùchd gu pailte le uisge beò;
’Na shruthain shiùbhlach a’s iad ag ùrach’
Gach lusan cùbhraidh a chaill an deò:
Tha beatha ’s tàbhachd ’s an uisg’ nach fàilnich—
Tha neart a’s slàint’ ann gu bràth nach tréig;
Cha reodh an geamhr’ e, ’s cha deubh an samhr’ e—
Ri teas no cranntachd cha téid e eug.
’S am fonn bha fuaraidh, a ghnàth fo ghruaman,
Thig caochladh luath air o fhuachd gu blàth’s;
Thig teas o ’n ghréin air a bheir gu feum e,
A bheir air géilleadh, ’s cha bheag an stràchd:
Bidh prìomh gach pòir ann, bidh eruinneachd ’s eòrn’ ann,
Na h-uile seòrsa ach pòr gun bhrìgh;
’S ’n uair thig an tuath’nach ’an àm na buana,
Cha bhi gnè ghruamain ’s an uair ’na chrìdh’.
Mar sgiobadh bàtaidh feadh thonnan gàbhaidh,
Gun stiùir, gun ràmh ac’ gu snàmh gu tìr;
Gun chairt ’thoirt iùil doibh, gun reul gu’n stiùireadh
Gu cala rùnach nan ciùin uisg’ mìn;
’Am builsgein oidhche, gun dearsadh soillse,
Làn geilt a’s oillte le cridhe brùit’;
Tha ’n cala prìseil, an cala rìoghail,
Cala sìochail nam mìn uisg’ ciùin—
An cala luachmhor, gun stoirm, gun bhruaillein,
A’ teachd ’s an uair so ’am beachd an sùl;
A’s air an tràigh ud tha ’n comunn gràdhach—
Buidheann àluinn mo ghràidh ’s mo rùin,
A’ smèid le ’n làmh oirnn, ’s le’n sealladh ’g ràdh ruinn,
“Grad thigibh ’n càirdeas Ard Rìgh nan dùl.”
title | 7 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |