AM BOGHA-FROIS.
A chusbair àluinn, ghràsmhoir, òrbhuidh,
Urrais àird air slàint’ a’s còmhnadh,
Biodh t’ fhiamh ghàire ort an còmhnuidh—
Seall ’an gràdh orm ri uchd dòruinn.
’N uair a reubas stoirm an t-athar,
’Cur nan dùil’ air mhire-chatha,
’Luidheas oidhch’ air uchd an latha,
Faiceam soillse do ghnùis fhlathail.
Cuir an céill dhomh, ’theachdair’ dhìleis,
Gealladh aoibhneach Dhé na firinn;
Innis dhomh am briathraibh mìne,
Chaoidh nach sgriosar sinn le dìle.
’N uair chithear thu, a dhrochaid bhòidheach,
Crocht’ os cionn nan tuilte mòra,
Seallams’ ort ’s an àm le sòlas
Mar an ròd gu rìoghachd na glòire.
Seallam ort, a choroin sgiamhaich,
Mar roi’ -earlais air Mac Dhia dhuinn,
’Chleith san fheòil àrd ghlòir a Dhiadhachd,
Ri ’n sìor sheallam ri àm diachuinn.
’N uair bha mi ’m leanabh eatrom, gòrach,
’Dearc’ le h-ìoghnadh air do bhòichead,
Dh’innseadh dhomh, mar sgeul gun sgleò e,
Na ’n glacainn thu gu’m meallainn stòras.
O raon gu raon ’s tric chuir mi ’n ruaig ort,
’S an dòchas bhaoth gu’n d’ thugainn buaidh ort;
Ach char a’s mheall thu mi ga m’ bhuaireadh,
Mar iomad faileas faoin o’n uair sin.
Ach ged ’mheall thu mi a’m’ bharail,
’S nach do chum thu rium do ghealladh,
Ged a chaochail glòir do ghathan,
’S ged a sgaoil iad feadh an athair,—
Dearcam ort, ’s na ceileam uam e,
’N Ti nach tréig mi ri uchd cruadail—
’N Ti bheir slàinte dhomh a’s sòlas,
’S leis nach meallar ’chaoidh mi ’m dhòchas.
’N uair bhios tuiltean ’brùchd air m’ anam,
’S tonnan buaireas a’ dol tharam;
Le sùil creidimh riut ’an còmhnuidh,
Ios’! bi dhomhs’ a’d’ bhogha dòchais.
title | 8 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |