4.
THAINIG na teachdairean a-raoir, gun dùil agam riutha. Dà dhuine le adan glas is còtaichean. Bha fàileadh an uisg bho chòta an dàrna fear, agus air smiogaid an fhir eile bha pìos pàipear-naidheachd steigte, far na gheàrr e e fhèin a’ sèibhigeadh. Cha do dh’fhaighnich mi dhaibh dè fàth an turais, bha fios agam air, agus cha do bhruidhinn iadsan riumsa na bu mhotha, cha leigeadh iad a leas. Rinn iad làraich le poll an casan air làr an ruma, aig an doras, anns an dol a-mach dhaibh, agus bha an aon ghàire critheanach – mar gàire a dh’fheuchadh duine ri dhèanamh an dèidh sgal chruaidh fhaighinn – air aodainn an dithis fhad ’s a bha iad a’ dèanamh seo. Gun dùil riutha, thàinig iad, gun smid bhuapa, dh’fhalbh iad; ach tha ’n cuan a bha, ga ruige seo, a’ sluaisreadh na mo chluasan a-nis air tionndadh. Slaodach, cho slaodach ’s nach saoil mi fhathast gu bheil gluasad idir air, tha e tòiseachadh a’ dol a-mach.
An-diugh, madainn àlainn; tron an talamh, dubh, air a thionndadh an siud ’s an seo, tha na barran beag uaine a’ tighinn an àirde. Latha ciùin earraich, nas coltaiche ri latha samhraidh. Am pàipear-naidheachd, gun fhosgladh, na laighe air bòrd a’ chidsin, fo mo làimh. ’S ann air latha mar seo a thiodhlaic sinn Màiri Thormoid, bean Mhurchaidh Chaluim; tha cuimhn’ a’m cho duilich ’s a bha e dhomh a chreidsinn, air a leithid a latha, gu robh a leithid a rud a’ gabhail àit’, gu robh tè air an robh mi èolach fad mo bheatha marbh, gun faireachdainn, am broinn bucais, a’ dol a tholl domhainn, dèante anns an talamh, ’s daoine eile, beò, le spaidean a bha gleansadh anns a’ ghrian, a’ tilgeadh cnapan ùr-gainmhich air a muin. Sin an latha a dh’fhaighnich Dòmhnall Ruadh dhomh, ’s e ’g amharc mun cuairt: ’Eil thu fhèin an dràsd a’ creidsinn, a mhic Dhòmhnaill Mhurchaidh, gun èirich na tha nan laighe an seo latheigin? Chan eil, fhreagair mi – mo ghuth caiseach, cinnteach – ’s choisich Dòmhnall Ruadh romham, a’ crathadh a chinn, ’s cha do dh’fhaighnich e ’n còrr dhomh ...
Aig uinneag a’ chidsin, mo dhà ghàirdean air a’ bhòrd, am pàipear-naidheachd, gun fhosgladh, fo mo làimh, tha mi cuimhneachadh air a sin, ’s air Màiri Mhurchaidh Chaluim, a bha cho gasd rinn na ar balaich, ’s air m’ athair ’s mo mhàthair, ’s air a liuthad duine eile a bh’ anns a’ bhail’ againn a dh’fhalbh ’s nach till. Leam fhìn ann an seo fad an latha (ach gum bi bean-eiridinn Bheurla a’ tighinn a-steach corra fheasgar, a thoirt sùil orm), tha mi a’ cur seachad mòran dhe m’ thìde ann an cuideachd nam marbh,
tha mi gam fhaighinn fhìn, tric, nan còmhradh, agus tha iad nas fhaisg orm an-diugh, anns an t-saoghal shàmhach, uaignidh anns a bheil iad, na bha iad a-riamh orm nam beatha. Aig amannan mar sin, ’s am bàs a’ teannachadh cho dlùth rium fhìn, shaoileadh tu gum biodh mo smuaintean cho àrd ris an adhar, cho farsaing ris a’ chuan, na thàmh an-diugh, geal mar airgead, le eathraichean beaga air am peantadh air, a-muigh aig iomall an t-saoghail ... Ach chan eil. ’S fheàrr leamsa, nam inntinn, a bhith gabhail cuairt a-mach an abhainn, ag iasgach, leis a’ chiad bunag slait a bh’ agam a-riamh, gach cùil is gluma eadar bun feadan Fhraisgearo agus àirigh Choinnich a’ Bhàird; neo steach an lot, a’ tòiseachadh aig cùl nan taighean ’s a’ gabhail romham gu ruig mi Slag na Sgeit, a’ cuimhneachadh air na h-ainmeannan (an Fhèithe Ghlais, Buaile na Crois, Cnuic Odhail) ’s far an robh clachan na crìch air an càradh eadar an lot againn ’s lot Sheumais Ailein, mus deach feans a chur ann. Air tulach Slag na Sgeit, a’ leigeil mo sgìths, thòisich mi feuchainn ri cuimhneachadh air a h-uile boireannach a thàinig a riamh na mo lùib; cuine ’s càite, dè cho fada ’s a dh’fhuirich iad, ’s carson a dh’fhalbh iad. Chuir seo dàil mhòr orm, ’s cha deacha mi, an latha sin, na b’fhaide na sin fhèin, na mo laighe anns an fheur, air m’ uileann. An dà fheum gu na chuir mi mo làmh cheàrr: piocladh mo shròin, ’s foragladh an gobhail bhoireannach ... Ach man as tric, cumaidh mi orm gu bàrr a’ chladaich, ’s an uair sin gu bàrr na tràghad; a’ tilleadh aig ceann lot ’Ain Mhòir ’s a’ dol air ais an taobh a thàinig mi, suas gu Geodha a’ Ghàrraidh ’s Isgebrith, a-mach cùl na h-Airde, gu Dìobadal; ’s an uair sin, ma tha m’ àilgheas ann, a’ ruighinn cho fada suas ri Tobha Ghabhsainn, a’ cur ainm air gach cladhan is cladach, piurra, palla ’s leac, sròin, geodha, sgeir is caolas, a th’ agam ann an sin, air mo shlighe. Cha bhi mi dol chun a’ chreagaich uair sam bith nam inntinn; cha b’ e fear chreagach a bh’ annam a-riamh. Uaireannan eile, an àite tilleadh aig bàrr na tràghad, bidh mi a’ cromadh sìos dhan an tràigh, ’s a’ coiseachd a-null air a’ ghainmhich (aiseal làraidh Sheoc fhathast a’ meirgeadh anns an aon àit’, aig bonn nan laibheanan) gu bun na h-aibhne. Tha fios agam air àite aig ceann shìos gluma na tràghad far am faigh mi tarsainn air an abhainn gun mo chasan a fhliuchadh, tha mi dìreadh a sin, a’ gearradh suas bealach nam Pàircean, ’s a-null am mullach gu Dùn Airnistean, ann an cuideachd Ailig Mhurchaidh ’Ic Fhearchair, duine caol a bhàsaich o chionn deich thar fhichead bliadhna. Tha ’n tac ann an seo làn rabaidean. ’Ille nàbaidh, nach bochd nach robh ’n gunna againn, tha Ailig ag ràdh rium. Chan eil mi cho fiosrach air
na h-ainmeannan air an taobh sa dhen abhainn, ach tha fios agam far a bheil Geodha ’Ille Raghnaill. ’S tha e còrdadh rium a bhith ann. Tha uaigh Alasdair MhicCrùislig an Airnistean, nach eil, Ailig? Famhair a bh’ ann. Nach biodh e math nan èireadh! tha mi ’g ràdh an uair sin, gun anail a tharraing, ri Dòmhnall Ruadh, a chuir a’ cheist orm anns a’ chladh. Duine caol eile a tha fhathast beò ’s a’ spàgail air leth sear a’ bhaile. Smaoinich am monbar a bhiodh ann! A liuthad trod a thòisicheadh, mus sealladh tu riut fhèin! Sin am freagairt a bha còir agam a thoirt dhut an latha ud, an àit’ an rud a thubhairt mi ... Ach bidh Dòmhnall Ruadh a-nis a’ coiseachd romhamsa gu bràth, a’ crathadh a chinn, ’s chan eil càil a dh’fhaodainn-s’ a ràdh a bheireadh air tionndadh no tilleadh ...
Latha earraich a-muigh, nas coltaich ri latha samhraidh. Chan fhaod mi nise dhol ann. Ach cha do thrèig mo mhisneachd mi, no mo dhòchas, ged a tha na droch làithean air a thighinn, is tanaisg, le teanga ealant’, a’ sainnsearachd rium bho gach còrnair ...
title | 4. |
internal date | 1975.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1975 |
level | |
reference template | Caimbeul Am Fear Meadhanach %p |
parent text | Am Fear Meadhanach |