[1]

REUL-EOLAS: ANNS AM BHEIL CUNNTAS AIR CUSPAIRIBH AN RIAN-GHREINE; AGUS Fath-sgriobhadh, ’S AM BHEIL GEARR-SHEALLADH AIR NA REULTAIBH SUIDHICHTE.

LE DONNACHADH M. CONALL.

Riamh o chruthachadh an t-saoghail a ta .... a chumhachd siorruidh agus a Dhiadhachd air am faicinn gu soilleir, air dhoibh bhi so thuigsinn o na nithibh a rinneadh.” —Rom i. 20.

[2] [3] [4]
[5]

ROI’-RADH.

Cha ’n e beachd árd air a chomasan féin a thug air an Ughdair an leabhar so a chlò-bhualadh. O cheann ioma bliadhna, chuir e duilichinn nach bu bheag air, nach robh, am measg gach leasachadh Fòghluim a bha air a chuir air aghaidhna dhùthaich, Oilean-Gàidhealach a bhràithre, acumail ceum air aon mhodh ri Oilean nan Gall. Tha Oilean nan Gall gu sònruichte air a leasachadh le leabhraichean a bhi air an cuir nan laimh, anns am bheil eòlasan an sam bheil sinn beò air an cuir fan comhair air mhodh so fhaicsinneach agus bhuannachdail. Chan fhaodar, mo thruaighe, so a ràdh do thaobh Oilean-Gàidhealach ar luchd-dùthcha. Mar abhainn aruith gun atharrachadh, tre linntean, anns an aon leabaidh, tha Oilean agus leabhraicheannan Gàidheal, ’nan cainnt fein, an t-aon ni. Mar dhorus a tha air gluasad o bhliadhna gu bliadhna, anns an aon suidheachadh air a lùdanaibh, tha ionnsuchadh nan Gàidheal air bheag


[6] atharrachaidh. Tha da-rìreadh an LEABHAR is fearr na gach uile leabhar acanan cainnt bhlasda, dhruighteach féin; gidheadh, tha e iomchuidh gum biodh aca mar an ceudna leabhraichean do eolasan coitchionn, mar a tha air am buileachadh air an co-chréutairibh a tha càllaichte [Civilized.] anns gach oisinn don t-saoghal. Gheibhear ann an dùthchaibh eile gach Ealdhain is Innleachd, a tha air am faotainn a mach le daoine teoma, fòghluimte air an clò-bhualadh, agus air an sgaoileadh am measg an t-sluaighnan cainnt mhàthaireil; ach ann an Gàidhealtachd na h-Alba tha na nithe so air an cumail air an ais, mar nach bairidh ar luchd-dùthcha air cùisibh co fiùghail a bhi air an cuir fan comhairmar nach bu chomasach ar cainnt fhìnealta air cùisean co àrd riu so aithris.

Se rùn an Ughdair anns an obair so a bhitogail suas meangan do aon do ghéugaibh maiseach, torrach an Eòlais choitchinn, a chums gum biodh sgéimh a measa air a faicinn, agus déidh gu blasad dheth air a gintinn. Chan urrainnear àicheadh nacheiln ar -ne bòrd do chuirm bhlasda air a sgaoileadh air beulaobh nan Galls nan Sasunnachnar n-Eilean, agus chan eil sinn ga mhaoidheadh orra, gabhadh iad an sàth dhith; ’s mar is a


[7] ghabhas iads e is fearr leinn. Ni sinn gàirdeachas ann. Gidheadh, ni is urrainn duinn àicheadh nacheil ni-éigin do fharmad againn riu. Bu mhiann leinn gun robh féisd co sùghmhor air a cuir fa chomhair luchd-àiteachaidhtìr nam beann, nan gleann, ’s nam breacan.” Agus do bhrighsgur e farmad a ni treabhadh,” dhiarramaid a bhicuir ar n-ainmhidhean fon airneisa bhideasachadh suic agus coltair ar croinna bhisealltuinn a mach siol don t-seorsa is fearr, a chum agus gum bi sinn asealbhachadh toradh, om bi sinn atoirt oidheirp a bhideanamh suas aon soitheach don chuirm bhlasda a dhiarramaid a bhi air asgaoileadh fa chomhair ar luchd-dùthcha: ann an dòchas gun tig muinntir is comasaiche air an aghaidh le soithichean eile gu bhi air an suidheachadh air bòrd na cuirme; agus gum bi, mun dtheid mòran bhliadhnachan thairis oirn, féisd air asgaoileadh air buird nan Gàidheal, trem bi iad asealbhachadh toil-inntinn neo-mheasgta, agus buannachd nach gannbuannachd a bhios air afaireachdainn ann an ámbuannachd a bhios a sìneadh thairis, eadhon don t-siorruidheachd.

Than t-Ughdair an dòchas, gun dean eadhon an oidheirp lag so a dhearbhadh gu soilleir, gu bheil comasan aig ar cànain a dhfhaodas a bhi air an


[8] gnàthachadh ann a bhitoirt soluis don aineolach air Ealain agus innleachdan ar ginealaich. Tha e mar an ceudna ameas gu bheil e mar fhiachaibh air gach neach, a reir a chothroim, a bhicuir an céilloibre iongantach an Tighearna.” Le Ealdhain Reultaireachd tha air mhodh sònruichte, mòrachd agus gliocas do-rannsachaidh Dhé air an sparradh air ar n-inntinn, air chor agus nach fhaodar leinn cluas bhodhar a thoirt do ghuth an Spioraid, a tha acuir an céill,

Molaidh gach àl do ghnìomhara
don àl a thig nan déigh;
Is toibre cumhachdach ro-mhòr
sior-chuirear leo an céill.

Urram do mhòrachd ghlòrmhoir féin
cuiridh min céill gu beachd;
Air toibribh iongantach gu léir
labhram, a Dhé nam feart.

Labhraidh daoine eilfòs air neart
do bhearta uamhasach:
Is mise foillsicheam gu mòr
do mhòrachd iongantach.”

SALM. cxlv. 4–6.

ABAIREADHAIN, Mios deireannach na bliadhna, 1856.

titleRoi’-ràdh
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page