[65] A’ GHRIAN.
Bithidh sinn a nis a’ tionndadh ar n-aire a dh’ionnsuidh a Chuspair òirdheirc, loinnear sin, is màthair-aobhair do gach gath soluis agus teas a tha air a shealbhachadh air gach cruinne a bhuineas do’n Rian-ghréine. Is tearc an àireamh do ar co-chreutairibh aig am bheil beachdan ceart agus eòlasach air a’ Chruinne bhreagha so. Tha iad ag amharc oirre mar nach bu mhò i na beantag ag éiridh suas air uachdar nan speur là an déigh là. Cha ’n ’eil faireachdainn aca gur e tha’n so cuspair co mòr agus nach urrainn dhuinn a’ mheudachd a chuir fa’n comhair air mhodh is comasach dhoibh a’ bhreithneachadh. Ged a charnadh tu suas, muin air mhuin, muillion gu leth do shaoghail, gach aon diubh co mòr ris a’ chruinne-cé so air am bheil sinne ’gabhail taimh, cha bhiodh am meall a dheanadh sud suas ach eadhon mu mheudachd na
[66] Gréine.
Tha thu ullamh gu ràdh,
Ciamar ma ta tha e ’
tachairt gu bheil i ’
g amharc co beag anns an iarmailt?
Tha mi a’
freagairt,
Ciamar tha e ’
tachairt gu bheil an tigh-
seallaidh air an rudha ud thall,
nach’
eil beag no suarrach ’
nuair tha thu ’
a d’
sheasamh aig a’
bhonn,
a’
sealltuinn co dìblidh air dhuit triall deich mìle air falbh uaith?
Ciamar tha e ’
tachairt gu bheil an t-
eun rioghail sin,
an iolaire,
a tha ’
sealltuinn co mòr ’
nuair tha i’
n toiseach ag éiridh air a sgiathaibh,
a’
fàs co suarrach ’
nuair tha i ’
g éiridh suas gu h-
ard anns an adhar,
agus gu’
n gabhadh tu i airson gobhlan-
gaoithe no breac-
an-
t-
sìl?
Tha dearbh-
fhios agad gur e ’
n t-
astar a tha na cuspairean ud uait a tha ’
toirt orra sealltuinn co beag.
Co-
chuir an teagasg ceudna ris an Fhear-
shoillseachaidh àluinn—
an Lòchran dhealrach so;
agus cha’
n fhàilnich thu fhaicinn do bhrigh gu bheil esan co fada ri 95,
000,
000 mìle air falbh uait,
gu’
m feum da-
rìreadh gur cuspair ro mhòr e,
ged’
a tha e réir coslais mar spot bheag air aghaidh na h-
iarmailt.
Thubhairt sinn gur e céin na gréine o’
n talamh 95,
000,
000 mìle.
Feuchamaid an urrainn dhuinn cail-
eiginn do bhreithneachadh a bhi againn air ro-
mheudachd an astair a tha ’
n so.
Gus an ni so a thuigsinn ni ’
s soilleire,
seallamaid ciod an ùine a ghabhadh peileir gunna a’
siubhal o’
n talamh a dh’
ionnsuidh na gréine.
Tha e air a ràdh gu’
n siubhail am peileir so aig astar cuig ceud deug mìle ’
s an uair;
agus gidheadh ghabhadh e seachd bliadhna a’
ruith uainne g’
a h-
ionnsuidh-
se.
Tha leth cheud
[67] mìle ’
san uair air a chunntadh ’
na shiubhal cabhagach airson carbad-
smùide air rathad iaruinn (
cha’
n ’
eil iad a falbh co bras ri so an Albainn).
A nis ged bu chomasach dhuit rathad iaruinn a shuidheachadh eadar sinne agus a’
ghrian,
ghabhadh an carbad so còr math agus dà cheud bliadhna a’
coimhlionadh an turuis,
a’
ruith a là agus a dh’
oidhche.
Sealladh eile air a’
chùis so.
Smuainich gu’
n robh rathad mòr eadar an talamh agus a’
ghrian.
A nis ged’
bu chomasach do each ruith air an rathad so gu’
n stad,
co luath ri fichead mìle ’
san uair,
fad deich uairean a h-
uile latha, ( ’
se sin dà cheud mìle ’
san latha)
ghabhadh e tri-
ceud-
deug bliadhna mu’
n ruigeadh e ceann na slighe.
Nach ro-anabarrach céin agus meudachd a’ chuspair so; mur biodh dearbhachd orra nach fhaodar leinn cuir na aghaidh, bhiodhmaid ullamh gu bhi cunntadh so mar naigheachd fhaoin, gu bhi air a h-àireamh ’am measg sgeulachdan na h-aimsir a dh’fhalbh.
Ach theagamh gu bheil an leughadair ag ràdh, mar a chuala mi fear do m’ luchd-dùthcha ag ràdh, ’nuair a bha na nithe so air an cuir f’a ’chomhair, “Faodaidh muinntir labhairt mar a thogras iad air na cùisibh sin, ach cha ’n eil e ’nan comas aon chuid astar no meudachd na gealaiche no na gréine a thomhas, cia b’e air bith mar a chuireas iad sgleo f’ar comhair ann am briathraibh.” ’S e theireamaid ri leithid so, Faicill bheag, na bi co cabhagach. Ged nach urrainn dhuinn gluasad
[68] thairis air an astar eadar sinn agus a’
ghrian,
gidheadh ’
s urrainn sinn a thomhas a’
cheart co cinnteach agus ge do choisicheamaid a h-
uile ceum do’
n ghrunnd.
Fiosraich do’
n bhalachan (
no do’
n phroitseach) ’
san sgoil a tha gu math air aghaidh ann an cunntas—
anns an earann deth ris an abrar cunntas-
tomhais—
agus innsidh e dhuit gur urrainn esan an t-
astar a tha eadar dà thaobh Loch-
fìne,
Loch-
tatha,
no Loch-
nis a thomhas gun dol thar an Loch idir,
a’
cheart co cinnteach agus ge do sheòladh e thar an Loch ’
sa thomhaiseadh e na h-
uile ceum deth le sreang no driamlach. ’
S ann ni eiginn air a mhodh cheudna is comasach dhuinn céin na gealaiche no na gréine fhaotainn a mach,
agus sin air a leithid do dhòigh agus nach fag teagamh sam bith air inntinn na muinntir is urrainn na ceuman a thuigsinn,
gu bheil an cunntas ceart.
Is co mòr an earbsa a th’ aig daoine fòghluimte tuigseach anns a’ mhodh thomhais so, ’s gu’n ceannaich agus gu’n reic iad oighreachdan gu’n aon amharus do thaobh mearachd air bith ’nan cunntasaibh.
’Nuair a bheir sinn fainear eadhon cuid do na nithe is urrainn speuradairean a roi’ -innseadh dhuinn, a tha gu teachd gu crìch ficheadan agus ceudan bliadhnan m ’an tachair iad, cha d’thig e dhuinn a bhi mi-chreideasach do thaobh an comasan a bhi leigeadh ris dhuinn leithid nam fìrinnean a chuir mi f’ar comhair—a bhi leigeadh ris dhuinn céin na gealaiche agus na gréine. Is urrainn iad innseadh
[69] dhuinn,
ùine mhòr roimh an àm,
gu bheil Dubhar gealaiche,
no Dubhar gréine ri tachairt aig a leithid so do uair do leithid so do latha,
agus mar so,
cia iomadh eadhon do’
r luchd-
dùthcha a bha ’
sealltuinn a mach airson Dubhar na gealaiche a bha air fhaicinn co breagha mu dheich uairean anns an anmoch,
air an treasamh là deug do’
n deicheamh mìos do’
n bhliadhna so féin (
1856).
Bha e air a roi’ -
innseadh dhuinn,
mar an ceudna,
gu’
n robh a leithid so do reul-
fionnaidh [Comet:Beurla. ] ri bhi air a’
faicinn air tighinn air a h-
ais a dh’
ionnsuidh fradharc an t-
saoghail so againne,
agus thachair e ghnath ceart mar a bha e air innseadh,
cha ’
n ann aon uair ach ioma uair.
Bu chòir do leithidibh sin do nithibh a bhi ’
toirt oirn cluas shuimeil a thoirt do theagasg luchd Reultaireachd,
agus gun bhi cuir cùl buileach ris,
gus air dhuinn a rannsachadh gu mion,
am faighear a mach leinn gu soilleir,
gu bheil ni-
eigin neo-
sheadhail agus neo-
sheasmhach air fhaotainn ann.
Air dhuinn mar so a’ leigeil ris gu bheil dòigh anns am faodar astar cuspair a thomhas gun tighinn dlù air idir, feuchaidh sinn a nis ri bhi ’foillseachadh dòigh anns an tuig, tha mi ’n dòchas, an t-aon is aineolaiche a leughas so, aon mhodh anns am bi e comasach air meudachd na gréine agus na gealaiche a chunntadh air a shon fein, gle dhlù air fior, ma ’se ’s gu bheil e ’gabhail a stigh céin nan cuspairean sin. Chum na crìche so gabh cuspair cruinn air chor-eigin, abair bonn airgid; cuir ri d’ shùil e,
[70] aig a leithid do astar uaipe agus gu bheil e gu h-
iomlan a’
còmhdachadh mar gu’
m b’
ann na gealaiche o d’
shùil—
aig a leithid do astar agus gu bheil am bonn airgid agus a’
ghealach dìreach an t-
aon mheudachd.
Air dhuit so a dheanamh,
an sin anns a’
cheart tomhas anns am bheil uidhe na gealaiche o ’
n talamh (
240,
000 mìle)
ni’
s mò na uidhe a bhuinn airgid o d’
shùil,
anns an tomhas cheudna tha a’
ghealach, ’
se sin tomhas na gealaiche troimhpe,
ni’
s mò na leud a’
bhuinn airgid.
Dealbh 13.
Tuigear an ni so ni’s fearr le amharc ri dealbh 13. Abair gu bheil do shùil aig A, agus gur e’n cuspair S, sgillinn, a tha thu ’cumail eadar do shùil agus a’ ghealach, g. Tha fhios agad gu bheil g 240,000 mìle air falbh. Tha thu ’cumail a’ bhuinn airgid aig a leithid do astar o’n t-sùil agus gu bheil e ’còmhdachadh na gealaich’ gu h-iomlan, agus cha ’n ’eil tuille: se sin tha’ n dithis dìreach an t-aon mheudachd, a rèir agus mar tha iad air am faicinn le d ’shùil aig an àm. A nis abair gur
[71] e leud na sgillinn òirleach: ’
s urrainn thu so a thomhas,
agus ’
s urrainn thu mar an ceudna ni eile a thomhas a bhios chum feum dhuit, ’
se sin an t-
astar eadar do shùil agus an sgillinn anns an t-
suidheachadh a dh’
ainmich mi. ’
Se ’
n t-
astar so sea fichead òirleach.
Feumaidh,
ma ta,
gu bheil a’
ghealach ni’
s mò na ’
n sgillinn a’
cheart uiread agus a tha ’
n t-
astar o’
n t-
sùil gus a’
ghealach ni’
s mò na ’
n t-
astar o’
n t-
sùil gus an sgillinn.
Ma chunntaisear leinn astar na sgillinn o’
n t-
sùil ann an leth-
òirlich,
chi sinn a’
chùis ni’
s furasda. ’
Se ’
n t-
astar so dà cheud agus dà fhichead (
240)
leth-
òirleach.
Chi sinn uaith so,
do bhrigh gur e céin na gealaiche 240,
000 mìle,
gu bheil dìreach leth-
òirleach againn anns an astar eadar an t-
sùil aig A agus an sgillinn,
S,
f’
a chomhair deich ceud (
1000)
mìle,
anns an astar eadar an t-
sùil agus a’
ghealach g.
A nis do bhrigh gu bheil dà leth-
òirleach air leud anns a bhonn airgid feumaidh gur e tomhas na gealaiche troimhpe,
o thaobh gu taobh,
2000 mìle.
No ma’
s miann leis an leughadair òg an ni so chunntadh gu mionaideach air a shon fein, ( ’
s ann airson na h-
òigridh gu sònruichte tha mi ’
leudachadh air a’
chùis)
chi e gu bheil astar na gealaiche o ’
n talamh co iomadh uair ni’
s mò na astar na sgillinn o ’
n t-
sùil,
agus a ni,
gu bhi ’
ga chunntadh na òirlich,
2000 mìle.
No ann am briathraibh eile, ’
s e àireamh nan òirleach ann an 240,
000 mìle,
an t-
astar eadar A agus g,
15,206,400,000 ÷ 120 òirleach (
an t-astar eadar A agus S)
= 126,720,000 òirleach,
ni is e 2000 mìle.
[72] Mar so fhuair sinn a mach ciod e meudachd na gealaiche dlù air an fhìrinn, (cha ’n e so an dòigh anns am bheil i air a tomhas le speuradairean), ach cha ’n fhaodar leinn stad an so, tha fathasd a’ ghrian againn ri thomhas. Seall air t-ais car beagan ri dealbh 13. Tha ’n cuspair G a’ samhlachadh na gréine. A nis ma shaoileadh sinn air tùs nach biodh e furasda meudachd na gealaiche fhaotainn a mach, ’s cinnteach gu’m bi e ni’s dorra ’nar beachd meudachd na gréine, G, a thomhas; ach ’nuair a sheallas sinn air a’ chùis le ’r sùilean fosgailte, cha ’n ’eil, eadhon so, ro-dheacair. Mar a thubhairt sinn, cha ’n ’eil e’n taobh thall do’r comas céin cuspairean fada uainn a thomhas. Rinn sinn so do thaobh na gréine, agus fhuair sinn a mach gu bheil i 95,000,000 mìle uainn. Thug gach neach, eadhon anns a’ ghleann is uaigniche do’n Ghàidhealtachd, fainear, gu bheil a’ ghealach agus a’ghrian, an uair a tha e ’g am faicinn air aghaidh nan speur, a réir coltais an aon mheudachd. Feumaidh, mata, ma tha a’ ghrian ni’s faide uainn, gu bheil ise ni’s mò, dìreach anns an tomhas anns am bheil i ni’s faide air falbh. ’Nuair tha Dubhar iomlan gréine a’ tachairt, tha dearbhadh soilleir againn gu bheil a’ ghealach g, agus a’ ghrian G, anns an dealbh an t-aon mheudachd do’n t-sùil. A nis mata do bhrigh gu bheil G ceithir ceud uair ni’s faide o’n t-sùil na g (oir tha ’n àireamh 95,000,000 gle dhlù air ceithir ceud uair ni’s mò na 240,000), tha gun teagamh G ceithir ceud uair
[73] ni ’
s mò na g.
Ach cia lion mìle a fhuair sinn a mach a b’
e tomhas na gealaiche troimhpe?
B’
e so 2000 mìle;
uime sin, ’
se tomhas na gréine troimhpe 800,
000 mìle,
do bhrigh gur e so ceithir ceud uair 2000.
Tha dòighean eile anns am faodar tomhas na grèine a dheanamh a mach ni’
s fìrinniche,
ach air a mhodh a dh’
ainmich mi,
tre am faod am balachan buachaille ’
na shuidhe air taobh an t-
sléibh,
meudachd na gealaiche agus na gréine a thomhas air a shon fein,
tha sinn a tighinn gle dhlù air a’
chùis. ’
Se fìor thomhas na gréine troimhpe 882,
000 mìle,
agus mu’
timchioll 2,
770,
000 mìle. ’
S co mòr am meudachd so,
agus gu’
n gabhadh Carbad-
iaruinn,
a’
ruith aig astar leth-
cheud mìle ’
san uair,
gun stad latha no oidhche,
sea bliadhna agus ceithir mìosan a ’
dol gu h-
iomlan mu’
n cuairt orra. ’
S co mòr i agus nam biodh a teis-
meadhoin far am bheil meadhon an talaimh,
gu’
n ruigeadh i mach,
cha ’
n e mhain gu ruig a’
ghealach,
ach eadhon gu 200,
000 mìle an taobh thall do’
n chuspair sin,
ged tha i ’
siubhal ann an cuairt a tha 240,
000 mìle a mach o’
n talamh.
Tha a’ ghrian a’ roladh air a h-aisil ann an cuig-là-fichead, seachd uairean agus dà fhichead ’sa h-ochd mionaidean (25 1/3 làithean). Tha ’n gluasad so air fhaicinn gu soilleir, le bhi ’gabhail beachd, le gloineachan-amhairc, air smalan no buill dhorcha air a h-aghaidh. Tha e air a thoirt fainear gu bheil na buill so a’ gluasad gu daonnanach an aon rathad,
[74] air dhòigh nach ’
eil cunntas air ach le bhi ’
gabhail a stigh an roladh so air a h-
aisil.
Bithidh sinn a nis a’ sealltuinn ri nadur a’ chuspair bhreagha so, o’m bheil sinn a’ sealbhachadh uiread do mhaith—solus dealrach agus teas taitneach. Bha cuid do chàileadairean—daoine fòghluimte—a’ smuaineachadh gu’m bu mheall mòr teine a’ ghrian, a ghnath a’ losgadh, agus mar so a ghnath a’ sgaoileadh a mach teas agus soluis do gach planaid an co-cheangal rithe. Ach tha ’m beachd so nis air a chuir gu h-iomlan a thaobh. Rinn leasachadh ghloineachan-amhairc an teagasg so fhagail gu buileach gun bhonn seasaidh. Tha reultairean a nis a’ còrdadh ann a bhi ’cuir f’ar comhair gur e h-innte ball dorcha, eadhon cosmhuil ris an talamh so air am bheil againn féin ar crannchur. Tha iad a’ comh-dhùnadh gu bheil dà adhar ag iadhadh mu a timchioll—gu bheil an t-aon is dlùithe oirre neo-shoillseach, ni-eigin cosmhuil ris an adhar a tha ’g iadhadh mu thimchioll an t-saoghail so—agus gu bheil an t-aon is faide uaipe soillseach, eadhon ’na aon lasair dhealrach. Tha ’n t-adhar lasarach a tha’n so, os ceann an adhair neo-shoillsich, air a leithid do mhodh agus gu’m faodar, a chum bhi ’ga thuigsinn ni’s fearr, a choimeas ri baideal do neoil a chithear leinn a’ snamh gu h-ard anns an adhar againn féin. Nam bu lasair am baideal neoil ud, an sin bhiodh gu freagarrach air a shamhlachadh a mach adhair na gréine—an t-adhar a tha fo na neoil a’ samhlachadh a mach an adhair neo-shoillsich a dh’ ainmich
[75] mi,
agus na neoil fein an adhair lasaraich is fhaide uaipe.
Mar so cha ’n ’eil e idir mi-choltach gu bheil an saoghal mòr ud air àiteachadh le creutairibh reusanta. Faodaidh e bhi gur e h-anns an lòchran dhealrach ud, a tha ’g éiridh suas air aghaidh nan speur, gu bhi dearsadh air a’ chruinne so air am bheil againne ar tamh, saoghal àitichte le bithean, a tha gun sgìos a ’cuir an céill mòralachd, gliocais agus neirt an Tighearna Dé Uile-chumhachdaich. Dìreach mar tha ’n saoghal so mòr thairis air gach aon eile anns an Rian-Ghréine, co is urrainu a bhi ’g àicheadh nach faod e bhi gu bheil an so glòir, gliocas, agus maitheas a’ chruithfhir air am foillseachadh a mach air mhodh ro òirdheirc, le creutairibh a laimh?
Tha air a mheas gu bheil teas a’ teachd o’n àile shoillseach,[Luminous gas:Beurla. ] a tha air an taobh a mach a’ cuairteachadh na gréine, seachd uairean ni’s déine na tha air fhaireachdainn o’n àmhainn, no’n fhùrnais, is teotha is urrainn a bhi air a’ teasachadh le làmh duine: ’se sin ge d’ bu chomasach dhuinn teine a lasadh co mòr ris a’ chuspair so, cha d’thigeadh a mach uaith ach an seachdamh cuid do’n teas a tha air a chuir a mach leis-san.
’S mòr da rìreadh na bheil do mhaitheas an Tighearna air a shealbhachadh leinne o’n Ghréin. ’S ann uaipe-se tha ’teachd gach gath soluis, agus gach caileigin teas, a tha air am mealtuinn leinn o àm gu
[76] h-àm.
’Sann leatha-
sa tha air aobharachadh gach sgàile dhathan a tha air am faicinn leinn anns gach luibh maoth,
gach duilleach craoibh,
agus gach trusgan maiseach,
a tha taitneach do’
n t-
sùil. ’
S e so am bann glòrmhor leis am bheil uile shaoghail an Rian-
ghréine air an ceangal,
agus air an cumail nan cùrsa,
air mhodh riaghailteach.
Le a comas-
tálaidh-
se tha iad air an cumail ’
nan cuairt,
a cheart,
co cinnteach agus ge do bhiodh iad air an ceangal rithe le slabhraidh dhiongmhalta. ’
S mòr na bheil da rìreadh do éifeachd a’
tighinn uaipe chum an t-
saoghail so againne.
Tha gach créutair beo a’
deanamh gairdeachas ri a teachd.
Gheibhear gach seorsa chuileag a’
dannsadh ’
na gathan le aiteas soilleir.
Tha eunlaith an adhair ga coinneachadh ’
nuair tha i ’
g éiridh anns an iarmailt le’
n òrain cheolmhor,
bhinn.
Le a cumhachd-
se tha na machraichean agus na sléibhtean air an sgeadachadh le trusgan bòidheach uaine.
Tha e air a dhearbhadh gu soilleir gu bheil gach uile sheorsa dhathon,
co dhiu is ann air luibhibh,
air trusganaibh,
no ni air bith eile,
air an aobharachadh le gathan na gréine.
Leo-
san tha deirgead an ròis,
gilead na lilidh,
buidhead an luis-
mhàiri,
agus uainead an fheòir,
air aobharachadh.
As a h-
eugmhais-
se cha bhiodh air fhaotainn,
air aon chearna do’
n domhan,
ach ogluidheachd mhi-
thaitneach agus tiugh-
dhorchadas.
Bhiodh beatha agus gluasad,
ceol agus aidhear,
gu h-
uile agus gu bràth air an sguabadh air falbh uainn.
Nan robh an Cruithfhear a’
toirt
[77] mu’
n cuairt gu’
m biodh ise ’
diultadh a soluis,
bu dòruinneach da rìreadh cor gach creutair air uachdar a’
chruinne so.
Cha’
n e mhain gum biodh an solus sòlasach air a thionndadh gu dorchadas ùdlaidh,
ach bhiodh mar an ceudna blàthas comhfhurtachail air iompachadh gu fuachd do-
ghiulan.
Cha’n ioghnadh ge d’ tha ughdair ainmeil a’ cuir an céill, Nach airidh esan is urrainn sealltuinn suas ris a’ chuspair ghlòrmhor so, gun taingealachd agus fior-chràbhadh ’na chridhe, air a bhi ’sealbhachadh maitheas a’ Chruithfhir. Nach d-thig e dhuinn a bhi ’togail suas ar guth ann a bhi a’ cliuthachadh ainm-san, a dh’ orduich
A’ ghrian gu h-uachdranachd san là,
chum dhuinne gu’m bu léir;
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu siorruidh feadh gach ré?