[77]

NA PLANAIDEAN.

Air dhuinn mar so sealladh aithghearr a ghabhail air cuid do nithibh mu thimchioll an talaimh, agus mu thimchioll a lochrainna gréine, an solus as ariaghladh an latha, agus na gealaiche an solus as lugha ariaghladh na h-oidhche, tionndaidhidh sinn


[78] a nis ar n-aire ris na reultaibh siubhlach, companaich an t-saoghail so anns an Rian-ghréine.

Chi sinn an t-ordugh anns am bheil iad so agluasadnan cuairtean timchioll na gréine le sealltuinn ri dealbh 14.

Tha G, ann an cridhen dealbha so, asamhlachadh na gréine, M air achuairt is dlùithe air G, Mercurius. Air an daramh cuairt tha Bhenus, air an treasamh an Talamh, air acheathramh Mars. Eadar i so agus an cuigeamh tha fhicheads a dhà do phlanaidean beaga no reultagan, a fhuaradh a mach, aon an deigh aon, on bhliadhna, 1801an àireamh is dhiubh trìd an leth-dusan bliadhna mu dheireadh. ’S in ath aon air an taobh a mach dhiubh so Iupiter, an ath aon Saturn, a rìs Uranus, agus an t-aon is faide mach Neptunus. Mu thimchioll gach aon fa leth dhiubh so, a reir an suidheachadh on ghréin, bheir sinn fainear beagan do nithibh.

title14
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page