[83]

BHENUS.

S i so aphlanaid air an dara cuairt on ghréin (Faic V, dealbh 14). Tha i 68,700,000 mìle uaipe.


[84]

S e a tomhas troimhpe 7800 mìle: tha i mar so gle dhlùth air meudachd an talaimh. Tha i cuir car dhith air a h-aisil ann an trì uairibh fichead gu leth: adeanamh cuairt iomlan timchioll na gréine ann an 224¾ làithibh. Tha asiubhal anns achuairt so co cabhagach ri 1380 mìle anns amhionaid. ’S i so aphlanaid is bòidhchenam measg uile. Be so an t-aobhar a thug air na Pàganaich an t-ainm, Bhenus, a ghairm dhith; ’s e sin Ban-dia gràidh, eireachdais, agus maise.

Tha ise, do bhrigh gu bheil i co dlù oirn, ag amharc co mòr agus co dealrach ri Iupiter, a tha ceithir ceud deug uair nis . Chan fhaicear Bhenus ach car beagan tìm mu éiridh agus luidhe na gréine. An uair a chithear leinn is amhaduinn, beagan roimh éiridh na gréine, canar dhith an Reul-mhaidne, no Lucifer; ’nuair chithear isan anmoch, an Reul-fheasgair, no Hesperus: noan cuid do earrannaibh don Ghàidhealtachd Reul abhuachaille.

Tha speuradairean am beachd gu bheil iad afaicinn adhar air aphlanaid so, nach eil idir ro mhi-choltach ris an adhar a thag iadhadh mu thimchioll an t-saoghail againn fein.

title16
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page