AN TALAMH.
’Se ’n talamh an treasamh planaid o’n ghréin. Ann an dealbh 14, tha e air a chomharrachadh, T.
Cha ’n abair sinn a bheag m ’ a thimchioll ’san ionad so, do bhrigh gu’n d’thug sinn fainear cùisean d’a thaobh-san co mionaideach cheana. ’S e a mhain a shuidheachadh ’am measg a chompanaich—planaidean an Rian-ghréine—na bheil a mhiann oirn a chuir an so fa chomhair an leughadair. Rinn sinn cheana, tha sinn an dòchas, a dhearbhadh gu soilleir, gur reul gluasadach anns an adhar,— ’s e bu chòir dhuinn a ràdh anns a’ chruthachadh—an talamh, eadhon mar na reultan so eile air am bheil sinn a nis a’ beachdachadh. Agus mar sin anns an aite so, ’s leòir dhuinn a bhi ’taisbeanadh a shuidheachaidh do’n taobh-san ’nan cuairt timchioll an t-Soluis mheadhonaich, òirdheirc, a tha ’comh-pairteachadh ris gach aon diubh d’a shoillse agus d’a theas. ’S e ’n talamh mata, mar a thubhairt sinn cheana, an treasamh ann an céin o’n ghréin.
title | 17 |
internal date | 1857.0 |
display date | 1857 |
publication date | 1857 |
level | |
reference template | Conall Reul-Eolas %p |
parent text | Reul-Eolas |