[85]

MARS.

Chunnaic sinn gur h-i Bhenus is dlùithe air an talamh air an taobh a stigh; air an taobh a machs i Mars as dlùithe air. Faic M air acheathramh cuairt on ghréin, dealbh 14.

Chaneil an saoghal so ach gle bheag, mu thuaiream an seachdamh cuid do mheudachd an t-saoghail


[86] againne. ’S e a thomhas troimhe 4100 mìle, agusastarna chuairt on ghréin 144,500,000 mìle.

Tha aphlanaid soroladh air a h-aisil ann an ceithir uaire fichead agus seachd mionaidean deug thar an fhichead: ’se sin, acuir car iomlan dith anns an ùine sin. Tha ideanamh cuairt timchioll na gréine ann an sea ceud, ceithir fichead, agus seachd làithean, (687), agluasad anns achuairt so co luath ri naoi ceud mìles amhionaid.

Tha air aphlanaid so, mar air achuid is do na planaidean eile, atharrachadh aimsirean; se sin, aimsirean teas agus fuachdsamhradh agus geamhradhearrach agus fogharadh.

N uair a dhamhairceas sinn air Mars troimh ghloineachan-amhairc, chi sinn gu bheil aice cruthan cosmhuil ri cruthan na gealaiche. Tha so aleigeil ris dhuinn gu soilleir nach eil solus aice-se innte fein, gur h-ann a tha i air asoillseachadh le solus na gréine.

Tha e air fhaicinn gu bheil na h-earrannan don phlanaid so is dlùithe air a croinn gle dhealrach, air atharrachadh dath na tha na h-earannan is dlùithe air a cearcall-meadhoin. Tha speuradairean aig am bheil gloineachan-amhairc comasach asmuaineachadh gur leacan mòra do eigh agus do shneachd a tha anns na ballaibh ud, aig am bheil dealradh is soilleire na na cuibhrinn eile: mar sin gu bheil timchioll croinn na planaid so fuachd do-ghiulan agus reodhadh, eadhon mar tha aig croinn an talaimh. Tha so gle choltach; oir tha na ballan dealrach


[87] so nis an àm geamhraidh Mhars; agus an uair tha na h-earrannan sin an àm a shamhraidh car tamuill fo dhearsadh na gréine, tha iad adol as an t-sealladh, ceum air cheum; mar gum bann aleaghadh air falbh le teas achuspair sin.

Tha e air a chreidsinn gu bheil adhar gle thiugh acuairteachadh na planaid so, agus gur h-ann le so a tha air aobharachadh deirgead a coslais. Tha ni eile a thatoirt air reultairibh a chreidsinn gu bheil adhar aice; tha iad atoirt fainear an uair a tha itighinn dlù air eadar iad agus rionnag, gu bheil doilleireachd atighinn air an rionnaig, a dath amùthadh, agus i fadheoidh adol as an fhradharc, eadhon mun dthig i gu h-iomlan eadar an rionnag agus an t-sùil.

Bha Sir Iain Herschelam beachd gur h-ann le nadur an fhearainn air uachdar na planaid so a than coslas ruadh a tha air fhaicinn leinn air aobharachadh. Tha e mar an ceudna aleigeil risdhuinn nach dfhagadh teagamhsam bith air inntinn-san gu bheil oirre muir agus tìr, cosmhuil ri ar saoghal féin. Thug e fainear gu bheil tuar na mara so uaine cosmhuil ri tuar na mara a thacuairteachadh eileanan agus cladaichean Gaidhealtachd na h-Alba.

An saoilear leinn am fàsach tiamhaidh, gun fheur gun fhochann, gun ainmhidh gun bhithean reusanta than so? Nacheil air aphlanaid so nithibh a tha co-fhreagarrach ri beatha luibhean agus chreutairean gluasadach? Nacheilan so uisge agus talamh;


[88] nacheil an so adhar agus neoil; nacheil an so aimsir theth agus aimsir fhuarsamhradh agus geamhradhearrach agus fogharadh? Chan fhaodar leinn a ràdh gu bheil air aphlanaid so, no air na planaidean eile, creutairean reusanta agabhail taimh, gidheadh tha sinn am beachd gur ladurna da-rìreadh esan a their nacheil sluagh ag aiteachadh cuid do na saoghail udnacheil an sud againn braithrean, a tha air mhodh ro chliùiteach acuir an céill moladh agus feartan an Cruithfhir, agus agabhail beachd le mòr-mheas air oibribh iongantach achruthachaidhair na neamhaibh a thacuir an céill glòir Dhé, agus air na speura, a thanochdadh gniomh a lamh.

Tha cuidam beachd gum fac iad gealach aleantuinn Mhars, agus mar an ceudna gealach aleantuinn Bhenuis. Faodaidh e bhi gu bheil so fior: chaneil e idir mi-choltach gum biodh aig na saoghail sin gealaichean guriaghladh na h-oidhche,” mar a tha aig an t-saoghal againne, ach chaneil e air a shuidheachadh mar fhìrinn sheasmhach, fhathasd co dhiu.

title18
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page