SATURN.
’S i Saturn an ath aon do shaoghail an Rian-ghréine. Cha robh eolas aig muinntir o shean air Uranus no Neptunus idir. Bha iad am beachd gu’m b’i so a’ phlanaid a b’fhaide air falbh anns an Rian. ’S ann a mhàin an deigh leasachadh ghloineachan-amhairc a fhuaradh a mach an dithis ud.
Cha robh fhios aig na seann daoine cia co breagha ’sa bha ’n cuspair so air an robh iad ag amharc, aig oir a mach an Rian-ghréine, mar a shaoil iadsan. Cha robh iad an dùil gu’n robh i so ach ni-eigin cosmhuil ri Bhenus, no Mars. Ach rinn gloineachan-amhairc a dhearbhadh gu soilleir, gur h-e tha’n so cuspair ro-òirdheirc. Dìreach smuainicheadh an leughadair cia co breagha ’s a dh’ amhairceadh an iarmailt againne air oidhche dhealrach, na’n robh
Tha’n leithid so do smuaintean, air mhodh anfhann, a’ toirt fa chomhair ar n-inntinn ni-eigin do choslas an t-seallaidh chiataich ud a tha air fhaicinn le luchd-aiteachaidh Shatuirn, ma tha i air a h-aiteachadh; agus gun teagamh cha’n fhaodar do dhànachd a ghnathachadh na theireadh gur fàsach tiamhaidh, neo-thorrach i. Tha i air a’ cuairteachadh le leithid sud do chearcall( ’se bu chòir dhuinn a ràdh le cearcaill) agus leis an àireamh ud do ghealaichean. Tionndaidheadh an leughadair a shùil ri a samhladh (S) air an treas cuairt o’n oir a mach
Is e uidhe na planaid so o’n ghréin, 905,000,000 mìle. Ghabhadh carbad iaruinn, a ’ruith a là ’sa dh’ oidhche, aig astar leth-cheud mìle ’san uair, còr is da mhìle bliadhna a’ deanadh an turuis.
Is e a tomhas troimhpe 79000 mìle. Ghabhadh e deich ceud saoghal co mòr ris an talamh a dheanadh suas aon co mòr ri Saturn. Tha i ’cuir car iomlan dith air a h-aisil, no deilg, ann an deich uairean gu leth—a’ deanamh cuairt iomlan timchioll na gréine ann an 29½ bliadhnan—a’ gluasad ’s a’ chuairt so co cabhagach ri 360 mìle anns a’ mhionaid.
title | 21 |
internal date | 1857.0 |
display date | 1857 |
publication date | 1857 |
level | |
reference template | Conall Reul-Eolas %p |
parent text | Reul-Eolas |