[100]

NEPTUNUS.

Tha sinn a nis air tighinn a chum na planaid is fhaide mach anns an Rian-ghréine. Dhainmich sinn


[101] roimhe gun robh cuid do nithibh air am foillseachadh le speuradairean a bhadearbhadh air mhodh so-fhaicsinneach gum bairidh an teagasg air creideas. Tha ann an eachdraidh faotainn a mach Neptunus còmhdach folluiseach eile air a so.

Is cuimhne leis an leughadair gun do chuir sinn roimhe fa chomhair gun robh fàth anns an Rian-ghréine rin canar comas-tàlaidh. Tha so air fhaireachdainn anns gach cuspair, on ghréin anns amheadhon gus achuairt-réul is fhaide mach. Is i abhuaidh so (comas-tàlaidh) a thacumail gach planaidna cuairt timchioll na gréine, agus gach gealachna cuairt timchioll a planaid. Le fios air éifeachd na buaidh so, tha reultairean acùnntadh gu neo-mhearachdach cuairt-shlighe gach aonan chuid priomh-phlanaid agus dara-phlanaid.[Primary and Secondary planets:Beurla. ] Tha iad adeanamh a mach gu mion, a réir am meudachd agus an astair o chéile, ciod en neart a than comas tàlaidh so agnathachadh air càch a cheile. Le sonam beachd, bha reultairean ainmeil, air dhoibh a bhisealltuinn ri suidheachadh cuairt-shlighe Herschel, no Uranuis, timchioll na gréine, asmuaineachadh gun robh cuspair eile anns an Rian an taobh a mach do Uranus.

Chaneil teagamh nach cuir so iongantas air cuid dor luchd-leughaidh, gidheadh tha e fior, leis abhuaidh (comas-tàlaidh) a thug mi fainear gu bheil speuradairean teoma, eòlasach, comasach air gach aon do na saoghail a dhainmich mi a thomhas,


[102] co dearbhta agus ged bhiodh iad aca ann am meidh agusan sgàlain. Chan e mhain, le eifeachd na buaidh so, gur urrainn iad an cudthrom a thomhas, achs urrainn iad mar an ceudna uidhe agus cumadh an lorg-chrios, ’se sin uidhe agus cumadh na cuairt anns am bheil iad agluasad; agus cuideachd luathas aghluasaid so.

Rinn eolas air na cùisibh sin Neptunus fhaotainn a mach mun dthainig riamh dearsa soluis uaipe dhionnsuidh na sùla. Bha ann an co-cheangal ri amas air an reul so do thapadh air a thaisbeanadh, na chruinnich mun cuairt air ioghnadh agus mòr-mheas an t-saoghail chàllaichte. Mar a thubhairt sinn roimhe, bha e soilleir do speuradairean gun robh comas-tàlaidh air a ghnathachadh air Uranus on taobh a mach, a bhaga tarruing a thaobh aig earrannaibh da slighe as achuairt anns an gluaiseadh i mar bhi so. Rinn fhear iomraideach do na speuradairean sinMr. Adamsan Sasunn, agus Mr. Le Verriersan Fhraingeuchdan, no beartan treubhantais anns achùis so. Ghabh gach fear dhiubh os laimh, agus gun fhios da gun robh am fear eilesan ruaig idir, a chùnntadh ciod en t-àite don iarmailt anns an robh aig an àm aphlanaid a bhag aobharachadh abhuaireis air an do labhair sinn. Shònruich Le Verrier a suidheachadh mar dhà leud na gealaiche don spot sin anns an robh i gu fìrinneach aig an àm, agus Adams mar thrì leud na gealaiche da sin. Dhfhoillsich iad mar an ceudna a meudachd agus a céin on ghréin, mar ghle


[103] bheagan don ni a tha a nis le dearbh thomhas air fhaotainn a mach a bhi fior.

Chuir am Frangach litir a dhionnsuidh caraid, an t-Olla Galleam Berlin, a rainig e air an treasamh fichead don naoidheamh mìos, 1846, ag iarraidh air sealltainn, le gloine-amhairc cumhachdach, airson na planaid so air an oidhche sin féin, agus aleigeil ris da aig acheart àm, an spot don iarmailt anns am faigheadh e i. Rinn an t-Olla Galle mar a dhiarr e air, agus air acheart oidhche sin phaigheadh a shaothair le sealladh air Neptunus.

Fhuair Adams a mach achùis so air thoiseach air Le Verrier, achs e Le Verrier a bu luaithe a leig ris an ni da chairdean. Mar so buinidh urram faotainn a mach na planaid so don Bhreatunnach agus don Fhrangach le chéile, agus gun teagamh cha bu bheag an teomachd, an t-eolas, agus an dichioll a thaisbean e annta.

Bha cuid asmuaineachadh gum fac iad cearcaill air aphlanaid so ni-eigin cosmhuil ri cearcaill Shatuirn, agus mar a chithear leinn i air achuairt is faide mach, dealbh 14. Ged thug sinn an coslas so dhith anns an dealbh, chaneil an ni fathasd gu h-iomlan air a dhaingneachadh. An ceann beagan ùine, ’nuair a thig i gu àitena cuairt anns am bi againn sealladh oirre o thaobh eile na tha againn aig an àm, an sin bithidh sinn comasach air a ràdh, am bheil no nacheil cearcall ma timchioll.

S e a céin on ghréin 2,850,000,000 mìle; agus air an aobhar sin, an uair is dlùithe i oirne, tha i 2,755,000,000 mìle air falbh uainn.


[104]

Se a tomhas troimhpe (a reir Lardner) 37,500 mìle. Tha ideanamh cuairt timchioll na gréine ann an ceithir bliadhna gu leth agus ochd fichead (164½).

Ged nacheil againn fathasd dearbh chòmhdach air gu bheil ach aon ghealach aig aphlanaid so, bha reultair, Mr. Lassell agus Mr. Challisam beachd gum faca iad gu soilleir dithis, agus mar an ceudna gun robh i air acuairteachadh le cearcaill. Agus chaneil e idir mi-choltach gu bheil àireamh do ghealaichean air am faotainn agluasad mun cuairt oirre, ged nach dfhuaradh a mach iad fathasd do bhrigh gu bheil i co ro-fhada air falbh uainn. Chi sinn gu bheil àireamh bhreagha aleantuinn nam planaidean eileSaturn agus Uranusa tha fada air falbh on lòchran mhòr, mheadhonach; agus mar sin, tha sinn ullamh gu bhi co-dhùnadh gu bheil aig Neptunus àireamh nach beag dhiubh cuideachd. Ach tha sinn an dùil, gidheadh, mun dtheid mòran bhliadhnachan thairis oirn, gum bi, tre chuir am feabhas ghloineachan-amhairc, maille ri farsuingeachd eolais air na cùisibh so, fios nis cinntiche mun phlanaid so agus a gealaichean.

title23
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page