REULTAN SEACHRAIN.
Cha ’n abair sinn ach ro bheag mu’n timchioll so; cha’n fhuiling meudachd an leabhair o dhuinn
Cha ’n ’eil e air a dheanadh a mach fathasd ciod e ghnè stuthan do ’m bheil iad air an deanadh suas. Tha cuid a’ smuaineachadh gu bheil an ceann, no’n cridhe do thiugh-ni, agus an t-earball ceòthar, ni-eigin cosmhuil ris a cheò, a chithear leinn ag eiridh suas air taobh a’ ghlinne anns a’ mhaduinn. Bha earr cuid dhiubh a’ sìneadh a mach uapa ceud muillion do mhìltean ’nuair a bha iad a’ tighinn dlù air a’ ghréin, ach a fàs ni bu lugha air dhoibh gluasad air falbh uaipe.
Tha àireamh mhòr do na cuspairean so a’ triall air feadh an Rian-ghréine. Tha air a’ chuid is lugha ceudan dhiubh air an cùnntadh: cuid a’ dol timchioll an cuairt ann an tri bliadhna—cuid ann an sea—cuid ann an seachd—agus cuid a’ gabhail suas air adhairt gu dlù air ceithir fichead.
title | 24 |
internal date | 1857.0 |
display date | 1857 |
publication date | 1857 |
level | |
reference template | Conall Reul-Eolas %p |
parent text | Reul-Eolas |