[109]

ROINNEAN AIMSIREAN.

Tha am bicheantas aimsirean air an roinn ann an earrannaibh, rin canar làithean, seachduinean, mìosan, agus bliadhnachan.

LAITHEAN.

Tha ceithir seòrsan do làithean ann, a dhfhaodas sinn a thoirt fainear.

1. LATHA NADURRA; ’s e sin an ùine tha soilleir do na ceithir-uaire-ficheadan ùine o chamhanaich


[110] na maduinn gu dubh-thrath an fheasgair. Leig sinn ris roimhe ciamar than ùine so ag atharrachadh aig gach aimsir don bhliadhna.

2. LATHA REULTAIL; leis am bheil sinn atuigsinn an ùine o na tha rionnag air bith dìreach os ceann cuspair an diugh, gus a bheil i air afaicinn anns acheart suidheachadh am maireach: ’s e sin 23 uairean, 56 mionaidean, agus 4 tiotan (seconds). ’S e so da-rìreadh an tìm a than talamh agabhail adeanamh car iomlan ma aisil.

3. LATHA GRIANAIL; leis am bheil sinn atuigsinn an ùine tharuith o na thaghrian dìreach os ar ceann aon latha gus a bheil isa chor cheudna an ath latha. Abair gu bheil thusealltuinn oirre os ceann meangan craoibh àraidh an diugh, ’se latha grianail an ùine gus am bi i air an aon mhodh os ceann acheart mheangain am maireach; ni is e, faodaidh sinn a ràdh, ceithir-uaire-ficheadaig àmaibh don bhliadhna tha e beagan nis faide na so, aig àmaibh eile beagan nis giorra, achs i so an ùine chuibheasach.

4. LATHA GEALACHAIL. ’Se so an ùine o na thaghealach dìreach os ceann cuspair an diugh, gus an dthig i os ceann achuspair cheudna am maireach. Tha so nis faide nan latha cumanta. Faic mìneachadh air ciamar a tha etachairt gu bheil latha gealachail co fada ri ceithir-uaire-fichead agus leth-cheud mionaid, air taobh-duilleagan 54 agus 55.


[111]

SEACHDUINEAN.

Tha e air fhaotainn a mach gu bheil ach beag na h-uile cinnich on ghréin acùnntadh àmannan le seachduinibh; ’s e sin le seachd làithibh. Than uiread so do eisimpleir aChruithfhir aig àm achruthachaidh, air sruthadh a nuas tre dhlù air sea mìle bliadhnaam measg gach uile chinneach agus dhùthchan air aghaidh an talaimh, saor a mhain o bheagan a tha air tuiteam a nuas gle fhaisg air staid nam brùidean le tur-aineolas.

MIOSAN.

Bheir sinn fainear tri seorsachan do mhìosan.—

1. MIOS REULTAIL. ’S e so an ùine tha aghealach agabhail adeanamh cuairt timchioll an talaimh, air a mheas do thaobh a suidheachadh fa chomhair nan reultan, a tha co ro-fhada air falbh, agus don taobh-san nach eil gluasad an talaimhna chuairt timchioll na gréine adeanamh mùthadh so-fhaicsinneach sam bith.

2. MIOS GEALACHAILnaoi-làithean-fichead, -uair-dheug, agus ceithirs fhichead mionaid. Tha so cuig uairean an uaireadair nis faide nam


[112] mìos reultail. ’S en t-aobhar gu bheil e nis faide, gu bheil an talamh agluasad air falbh on ghealaich, dìreach mar tha air uaireadair, lamh nan uairean agluasad air falbh o làimh nam mionaidean, air chor agus gum feum lamh nam mionaidean, a bha aig aon àm maille rithe, tuille agus car iomlan a dheanamh mam beir i oirre, a rithisd; oir am feadhsa tha isedeanamh car iomlan, ghluais lamh nan uairean air falbh an dara cuid deug don aghaidh, ni a dhfheumas lamh nam mionaidean a chuir a stigh mam bi i maille rithe rìs.

3. MIOS CUMANTA, no MIOS MIOSACHAIN (almanaic). Gheibhear a nis mìosachan, ach beag, anns gach tighsa Ghaidhealtachd; agus anns na leabhraichibh beaga sin, tha air an cuir sios gu soilleir, fad nam mìosan. Tha na h-uile aon diubh deich-làithean-fichead, no aon deug thar an fhichead, ach an dara mìos, a tha ochd-làithean-fichead re thri bliadhna, agus an ceathramh bliadhnaan coitchionn naoi-làithean-fichead. Tha dhà-dheug do mhìosan cumanta anns abhliadhna.

BLIADHNACHAN.

Cuiridh sinn fa chomhair an leughadair tri seorsan do bhliadhnachan.


[113]

1. BLIADHNA CHOMH-FHAD-THRATH, NO BLIADHNA GHRIANAIL. ’Se so an ùine than talamh agabhail adeanamh cuairt iomlan timchioll na gréine, no, ’am briathraibh eile, an ùine o na than talamh ann an ionad da chuairt aig àm air bith, gus an ath bhliadhna an dthig e chum acheart àite rìs. ’S e sin tri ceud, tri ficheadsa cuig làithean, cuig uairean, ochds fhichead mionaid, agus naois fhichead tiota.

2. BLIADHNA CHUMANTA, anns am bheil a mhain tri ceud, tri ficheadsa cuig làithean.

3. BLIADHNA-LEIM anns am bheil 366 làithean.

Bheir sinn a nis fainear cionnus a tha na mùthaidh so ann am fad nam bliadhnachan. Is i gun teagamh abhliadhna chomh-fhad-thrath, abhliadhna nadurra. Tha e soilleir do gach neach nach bobair fhurasda a chunntadh gu mionaideach, ciod an ùine a bhan talamh agabhailna chuairt timchioll na gréine. Be Iulius Ceasar, Impire na Ròimhe, acheud fhear a thainig gle dhlù air an fhìrinns achunntadh so, cuigs fhichead bliadhna roimh theachd Chriosd. Bha còmhnadh aige o fheallsanach àraidh, Sosigenes. Be beachd Cheasair gum be fior fhad na bliadhna 365 làithean, agus 6 uairean. Bha na h-Eiphitich acunntadh aig an àm so gun robh dìreach 365 làithean anns abhliadhna; ach thug esan fainear gun robh mearachdan so, a dheanadh suas mùthadh nach bu bheag ann an linntean, ged nach robh e ach suarrach ann am beagan bhliadhnachaibh. Ann an ceithir ceud


[114] bliadhna dheanadh e ràidhe do mhearachd— ’s e sin ceithreamh bliadhna: ni a bheireadh anns an àireamh bhliadhnachan sin -coinnle air ais gu dlù air meadhon an fhogharaidhmeadhon an fhogharaidh gu meadhon an t-samhraidh, agus mar sin sios. A chum am mearachd so sheachnadh dhòrduich Ceasar gum biodh na sèa uairean còr so, a bhadeanamh suas latha iomlan ann an ceithir bliadhna, air an cuir ri ceud mhìos an earraich, a h-uile ceathramh bliadhna. Tha air abhliadhna sin anns amhìos so 29 làithean. Canar don bhliadhna ris am bheil an so air a chuir ri ceud mhìos an earraich air a mhodh ud, bliadhna-léim, do bhrigh gu bheil i mar gum bann aléum latha air a h-aghaidh.

Ach ma sheallas sinn gu furachail air achùis so, chi sinn gu bheil latha ri ceud mhìos an earraich a h-uile ceathramh bliadhna tuilles a chòir. Nam be fad na bliadhna ghrianail 365 làithean agus 6 uairean, bhiodh so ceart gu leòir; ach tha i aon mhionaid deug, agus aon thiota deug nis lugha na so, agus mar sin tha mearachd an so cuideachd a dheanadh mùthadh nach beag ann an ùine mhòrmun cuairt do latha a h-uile seachd fichead bliadhna. Ann an 1582 bham mearachd so air fhaotainn a mach, agus le ordugh a phàpa Gregori air a chuir ceart anns achuid is do dhùthchaibh na Roinn-eorpa.

S e so am modh anns an robh achùis air a leasachadh. Bha an toiseach a h-uile bliadhna a burradh dhuinn a roinnna ceithir earrannaibh gun


[115] chòr fhàgail, mar abhliadhna so fein, 1856, air a cunntadhna bliadhna-léim. ’S in ath bhliadhna-léim 1860. Mar a thubhairt sinn bha so gle dhlù air fior, ach cha robh gu h-iomlan: agus bhan àireamh làithean a bha air chall air an cuir ris an aimsiran àm Ghregori; agus òrdugh air a chuir a mach a chum gum biodh an ni air a chumail ceart á so suasgum biodh a h-uile bliadhna a dhfhaodas a bhi air a roinn na ceithir ceud earrann gun chòr air fhàgail, air a cunntadhna bliadhna-léim cuideachdmar so is bliadhna-léim 2000, 2400, 2800.

Cha do chuireadh achùis so ceartam Breatunn gu 1752. Bha am mearachd aig an àm sin air cinntinn gu aon deug. Ben dara latha do mhìos meadhonach an fhogharaidh air abhliadhna sin an latha mu dheireadh don t-seann chunntas, le achd Parlamaid; agus an àite a bhi gairm an treasamh don ath latha, ’s e ghoireadh dheth an ceathramh deug. Than t-atharrachadh freagarrach a than so air a dheanadh o cheann ioma grathunn anns gach dùthaich chàllaichte, ach Russia a mhain. Tha a nis am mùthadh eadar an seann chunntas agus an cunntas ùr air cinntinn gu dheug.

S e so ma ta an t-aobhar nacheil Nollaig nan Gall agus Nollaig nan Gaidheal( ’an cuid do àitibh don Ghaidhealtachd co-dhiu) atachairt air an aon lathaan t-aobhar gu bheil dusan eadar riu. Agus do bhrigh nach e mùthadh fein-thoileach a thann, ach mùthadh air a stéigheachadh air eagnaidheachd dhaoine ionnsuichte, a bhagabhail beachd air


[116] oibribh aChruithfhir, agus ag iarraidh a bhi toirt mun cuairt co-chòrdadh eadar iad agus cunntais achreutairean, tha mi ameas nach biodh e mi-iomchuidh do mluchd-dùthcha gu leir, mar a rinn iomadh dhiubh cheana, a bhi dol a stigh leis achunntas ùr, ann an aireamh an aimsirean agus am féillean suidhichte.

title26
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page