FATH-SGRIOBHADH.
REULTAN SUIDHICHTE.
Aig toiseach na h-oidheirp lag so gu bhi sgriobhadh ’an cainnt ar dùthcha mìneachadh air reultaireachd, bha a rùn oirn cunntas a bu mhionaidiche a chuir sios air na reultaibh suidhichte, na tha a nis àite air fhàgail dhuinn air a shon. Rinn na nithe a thug sinn cheana fa chomhair an leughadair at suas co mòr ni’s mò na bha sinn ’s an àm sin am beachd, agus, gu bhi cumail ar leabhair anns a’ mheudachd, no eadhon dlù air a’ mheudachd a bha an sin ’san amharc againn, gu’m feum sinn a nis a bhi ro-aithghearr air a’ cheann so, le iarrtus gu’m bi anns an ath oidheirp a dh’fhaodas a bhi air a’ deanamh gu na cùisean cudthromach so a thoirt air beulaobh nan Gàidheal, (dh’iarramaid a bhi ’g altrum an dòchais le neach is comasaiche na’n sgriobhadair) an earrann so a’ faotainn an aire is cubhaidh dhith. Aig an àm cha d’thoir sinn air aghaidh ach beagan do bheachdaibh coitchionn air a’ chùis.
An uair is breagha a chithear leinn an iarmailt loinnreach sin a tha a’ cuairteachadh an t-saoghail so—an uair a tha i air a’ faicinn leinn mar gu’n robh i, tha mhòr comhdaichte le tacaidean bòidheach òir, a tha a’ dearsadh gu maiseach, cha’n fhaicear do na cuspairean dealrach sin, gun chòmhnadh ghloineachan-amhairc, ach a mhain beagan mhìltean. Gidheadh cha’n fhaodar leinn a bhi ’smuaineachadh
’Nuair a chuireas sinn ri ar sùil gloineachan-amhairc, eadhon gle mheadhonach, tha na ficheadan rionnag a tha ’nar sealladh ann an oisinn do’n adhar a’ cinntinn ’nan ceudan; ’s e sin, tha le neart nan gloineachan so, reultan eile ag eiridh mar ’nan teis-meadhoin sud, air nach bu chomasach do’n t-sùil lom ruigheachd idir. Agus le leasachadh ghloineachan tha na ceudan so a’ fàs ’nam mìltibh. Tha Sir Uilliam Herschel a’ leigil ris dhuinn gu’m faca esan a’ dol seachad air beul a’ ghloine-amhairc ann an uair do thìm, leth cheud mìle; ’s cha bu chomasach gu’n gabhadh an gloine a stigh ach crios gle bheag do’n adhar. Mar a tha teomachd dhaoine a’ deanamh nan gloineachan ni’s cumhachdaiche, tha àireamh nan rionnag a’ dol am meud. Cha ’n ann ’nam mìltean ach ’nam muillionan a dh’fhaodar a bhi nis gan àireamh—seadh ’s ann a bu choir dhuinn a ràdh, cha chomasach dhuinn idir an cunntadh, tha ’n àireamh a dol thairis air ni air bith is urradh dhuinn a thuigsinn na a
Gu bhi ’toirt oidheirp air ni-eigin do bhreithneachadh a thoirt do’n leughadair air céin Cygni, faodaidh sinn a thoirt fainear gu’n gabhadh gathan soluis deich bliadhna agus cuig fichead ’sa ceithir deug do làithean a’ dol thairis air an eadar-uidhe a tha i o’n t-saoghal so, ged tha iad a’ siubhal co cabhagach ri dusan muillion mìle ’s a’ mhionaid, mar thug sinn roimhe fainear. “Ghabhadh peileir gunna, aig cuig ceud mìle ’san uair, còr agus ceithir muillionan deug do bhliadhnachaibh a’ deanamh an astair cheudna.”
Mur ’eil mata na cuspairean breagha so a’ dealradh oirn le solus iasaid, feumaidh gur e h-anns gach aon diubh grian loinnreach cosmhuil ri grian an RIAN air an robh sinn a’ toirt cunntas anns an leabhar so. Agus ma’s grian gach aon diubh sud, a’ bheil e mi-choltach gu bheil cuideachd do shaoghail a’ siubhal m’a timchioll, a tha ’sealbhachadh a soluis agus a teas, eadhon mar tha saoghail an Rian-ghréine a’ sealbhachadh soluis agus teas Lòchrain dhealraich an latha?
Ciod e’n sealladh ro-òirdheire agus anabarrach mòralach a tha’n so air oibre miorbhuileach an Tighearna Dè Uile-chumhachdaich? Ciod e’n taisbeanadh air ro-mheudachd neirt a’ ghairdean sin air am bheil na muillionan do shaoghail mhora a tha ’dearsadh anns an iarmailt an crochadh? Dh’fheuch sinn a mach gu’n robh a’ ghrian muillion gu leth uair ni’s mò na’n talamh, ach tha ’n so muillionan air mhuillionaibh do shaoghail, mòran diubh ni’s mò na eadhon ise a tha mar sud co mor ’nar sùilibh-ne. Agus ma tha, mar a dh’fhaodas sinn a bhi ’smuaineachadh, planaidean a’ siubhal ’nan cuairtean timchioll orra sud, agus an comhnuidh
Tha na rionnagan air an roinn a mach le reultairibh o cheann uine mhòr a nis ’nan grioglachanaibh, no grunnanaibh, leis am bheil iad air an comharrachadh agus air an aithneachadh; ach aig an àm cha ’n ’eil cothrom air fhàgail dhuinn cunntas a dheanamh orra; ni mò is urradh dhuinn, mar aig aon uair a bha sinn am beachd, sealladh a ghabhail air na cuspairibh breagha sin, ri’n canar reultan dùbailte agus reultan trìbilte. Cha ’n abair sinn ach a mhain gu bheil air a thuigsinn le reultan dubailte, da rionnag a’ ruith mu’n cuairt tiomchioll a cheile; agus le reultan trìbilte tri, a’ deanamh an ni ceudna; ni nach ’eil a fàgail teagamh ’sam bith gu bheil anns na h-earrannaibh fad as sin do’n chruitheachd meur an Tighearna le comas-tàlaidh a cuir an gniomh oibre mora, mar anns an Rian-ghréine air an robh sinn a’ sgriobhadh.
Anns a’ cho-dhùnadh ’s e dh’iarramaid inntinn an leughadair a tharruing o oibribh a’ chruthachaidh gu DIA a’ chruthachaidh; agus ’an aon fhocal a bhi ’cuir ’na chuimhne ro-anabarrachd meudachd ioraslachd an Ti sin a chruthaich iad sud agus a tha gan ’cumail suas air a ghairdean uile-chumhachdach, ann a bhi ’cuimhneachadh oirne ’nar staid chaillte, agus a taisbeanadh dhuinn gràidh—ann an obair na saorsa, aig am bheil fad agus leud, airde agus doimhne, a tha ni’s dorra gu mor a bhi ’foillseachadh gu h-iomchuidh na tha na nithe nadurra sin a dh’ oirpich sinn a thoirt air aghaidh anns an leabhar so.
“Togaibh ar sùilean an aird, agus feuchaibh, co a chruthaich iad so; Esan a bheir a mach an armailtean
“Tha gniomharan an Tighearna
iomarcach mor gu leir;
Is leis an dream le’n tlachdmhor iad,
rannsaichear iad gu geur.”
—Salm. cxi. 2.
Bu dàna da-rireadh do’n ughdair a bhi ’m beachd gu ’m bu chomasach dha-san, aig nach robh o cheann dusan bliadhna a bheag do chleachdadh ’na chainnt mhathaireil, a bhi cuir an leabhair so (a cheud oidheirp) a mach saor o mhearachdan, gu sonruichte do bhrigh nach robh e na chomas ’am measg a luchd eolais ’s a’ bhaile so neach fhaotainn a dheanadh còmhnadh ris aig àm a’ chlò-bhualaidh; oir tha an cumantas triùir ’san àm so a’ sealltuinn thairis air leabhraichean Beurla: ach dh’ iarradh e bhi ’g altrum an dòchais nach deachaidh a shùil thairis air mearachdan cudthromach sam bith.
title | 27 |
internal date | 1857.0 |
display date | 1857 |
publication date | 1857 |
level | |
reference template | Conall Reul-Eolas %p |
parent text | Reul-Eolas |