CLAR-MINEACHAIDH.
Aile, seorsa àraidh do adhar; gas.
Aisil, dealg air am bheil ruidhil no cuspair cruinn air bith a’ roladh; axis.
Beairt-innleachd, inneal iom-fhillteach; machine.
Beantag, inneal airson fasgnaidh fa chomhair an t-soirbheis; winnowing-fan.
Bunabhais, dùilean; elements.
Càileadair, duine ionnsuichte anns na h-ealdhainibh; philosopher.
Càllaichte, eolasach air na sgriobtuiribh, is air ealdhain is innleachdaibh; civilized.
Cearcall-meadhoin an talaimh, crios a’ dol mu’n cuairt air, gach earrann deth aig an aon astar o na croinn; equator.
Comh-fhad-thrath, dà àm ’s a bhliadhna ’sam bheil an latha agus an oidhche an aon fhad; equinox.
Co-shìnteach, sreathan a tha ’n t-aon astar o cheile anns gach earrann, mar so;— ==========; parallel.
Croinn, le so tha sinn a’ tuigsinn cinn aisil an talaimh; poles.
Crios, bann àraidh no leud sonruichte mu thimchioll an talaimh gu h-iomlan; zone.
Cuairtean an talaimh, sreathan a dol mu’n cuairt air (faic dealbh 5); circles.
Cuibheasach, coimh-fhreagarrach; average.
Dall-thuiteamas, ni tha tachairt gun thionnsgnadh; Blind chance.
Dus, smùr nithean malcta do ainmhidhean no luibhean; remains.
Fàth, buaidh, bun, freumh; principle.
Fàth-sgriobhadh, sgriobhadh co-cheangailte ris a’ phriomh-sgriobhadh; appendix.
Feallsanach, caileadair; philosopher.
Grioglachan, grunnan; group.
Putan, cnap airson ceangal aodaich; button.
Rian-Gréine, a’ ghrian agus na cuspairean a tha ’dol mu’n cuairt dith; Solar System.
Tionnsgnadh, rùnachadh; design.
Tiota, an tri ficheadamh cuibhrionn do mhionaid; second.
Tiugh-ni, ni daingean; solid.
Tuaiream, barail; conjecture.
Tuar, coslas, dath; shade.
Udlaidh, dubharach, gruamach; gloomy.
Uidhe, astar, céin; distance.
A’ CHRIOCH.
CLO-BHUAILTE LE A. RIGH ’SA CHUIDEACHD, SRAID LEATHANN, ABAIREADHAIN.
title | 28 |
internal date | 1857.0 |
display date | 1857 |
publication date | 1857 |
level | |
reference template | Conall Reul-Eolas %p |
parent text | Reul-Eolas |