[43]

GAOTHAN-MALAIRT.

Anns na cearnaibh don t-saoghal a tha dlù air aChearcall-mheadhoin tha gluasadan àraidh a bhuineas


[44] dhuinn a thoirt fainear, do bhrigh gu bheil iad air an aobharachadh le teas mòr na gréine anns an aite so, agus mar so abuntuinn do Reul-eolas. Is e aon do reachdan nadurra gun dean teas gach cuspair a thoirt gu bhi afosgladh suas, air chor agus gu bheil e agabhail tuille rùim na dhfhòghnadh dha ann an staid a bfhuaire.

Mar so ma theasaicheas sinn pinne iaruinn, a bha dìreach alìonadh toll àraidh, ’nuair a bha e fuar, chi sinn a nis gu bheil e air at air chor agus nach dtheid e stighsan toll idir. No ma shéideas sinn aotroman gus a bheil e leth-làn, agus an sin ma chumas sinn e car beagan fa chomhair an teine, chi sinn eg at a suas, cuid air chuid, gus abheil am balg nach robh roimhe ach leth-làn, a nis gu h-iomlan làn.

Thug sinn cheana fainear gu bheil gu mòr tuille teas anns na h-earrannaibh is dlùithe don Chearcall-mheadhoin, na tha anns na h-earrannaibh is dlùithe do na Croinn. Mar a than t-adhar air a theasachadh, tha efosgladh suasafàs nis taineagus asnamh an aird, eadhon mar a shnamhas àrcan, no corcuis, air uachdar uisge. Air don adhar a tha air uachdar an talaimh a bhi mar so ag éiridh an aird, tha adhar eile asruthadh o na h-earrannaibh atha eadar so agus na Croinn, agus alionadh suas na falamhachd a tha air fhàgail. Mar biodh ni air bith eile atighinn a nis gu bhi ationndadh imeachd nan gaothan a tha mar so agluasad a chum aChearcaill-mheadhoin, ’se bhiodh annta, gaoth-tuath


[45] air an leth-chruinne mu thuath, agus gaoth-deas air an leth-chruinne mu dheas. Ach leis an aobhar a dhainmicheas mi, tha na gaothan so, chan e tuath agus deas, mar a bhitheadh iad nan robh an talamh socrach, ach on ear-thuath agus on ear-dheas. Tuigidh sinn air an dòigh so, cionnus a than t-atharrachadh ud atachairt. Le carachadh an talaimh air Aisil, tha gach ni a tha co-cheangailte ra uachdar, mar an t-adhar agluasad an ear maille ris. Than gluasad so an ear nis cabhagaiche mar is dlùithe air aChearcall-mheadhoin, do bhrigh, agus mar a tha e soilleir ri fhaicinn, le beachd a ghabhail air ball cruinn sam bith acarachadh air aisil, gu bheil uachdar laimh ris aChearcall-mheadhoin, ann an cuir car dheth, adeanamh Cuairt is na uachdar dlù air na croinn, no cinn na h-aisil; agus mar so do bhrigh gu bheil an chuairt acuir car iomlan diubh anns an aon ùine, féumaidh gu bheil an cuairt is aruith nis cabhagaiche, agus leis an aobhar so than t-adhar, no aghaoth a dhainmich mi, a bharuith a chum aChearcaill-mheadhoin, atuiteam air deireadh air uachdar an talaimh, a thagluasad an ear: agus mar so, tha uachdar an talaimh abualadh na gaoithe so, air chor agus gu bheil i air afaireachdainn mar gum biodh i aséideadh on ear thuath agus on ear dheas. Tha aghaoth ud gu tric a chum féum mòr do mharaichean; ’s urrainn iad a bhicunntadh oirre: agus mar sin, goirear GAOTH-MALAIRT dhith.

Faodaidh sinn gluasadan, agus aobhar gluasadan


[46] nan Gaothan-malairt ionnsachadh air amhodh so. Abair gu bheil seomar air a theasachadh gu mòr, agus cuir coinneal laiste ri bonn an doruis; chi thu do bhrigh gun déirich an t-adhar suas, anns an t-seomar gu bheil gaoth aséideadh na lasrach a stigh: tog achoinneal gu braigh an doruis, agus tha an sin an lasair air a séideadh a mach. Tha so asamhlachadh nan Gaothan-malairt, a thaséideadh a stigh don Chrios-theth air uachdar an talaimh, agus aséideadh a mach uaith a chum nan croinn, nis airde anns an adhar.

Anns an orduchadh so chithear leinn gliocas agus maitheas aChruithfhir. Tha Crios-teth an talaimh air fhionnuarachadh leis a ghaoith a thatighinn o na Croinn; agus tha na Criosan-fuara air am blàthachadh leis a ghaoith on Chrios-theth.

title7
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page