[49]

SEOLAN-MARA.

Than roinn mhòr dor luchd-dùthcha eòlach air an ni so. ’Se sin, tha fios aca gu bheil làn, agus


[50] thràghadh, no thraoghadh, ann aghnath anns no cuig uaire fichead. Ach tha sinn acreidsinn gu bheil mòran diubh aig nacheil fios sam bith, ciod iad na meadhonan leis am bheil so air a thoirt mun cuairt. Math dhfhaoidte gu bheil an còmhnuidh on òige gun aois aig taobh na mara, agus nach dfhiosraich iad riamh, ciod is aobhar gu bheil uair gach an t-uisge aig braigh achladaich, agus mar an ceudna uair gach , air tearnadh gu iochdar. Tha iad asealbhachadh buannachd on ni so, ach chaneil iad afiosrachadh co dhiu a tha etachairt o dhall-thuiteamas, na o aon do na laghannan rianail sin leis am bheil an Cruithfhear ariaghladh achruthachaidh, —leis am bheil a ghlòir agus a mhòrachd air an cuir an céill; agus mar an ceudna maith a chréutairean air a chuir air aghaidh.

Tha lagh àraidh anns achruthachadh ris am faod sinn a bhi acantuinn comas-tàlaidh,[Attraction of gravitation: Beurla. ] leis am bheil aon chuspair atarruing, no asùghadh gach cuspair eile, a thatighinn an taobh a stigh da chumhachd, da ionnsuidh féin. Tha fios aig gach neach gu bheil an t-uisge do leithid do ghne, gach cail-eiginn deth fuasgailte o chach a chéile, agus nacheil e duilich a tharruing gu taobh, as an t-suidheachadh anns am bheil e. Ma tha uisge againn ann an soitheach, ni gluasad gle bheag air an t-soitheach, an t-uisge a ghluasad gu aon taobh.

S i aghealach an cuspair is dlùithe air an talamham measg nan reultan, no nam planaidean, agus


[51] air an aobhar sin tha a comas-tàlaidh-se gu mòr nis na comas-tàlaidh aoin air bith dhiubh-san. Tha e air fhaicinn gu soilleir, leis gach neach a thionndaidhaire da ionnsuidh, gu bheil ise atarruing uisgeachan an talaimh fa comhair a chum an taoibh dheth air am bheil i aig an àm. Leis an tarruing so tha na h-uisgeachan air an toirt gu bhibolgadh a mach air an taobh is faisge oirre-se; tha iad mar an ceudna nis airde air an taobh is faide air falbh uaipe: agus tha iad le a tàladh-sa air an tarruing o na h-earrannan a tha eadar an bholg so, air chor agus anns na h-aitibh eadar-mheadhonach sin gu bheil iad nis ìsle, agus mar sin tràghadh anns na cearnaibh sin. Tuigidh sinn so nis fearr le bhi beachdachadh air na dealbhan a leanas. Ach mun dtheid sinn nis faide, thugamaid fainear gu bheil aghrian ann an tomhas atàladh nan uisgeachan mar an ceudna. Chaneil ideanamh so co mòr agus a tha aghealach, do bhrigh gu bheil i co ro-fhada air falbh. ’S e céin na gréine 95,000,000, mìle, agus na gealaich 240,000. Gidheadh an uair a tha ise agus aghealach a tarruing an aon rathad, tha edeanamh mùthadh mòr; tha anns achùis sin reothart againn: ’nuair a tha iad atarruing an aghaidh a chéile, chaneil an làn no an tràghadh co mòr, agus goirear dheth con-tràigh. Ann an dealbh 8 tha an reothart air a chuir far comhair. ’Nuair a tha reothart ann, tha, mar a chi sinn an so, aghrian agus aghealach air an aon taobh don talamh.


[52]

Dealbh 8.

Tha G ariochdachadh na gréine, g na gealaiche, agus a b c d an talaimh. Tha aghrian agus aghealach atàladh nan uisgeachan (a tha air am faicinn leinn acòmhdachadh an talaimh mun cuairt anns an dealbh so) a dhionnsuidh d, o a agus b. Tha e soilleir gu bheil an lìonadh aig d, a chum am bheil iad air an tarruing, agus mar an ceudna, air an taobh is faide air falbh aig c, far nacheil an comas-tàlaidh a ruigheachd nan uisgeachan air an aon mhodh. O a agus b thubhairt sinn gu bheil na h-uisgeachan air an tarruing air falbh, air chor is gu bheil tràghadh anns na h-ionadaibh sin. An uair a thaghealach air an taobh is faide air falbh on ghréin don talamh, than dithis, mar roimhe, atarruing nan uisgeachan o a agus b, agus mar sin tha anns achùis so mar an ceudna reothart ann.

An uair nacheil aghrian, aghealach, agus an talamh anns an aon sreath, mar anns an dealbh mu dheireadh, ach ann an suidheachadh eile, mar ann an dealbh 9, tha aghrian atarruing nan uisgeachan


[53] air aon slighe, agus aghealach air slighe eile; agus, mar sin, chaneil an lìonadh co ard, non tràghadh co ìosal. ’Se theirear ris con-tràigh anns an t-suidheachadh so.

Dealbh 9.

Than dealbh so aleigeil ris gu bheil aghrian, G, atarruing nan uisgeachan o a agus b, a chum d; agus g, aghealach, o c agus d, a chum a. Mar a thubhairt sinn cheana tha comas-tàlaidh na gealaiche nis , agus mar sin, leatha-se tha na h-uisgeachan abolgadh a mach aig a agus b; ach, a chionn gu


[54] bheil aghrian atarruing air slighe eile, chaneil airde an làin co mòr agus a bha e ann an dealbh 8.

S ann a mhain mu àm na gealaich ùir agus na gealaich làin a tha reothart ann, oir, chaneil aghealach, an talamh, agus aghrian ann an aon sreath, ach aig na h-àmaibh so. ’S ann a rìs aig acheud cheithreamh, agus aig an treas ceithreamh, a tha con-tràigh ann, do bhrigh gur iad so na h-àmannaibh anns am bheil aghealach agus aghrian atarruing calg-dhìreach an aghaidh a chéile.

Tha aghealach dìreach os ceann gach earrann don talamh aon uair ann an 24 uairean agus 50 mionaidean, agus air an aobhar so, tha thràghadh agus lìonadh againn anns an ùine sin. Do bhrigh gu bheil an talamh acuir car dheth anns na ceithir uaire fichead, bhitheamaid ullamh gu bhi asmuaineachadh gum biodh an làn a stigh uair re an tìm soaon uair air an ionad tha fon ghealaich, agus uair eile air an taobh is faide air falbh uaipe. Gidheadh, chan ann mar so a tha chùis. Aig acheart àm anns am bheil an talamh agluasad mun cuairt air aisil, tha aghealach asiubhal mun cuairtna slighe timchioll an talaimh, agus mar so feumaidh an talamh tuille agus car a chuir dheth mun d-thig an aon bhall deth, a than dràsddìreach fon ghealaich, gu bhi anns an t-suidheachadh cheudna a rìs.

Tuigidh sinn an ni so nis soilleire ma ghabhas sinn beachd air aghaidh uaireadair. Abair gu bheil an lamh còmhlath aig XII. Tha lamh nam mionaidean


[55] asiubhal mun cuairt, ach bheir thu fainear feumaidh i dol tuille agus aon char mun cuairt na h-aghaidh mum bheil iad còmhlath a rìs; oir anns an ùine a tha isedol timchioll na cuairt, tha lamh nan uairean air gluasad air a h-aghaidh o XII gu I, air chor agus gum feum làmh nam mionaidean an t-astar so a dheanamh a bharr air cuairt iomlan, mun d-thig i gu bhi anns an aon ionad ris an lamh eile a rithisd.

Air an dòigh cheudna, tha aghealach air gluasad air a h-aghaidh astar beag, anns an tìm a than talamh acuir car iomlan dheth, air chor agus gum feum esan tuille agus car a chuir dheth, mun dthig iad gu bhi anns an aon suidheachadh do thaobh a chéile anns an robh iad roimhe. Uaith so tuigear leinn cionnus a tha dlù air cuig-uaire-fichead, on àm anns am bheil an làn air a tharruing a stigh le tàladh na gealaiche aig àitair bith an diugh, gus am bheil e anns acheart suidheachadh anns an ionad sin am màireach.

Leis an orduchadh so than Cruithfhear acuir sior-ghluasadan anns achuan, a thafeuchainn a mach a ghliocais agus a mhaitheis air mhodh comharraichte. Leo so tha na h-uisgeachan sin a dhfhaodadh a bhi nan aobhar plàigh agus nan aobhar péin, le lobhadh agus boladh, air an deanamh nan aobhar fallaineachd agus mathachaidh do dhuine agus do ainmhidh. Ma tha eadhon linne gle bheag do uisge taimh ann, chan fhada, gu sònruichtean àm an t-samhraidh, gus am bheil boladh ag éiridh suas uaipe, a tha an chuid mi-thaitneach agus


[56] mi-fhallain. ’Nuair mata a sheallas sinn ri linne mhòir achuain, agus a ghabhas sinn beachd air ro-mheud an duslaich do luibhean agus do ainmhidhean malcta a thasocrachadh innte, nach faic sinn cia co ullamh agus a dhfhàsadh an sin boladh breun, a bhiodh na aobhar cràidh agus péin, an àite i bhi na h-aobhar buannachd agus toil-inntinn, mar a tha i aig an àm, nan robh i air a fàgail leis aChruithfhear na h-uisge taimh, gun ghluasadan, no meadhonan air bith eile gu bhicuir bacadh air an ni so. Ach leis aghluasad, a bha a nis fo ar beachd, maille ri gluasadaibh soirbheis agus sruthaibh eile, ’an comh-cheangal ri a sailteachd, tha araon gliocas agus maitheas an Tighearna air an cuir far comhair air mhodh nach fhaodar a bhi air an di-chuimhneachadh leinn, gun a bhifeuchainn a mach mi-thaingealachd chiontach, a tha ro mhi-iomchaidh dhoibhsan a tha gach asealbhachadh a thròcairean. Thugamaid fainear gur mòr am peacadh a bhidùnadh ar sùilean air caoimhneasaibh an sin anns am bheil againn ar bith, ar beatha, agus ar comas gluasaid.

title9
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page