[1]

I.

A CHAIRDEAN ’SA LUCHD-DUTHCHA IONMHUINN,

FAILTE OIRBH.

THA buidheann àraidh de dhaoine dealasach aig am bheil fìor ghràdh air ar dùthaich, an déigh gabhail os làimh, aig iarrtas àrd-sheanaidh Eaglais na h-Alba, sùil-choimhead chàirdeil a chumail air gach a than Eaglais a deanamh, no rùnachadh a dheanamh, airson maith aimsireil, agus gu h-àraidh maith spioradail nan Gaidheal a chur air aghaidh. An déigh an comhairle a chur riusan a dhearbh iad féin nan càirdean seasmhach dhoibh anns an am a dhfhalbh, chuir iad rompa, le comhnadh Dhé, agus le earbsa dhaingionn Annsan amhàin is urrainn soirbheachadh leo anns gach deagh chùis, leabhar Gaelic a chur amach uair sa mhìos, airson eòlas féumail agus taitneach a thoirt do na Gaidheil, mu na nithibh sin mun cudthromaiche dhoibh eòlas fhaghail.

Cha ruigear leas focal a labhairt guleigeil ris cia co tarbhach, agus co taitneach sa dhfheudar a leithid so de leabhar a dheanamh


[2] ma chuireas iadsan an guailne ris aig am bheil an cridhe an tìr nam Beann, aig am bheil tuigse agus fiosrachadh air na nithean a tha chum fior mhaith nan Gaidheal, agus a tha ealanta air sgrìobhadh na Gàelic. Ciod is prìseile na Eolas, no ciod is taitniche na e? Is fìor na thuirt an duine glic, “Tha eòlas thar an òir is taghta ann an luach.” — ’Se eòlas a thag àrdachadh an duine os ceann ainmhidhean na machrach; agus is iongantach ra thoirt fainear cionnas a than fheadhain is buirbe, agus is fuileachdaiche dhiubh, air an toirt fo làn smachd dha. Achs iongantaiche gu mòr an uachdranachd a thug eòlas don duine thairis air dùilean nàduir. Tha e iongantach, seadh, feudaidh sinn a ràdh, mìorbhuileach mar a thugadh an teine, agus an t-uisge féin gu bhi ann an càirdeas co dlù, ’s gum bheil iad a co-oibreachadh le chéile ann am malairt an t-shaoghail mhòir a chur air aghaidh, agus ann am freasdal don duines na mìltean dòigh. Nach eil iad so ag iomain nan luingeis is a shnàmh riamh air sàile an aghaidh sumannaibh a chuain mhòir, agus doinionan nan àrd-spéur— ’s air tìr mòr a giulan, o àite gu àite nam mìltean den t-shluagh le luathas, agus tearuinteachd a tha gach a meudachadh? ’S mar gum biodh an dòigh imeachd so mall-chéumach, agus fadalach, nach do chuir mac an duine dealanach nan spéur féin an sàs, agus nach eil e nis aige mar theachdaire, ’s mar ghille-gnothaich chum naigheachd, agus fios a sgaoileadh o chearna gu cearna le luathas as gann is urrainn don inntin féin a leantuinn. Leis an innleachd so cuirear fios car nan ceudan mìleo Lunnuinn gu Glaschoann am prioba na sula, ann an ùine nis lugha nos urrainnear a thomhas, no ainmeachadh.

Tha eòlas air innleachdan ùra mar so a dol air aghaidh gu luath gu . Theid e air aghaidh gu cinnteach agus is urrainn a ràdh càit an stad e? Tha cunntas air dol-air-aghaidh an t-shaoghail air a thoirt do gach fine san Roinn-Eorpa nan cànainnean fein, ach do na Gaidheil nan aonar. Agus tha cunntas air na nithean so, cha ne mhàin taitneach, ach tha e a fosgladh, a géurachadh, a beothachadh na h-inntin air dhòighs gum bheil sgéul mu gach innleachd ùr a treorachadh gu innleachdan eile, agus is fearr. Agus am bheil e ceart no iomchuidh gum biodh na Gaidheil air an gleidheil ann an doille a thaobh nan nithean mòr, agus iongantach a tha air am faotuinn amach air gach làimh dhiubh, agus a tha toirt an t-shaoghail air aghaidh co bras ann an cumhachds ann am beairteas? Chaneil. Agus mas urrainn dhuinne cha bhi an athais so nis faide air luchd labhairt na Gaelic.

Ach prìseil agus taitneach mar a thaeòlas air na nithean so, chaneil e ra chur an coimeas ris an eòlas is àirde agus is fearr, eòlas air Dia agus air an TighearnIosa Criosd. Sen ni àraidh mata a bhios nar beachd san leabhar so, slighe na slàinte shiorruith a dheanamh soilleir dor luchd-dùthcha, agus a bhi mìneachadh


[3] teagasgan, aitheantan, geallaidhean, agus bagraidhean an fhocail naoimha bhi leigeil ris do dhaoine an dleasnais do Dhia, agus don coimhearsnaich, sa bhi cur impidh orra ler nuile dhùrachd, iad a dheanamh greim air a bheatha mhaireannaich, agus cùram a ghabhail don anama neo bhàsmhor os ceann gach uile eile.

Dìonaidh, agus seasaidh sinn eaglais na h-Alba fhad sa sheasas ise air a bhonn air an do stéighicheadh i o cheann nan céudan bliadhnabonn na fìrinn, agus na diadhachd, air an do dheònuicheadh dhi urrad de bheannachd a h-Ard Chinn.

Ach an uair a sheasas sinn còir Eaglais ar naithrichean agus ar dùthcha ni sinn so gun ghoimh, gun ghamhlas an aghaidh earrainn air bith eile de Eaglais Chriosd. Ni sinn so mar iadsan aig am bheil fios gur ann de thoradh na feòla, agus de bhrosnachadh an diabhuil a thanaimhdeas, connsachadh, comh-stri, aimhreite, saobh-chreideamh, farmad, agus an leithide sin” —aig am bheil fios gure toradh an spioraid gràdh, aoibhneas, sìth fad-fhulangas, caomhalachd, agus maitheas.” —Faic Gal. v. 2022. Ni sinn so a ghnàth ann an seirc, agus ann an sìth-chainnt, mar a bhuineas do luchd-leanmhuinnPhrionnsa na sìthe.”

Leis an rùn so aguinn, an àitebhi brosnachadh, sa séideadh suas a chonnsachaidh a tha measg dhaoinaig an àm mu thiomchioll Eagluisean, agus, aidmheilean, sann a dhiarramaid a bhi sealbhachadh dhuinn féin beannachd luchd-dheanaimh na sìthe (Mata v. 9,) le bhig earalachadh réith-bheairt, seirc, agus gràidh bhràthaireil air na h-uile. Tha mòran nithe gan deanamh nar dùthaich aig an àm fo ainm diadhachd a tha mhì-dhiadhaidh. Tha gach gleann, gach baile, agus gu inbhe bhig gach teaghlach roinnte an aghaidh a chéile. Tha fuath, agus naimhdeas guineach, dìoghaltach air an nochdadh do chàch a chéile leòsan a bu chòir an gràdh agus an tairisneachd bu chaoimhe a nochdadh aig gach àm. A nis, gun a bhi cur buille air taobh seach taobh, theireamaidnach bu chòir do na nithibh so a bhi mar so” —gum bheil na nithean so gu tur mearachdach. Ciod air bith aidmheil no seorsa air an sloinnear sibh nach eil sibh ainmichte air Criosd a thag àithneadh do dheisciobuil uile iad a ghràdhachadh a cheile? Theireamaid ris na Gaidheil gu léir, “na bitheadh comh-stri eadarruibh; oir is bràithrean sibh.” Agus a bhàrr air a so theireamaid riu gum bheil an t-àm so gu sònruichte, agus gu solaimte ag àithneadh dhoibh gach uile mhìrun agus fharmad, agus anacainnt a chur dhiubh, agus iad fein irisleachadh fo làimh chumhachdaich Iehobhah. Rinn iad gu leòir de chonnsachadh agus de chàineadh bho cheann beagan bhliadhnachan. Agus ciod a thainig ra linn? Thainig lomadh agus smachdachadh bhon Tighearn. Thainig ganntar, agus gort a thug na mìltean teaghlach dlù air dorsaibh na h-ùaighe. Agus nach eil am fearann uilecaoidh fathasd fon bhreitheanas so? Gu cinnteach tha, agus se ar guidhe ri Dia gun sealladh e ann


[4] an tròcair, agus ann an toirbheartas air ar dùthaich bhochd aig an àm.

A bhàrr air a bhi feuchainn ri daoine theagasg anns an fhìordhìadhachd sin aig am bheil gealladh na beatha tha làthair agus na beatha tha teachdbithidh sinn bho àm gu àm a toirt cunntais air soirbheachadh an t-shoisgeil ann an cearnaibh eile den t-shaoghal co maith as ann ar dùthaich féin. Agus bithidh sinn a labhairt mu nithibh aimsireil mar an ceudnaa toirt iomraidh air eachdruidh nan làithean a dhfhalbha toirt fiosrachaidh mu dhùthchannan eile, agus gu h-àraidh mu na h-eileanan cìan sin a bhuineas do Bhreatunn, agus dom bheil a liutha mìle dor luchd dùthcha a dol air imrich bho àm gu àma toirt sgeòil mu mhargaidhean, mu chosnadh, mu naigheachdan an taoibh-deis. Bithidh sinn, ann an aon fhocal, a cur fa chomhair ar luchd-léughaidh gach a shaoileas sinn a bhios a chum fior bhuannachd dhoibhgach ni a bheir solus, farsuingeachd agus neart don inntinnibha bheothaicheas agus a bhrosnaicheas iad gu oidhirp fhearail, fhoghaintich, a thoirt air an cor féin àrdachadh, sa leasachadh.

Ach tha a chum an iarr sinn aire nan Gaidheal a thionndadh gu ro shonruichte, siad sin oilein cloinne, agus àiteach fearainn. Nam bitheadh iad cùramach mu fhoghlum agus mu oilean ceart a thoirt don cloinn, thigeadh grad atharrachadh air an dùthaich, agus bhitheadh àl an deigh àil a tighinn air an aghaidh an tuigse, am beairteas, agus am béus. ’S chaneil air bith rim am bheil cor dhaoine san t-shaoghal, agus bithbhuantachd an earbsa nan t-àrach a tha iad a faghuinn an tùs na h-òige.

A rithis, ann an cearnaibh eile den t-shaoghal, tha daoine aig am bheil a chearta co beag fearainn sa tha aig croiteirean na Gaidhealtachd am bitheantas, a tha toirt as an fhearann sin pailteas dhoibh fein sdan teaghlaichean, aig am bheil min as bainnes gach àm den bhliadhna. Feuchaidh sinn matà ri leigeil ris do na Gaidheil ciamar a dhfheudas iadsan an toradh ceudna a thoirt as an fhonnagus bheir sinn cunntas dhoibh bho àm gu àm air an doigh ghiullaichd is fearr, agus air a phòr is freagarraiche airson ghàraidhean agus dhaileanni a tha sinn an dòchas a ni mòran feum dhoibh.

Tha e gu cinnteach féumail gum bitheadh seòlaidhean mu na nithibh so air an toirt do na Gaidheil aig an àmoir tha e ro shoilleir gum féum iad tuille àitich a dheanamh na bha cleachdtasna bliadhnaibh a chaidh seachad. Tha e iomchuidh gum bitheadh gach duine aig am bheil iochd, no tlus na chom a strì ri maith a dheanamh do na Gaidheil an uair a tha ncor co cunnartach agus co deuchainneach sa tha en tràs. ’Se arn iarrtas dùrachadach a bhi, tre an leabhair so, a cuideachadh leocha ne a bhi gan tarruing bhon chomunn so, no don chomunn ud eile am measg dhaoine, ach a bhi gan tarruing bho chomunn an aineolais, na droch-bheairt, na bochduinn, agus na truaighe, ga’n


[5] tàladh ri comunn an eòlais, na subhailc, an t-shoirbheachaidh, agus an t-shonais, gan tarruing gu co-chomunn ri Athair na soillse agus na naomhachd trìd Iosa Criosd. ’Se so arn iarrtas, agus ma shoirbhicheas e leinn is suarrach leinn ciod an t-ainm air an sloinn daoine iad fein, no co an comunn rin ceangail siad iad fein.

San rùn so tha sinn an dòchas ri deagh-dhùrachd agus deagh-ghniomh gach Gaidheil thuigsich agus sheirceil am feadh sa ghleidheas sinn ri ar gealluidhean; agus a guidhe gun robh Dia nan gràs a deanamh a suas ur nuireasbhuidhean uile amach as an lànachd a tha ann an Iosa Criosd, tha sinn aig an am a dol an dàil ar noibre na ainm-san.

F. B.

titleI
internal date1848.0
display date1848
publication date1848
level
reference template

Fear-tathaich nam Beann I %p

parent textNumber 1
<< please select a word
<< please select a page