[5]

II.

SUAICHEANTAS EAGLAIS NA H-ALBA.

Bham preas alasadh le teine, ach cha robh am preas air a losgadh.” —Ecsod. iii. 3.

BHA Maois na bhuachaille chaorach, a gleidheil tréud Iethro Athar-céile an uair a chunnaic e an sealladh iongantach air am bheil cunntas aguinns na briathran so. Cha bann ri doilleireachd na h-oidhche, ach ri àird a mheadhoin cha bann ann an aisling, ach na làn fhaireachadh a chunnaic se e.

Bha en rùn Dhé Maois a chur mar theachdaire le àrd ùghdaras uaithe féin a dhionnsuidh Pharaoh righ uaibhreach na h-Eiphit a dhiarraidh air saorsathoirt dophobull taghta féin a bha esan a gleidheil nan ciomaich bhochd ann an daorsa chruaidh. Agus anis chum misnich a thoirt do Mhaois, agus aire a dhlù-thionndadh chum na bha Dia gu labhairt ris, dheònaicheadh dha an taisbeineadh so a bu mhìannach leinn a mhìneachadh gu h-athghoirid dor luchd-léughaidh.

Is ann air cùl na fàsaich a bha Maois a buachailleachd an tréud; agus thainig e gusliabh Dhé, eadhoin gu Horeb” —aite uaigneach, aonarach, cianail mar gum bann air cùl an t-shaoghail mhòir. Ach càit am bheil an t-uaigneas anns nach eil Dia ra fhaotainn, no anns nach féud co-chomunn a bhi aig duine ris an is Airde? Anns an àite so dhfhoillsicheadh Aingeal an Tighearna dha ann an lasair theine a meadhon pris. Cha ruig sinn leas a bheag no mhòr a radhuinn a leigeil ris co bè Aingeal so an Tighearna. Cha bAingeal cruthaichte a bhann achAingeal a choi-cheangail” —Esan a ghabh do ionnsaidh féin an t-ainm glòrmhorDia Abrahaim, Isaaic, agus Iacoib”, agus a rithist, anns a cheathramh rann déug den chaibdeal far comhair a thubhairtIs an is ” —gun amharuss é an dara Pearsa den Trìanaid shíorruidh, agus a tha co-ionnan ris an Athair anns gach buaidh, a choinnich Maois anns a phreasEsan mun do labhair Maois agus na Fáidhean uileArd-cheann, agus Uachdaran Eaglais féin, anns


[6] gach línn, agus a mhaireas marsin gus an cuir é a naimhdean uile fochosaibh.

A nis mata feòraicheadhmaid ciod a bhan sealladh mòr so aciallachadh? oir cha tug Dia ríamh seachad taisbeanadh den t-sheòrsa gun cheann-fàth sònraichte a bhi air a fhreagairt leis. Dlùthaicheamaid mata air a phreas naomha so as am bheil an lasair, agus ma thubhairt Dia ri MaoisCuir dhiot do bhrògan, oir an talamh air am bheil thu ad sheasamh is àite naomh e,” nach maith a thig e dhuinn a chùis a rannsachadh le mòr irisleachd, agus le guidhe dhùrachdach gun deanadh a Spiorad ar sdiùradh chum beachd ceart a ghabhail air.

Cha neil teagamh aguinn nach bu mhìannach le Dia staid, agus cor Eaglais Israeilan aon Eaglais fhìor a bha aigesan àm sin air aghaidh an t-shaoghaila leigeil ris dhuinn ann an so; agus misneach mar an ceudna a thoirt do Mhaois anns an teachdaireachd ro chudthromaich air an robh e gu bhi air a churdearbhadh a thoirt dha gur e Dia da ríreadh a labhair ris. Bha Eaglais Israeil da rìreadh air an àm so, mar phreas ra theine, ann an déuchainn mhóir, agus fo ghéur-leanmhuinn eagalaichfo àmhghair theinntich anns an Eiphit; gidheadh cha robh í air a sgrios, do bhrìgh gun robhAingeal a chumhnaintmaille rithe, agus nameadhon. Is sàmhladh gràsmhor a than so air làthaireachd Chriosd le Eaglas an àm a h-àmhghair, ’sa déuchainn air feadh gach linn den t-shaoghalagus bha e na bharantas dhoibhsan a chum an robh Maois a dol, a dhaindeoin de co teinnteachs a bha a ghéur-leanmhuinn, nach tréigeadh an Dia iad. Bíosal, agus a réir nòs an t-shaoghail, bu tàireil staid Israeil aig an àm so, agus bu bhrònach bochd, an daorsa san robh iad. Ach bha Dia maille riu, ’s mar sin cha do bhuadhaich an naimhdean nan aghaidh. Gun teagamh air bithse so a bha air a chiallachadh sa cheud àite leis an taisbeanadh so mar a chi neach air bith a léughas an 7mh agus an 8mh rann den chaibdeil so: agus a h-uile gealladh a bha sa bharantas so choi-lion Dia. Theasairg e a shluaghshaor e iad, agus thug e iad fa-dheoidh gu seilbh a ghabhail ann an tìr a gheallaidh.

Agus na rinn e airson Eaglais Israeil, rinn e airson Eaglais anns gach lìnn. Cuina bha Eaglais Chriosd riamh ann an teinn, no an àmhghar nach robh Esan nameadhon gu a dìon? Is minic a bhan Eaglais da rìreadh mar phreas na lasair, agus a réir coslais an impis a bhi air a losgadh asgidheadh bhan t- “Aingealmaille rithe. Ri linn thruaigh Ahaib, bha seachd mìle air an tearnadh nach lùbadh an glùn do Bhaal; agus cha robh an t-àm sin ann snach robh corra dhuine dìleas, agus diadhaidh ra fhaotainn an Israeil. Ann an laithibh dorcha Bhàbiloin, ’n uair a bu mhuladaiche cor Israeil— ’n uair a bha iad ann am braighdeanas co cruaidhs gun do chroch iad an clàrsaichean air na géugaibh seilich, ’s nach dùraichdeadh iad leis a mhulad aon de laoidhean Shìoin a sheinn— ’n uair a loisgeadh an Teampullsa bha iad nam fògarraich on bhaile naomh cha do sgriosadh Eaglais Dhé. Thug Dia air ais


[7] braighdeanas a shluaigh féin. Chuir so iongantas mòr orra. Cha robh dùil aca ra leithid. Bham preas fada, fada ra theine; ach fada mar bha e cha do thréigAingeal a chumhnainte. Dhéirich an Eaglais as an luaithre theinntich. Fhuair sluagh Dhé air an ais do Shìon. Thogadh an Teampull a rìs. Cha do loisgeadh am preas. On àm sin a nuas gu linn Chriosd, bha cogadhs co-stri gun fhois, gun tàmh an aghaidh na fìrinn; ach cha do bhuaidhich na Cinnich uaibhreach air muinntir Dhé. Bho àm Chriosd air thalamh nach minic a bham preas ra theine! Is iomad géur-leanmhuinn loisgeach a rinneadh air an Eaglais. Ciod e eachdraidh na h-Eaglais, ach eachdraidh air géur-leanmhuinn? Anns an Roinn-Eòrpa, ann an Asia, agus an Africa, cia uamhasach na déuchainnean teinnteach ron dthainig an Eaglais! Cia liuthcomunn a bha aon uair ainmeil mar Eaglais air an t-shaoghal, a tha gu tur air an sguabadh air falbh! Càit am bheilseachd Eaglaisean na h-Asia” —ainmeil mar a bha iadcàit am bheil iad anis? Agus iomad Eaglais a tha nis a togail an cinn gu h-àrda tha cliùtach nan ’ ’s nan linn féin ma dhì-chuimhnicheas iadsan Criosd, ’s ma shleamhnuicheas iad bhàrr an aoin bhunnchair air an urrainn Eaglais seasamh— ’s cinnteach gun tuit iadsan mar an céudna, ’s gun sguabar air falbh iad bhàrr aghaidh na talmhainn. Ach bithidh sluagh aig Dia gu seirbheis a dheanamh dha, agus gu Esan a ghlórachadh. Feudaidh Esan an coinnleir atharrachadh o àite gu àite, a thoirt air falbh o aon tìr, ’sa shuidheachadh ann an tìr eile; ach an solus prìseilsolus an àigh, cha mhùchar e a chaoidh. Bithidh seirbhisich dhealasach, luchd-teagaisg dìleas, agus luchd-éisdeachd chreidmheach, umhal, aig Dias an t-shaoghal. ’S iad so iadsan a tha deanamh a suas fìor Eaglais Chriosd, agus nach dean geataichean ifrinn buadhachadh orra am feasd.

Tha Dia nameadhon inntestigh,
Mar sin cha ghluaisear i;
Oir cuideachadh as comhnadh leath’,
S e Dia gu moch a ni.”

Am bheil cuimhne agaibh air eachdraidh nan trìuir òganach ann an linn Nebuchadnesair? Rinn an rìgh mòr agus uaibhreach sin ìomhaigh òir, agus dhàithn e do na h-uile duines an rìoghachd aoradh a dheanamh dhi. Chruinnich an dùthaich uile air faichidh Dhùra, agus chuireadh an cèill le òrdugh an Rìgh, gach aon nach striochdadh gu aoradh a thoirt don dealbh, gum bitheadh e air a thilgeadh ann an àmhuinn theinntich, dhian-loisgich. Thòisich a chuirms an t-sheirbhis mhalluichtechualas fuaim nan trompaid, nam feadan, nan clàrsach, ’s na h-uile seòrsa ciùil. Thuit an sluagh a sìos, agus rinn iad aoradh don ìomhaigh a chuir an Rìgh a suas. Ach bha triùir ann a sheas a machchual iad an àithneagallachchual iad an fhuaim a bhag éiridh o mhìle inneal ciùilchunnaic iad an àmhuinn a dearg-lasadha smùid ag èiridh gu h-àrd chum nan spéur: ach cha do mheataich iadsan. Dhinnis iad gu dàna misneachail


[8] don Rìgh nach robh sgàth orragun seasadh Dia Israeil iad, ’s nam faiceadh esan so iomchuidh gun tearnadh e, eadhoin as na lasraichean iad. Bhan àmhuinn a nis air a teasachadh, seachd uairean ni bu mhò no bàbhaist dhi, agus bha an triuir òganach so air an tilgeadh a stigh ìnnte ceangailte eadar làmhan as chasan. Ach féuch an uair a dhamhairc an Rìgh chunnaic e ceathrar a coiseachd am meadhon an teine, agus bhacoslas aoin diu mar Mhac Dhé.” Agus bha Mac Dhé— “Aingeal a chumhnaint”— ’san àmhuinn a bha na samhladh comharraichte air a phreas. Tha Rìgh ann as àirde na Nebuchadnésar as urrainn na lasraichean a tha air an séideadh an aghaidh a phobuill féin a mhùchadh, ’s a dheanamh co neo-chronail ri solus àillidh, glan na h-òig-mhaidne.

Mar so chunnaic sinn mar a tham preas ra theine gun losgadh na shamhladh air cùram Dhé doshluagh féin anns na h-amannaibh is déuchainiche. Am buin sibhse tha ga léughadh so do dhEaglais Chriosd? ’S iad fìor shluagh Chriosd amhàin, aig am bheil còir air na sochairean, agus air an dìon sin a tha air an comharrachadh leis a phreas air a ghleidheil gun chaitheadh as, an uair a tha e ra theine. Chan fhoghuinn ainm a shluaigh a ghiulan mareil cridhe agus gnàthachadh a shluaigh agaibh. Ciod am maith a rinn tairgse Chanàain dhoibhsan a fhuair am bàssan fhàsaich? Bham baideal ceò thairis orra san latha, agus am meall teine san oidhche, agus bha aca lagh Dhé, agus am pailliun naomha. Ach cha drinn so iadsan naomh, ’s mar sin cha robh cuid no pàirt acasan san oighreachd a ghealladh do mhuinntir dhìleas Dhé. Bhan fhìor Eaglais air a dìon; ach chailleadh iadsan. Mar sin than Eaglais dhuinne, an dara cuid na meadhon slàinte, no na culaidh-dhìtidh a dhantromaicheas gu mòr ar sgrios. Thainig Ceannard na h-Eaglais gar tearnadh; ach am bheil sinne a gabhail tearuinnteachd uaithe? Am bheil sinn air ar saoradh bho chumhachd, bho ghràdh, agus bho chleachdadh a pheacaidh? Mareil sinn nar buill bheò do chorp Chriosd, is coma ciod an Eaglais dom buin sinnmareil sinn nar Criòsduidhean, cha tearuinn Eaglais air thalamh sinn. Na earbaibh ann an ainm; oir chan fhoghainn e ràdhbuinidh mise do Phòl, no do dhApollosbuinidh mi do dhEaglais Shasuinndo dhEaglais na h-Albadon Eaglais Phàpanaich”, no do dhaon seòrsa aidmheil a tha air uachdar an t-shaoghail. Feudaidh so daoine a riarachadh; ach cha riaraich e Dia.

Am buin thusa dhuine do dh-Eaglais na h-Alba? seas i mata, chan ann le spleadhruich de chainnt, no le bòsd, no idir, idir le bhi càineadh Eaglaisean eile; ach le bhi deanamh teagaisg Dhé do Shlànuighfhir maiseach anns na h-uile nithibh. Faiceadh an saoghal treibhdhireas do chreidimh ann am feothas do ghiùlain. Taisbein spiorad Chriosdn a dcho-luadair, ’s nad chleachduinn. Leig led dheagh ghnìomharaibh dealrachadh fa chomhair dhaoine, a chums gun toir iadsan glòir do Dhia. ’So an doigh a chum an Eaglais a sheasamh.


[9]

Ghabh ise mar a suaicheantas bho cheann linnean, am preas a bha ra theine gun chaitheadh as. Agus dhearbh a h-eachdruidh gus an n diugh gum bu ro fhreagarrach an suaicheantas so dhi. Is liònmhor trioblaid agus teinn a thainig na caramhach bha dìon, agus làthaireachd a h-Ard chinn a ghnàth maille rithe, agus eadhoin an diugh, mar aig gach àm eile, feudaidh ì rádh, “Am fad so rinn an Tighearna mo chuideachadh.” Ann an cuid de chearnaibh sa Ghaidhealtachd, saoilear gum bheil am preas air a losgadh as; ach stad beag! Tha freumh a phris fathast beò, agus daingean anns an talamh. Tha iomad géug làidir, thorach, fathast a cinntinn on fhreumh so, agus tha iomad faillein, agus fiùran ùrar, dosrach, a togail an cinn gach on fhreumh cheudna. Tha Dia a togail òigridh dhealasach gu àiteachan àrda a liònadhsan Eaglaisbuidhean co gealltanachsa dh-àraicheadh riamh airson Eaglais na h-Albaagus tha seann laoich dhiadhaidh, dhìleas ann a sheas gu duineil ann an na dèuchainn, agus a tha nis a tuigsinn, ’sa faireachdain, gun do mheal iadsandeagh-ghean an a bha chomhnuidhsa phreas” —agus than deagh-ghean ceudna air a ghealltuinn do gach aon a dhlù-leanas ris an Tighearna. Is iomad creidmheach, agus dùile bhochd, ann am bothan neo-chuanda, math-dhfhaoidte gun éibhle bheò air lic an teinntein, gun ghreim arain na thigh, na shìneadh air a bhadan chonnlaich, ’san t-eudach leapach tana, ganngun fhurtachd aicesatha freasdal dha ra thoirt seachad ach balgam de dh-uisgen fhùarain, ’s gun fhocal achDia bhi maille riut;” agus lom, bochd mar a tha e, tha Dia maille ris. Tham preas ra theine ach cha loisgear e. ThaAingeal a chùmhnaintdlù, ’s mar sin tha sìth na anamsa, mar is teogha tha an lasair a cinntinn, is ann is a thashòlais air am meudachadh. Am meadhon na dèuchainn, agus ri taobh na leapach, tha aon cosmhail ri Mac Dhé; agus ann an guth ciùin, binn, nach cluinn an saoghal, ag ràdh ris a chreidmheach— “Na biodh eagal ort, oir shaor mise thuan uair a dhimicheas thu troimh an teine cha loisgear thu, agus cha dean an lasair greim ort; oir is mise an Tighearna do Dhia, naomh Israeil, dFhearsaoraidh.” —Isa. xliii. 2, 3. Agus tha so a dùsgadh na freagairt; “ ’Se Dia than so, beannaichte gun robh ainm.”

Seasasibhse mata daingean ann an slighibh an Tighearna do ghnàth. —Dlù-leanaibh ris-san aig gach àm. An sin bithidh esan dlù dhuibhse; agus amhuil a rinn a làthaireachd am preas a ghleidheil gun losgadhsan fhàsaich, ni an làthaireachd cheudna sibhsedhìon, a ghleidheadh, agus a bheannachadh anns gach càs.

T.

titleII
internal date1848.0
display date1848
publication date1848
level
reference template

Fear-tathaich nam Beann I %p

parent textNumber 1
<< please select a word
<< please select a page