[10]

III.

A TILGEADH AN ARAIN AIR AGHAIDH NAN UISGEACHAN.

Tilg t-aran air aghaidh nan uisgeachan, oir an déigh mhoran do làithibh gheibh thu e.” —Ecles. xi. 1.

CIOD is ciall don earail so, agus don ghealladh a tha aguinn anns na briathraibh so? Learantha air a chiallachadh an so, sìol-arain; sìol a phòir as am bheil an t-aran air a dheanamh: tilg do shìol-arain air aghaidh nan uisgeachan. Agus ciod a tha so aciallachadh? An cualas riamh tuathanach acur sìl air a leithid so do dhàite? Nach smuainichimid gu robh an tuathanach sin air a bhrèth-as, a chitheamaid a deanamh a leithid soasgapadh pòr priseil air aghaidh nan uisgeachan? Nach bu dìomhan duit sùil a bhi agad ri bàrr, no ri sguaban tròm a ghiùlan dhachaidh le gairdeachas? Ach nam biomaidetàmhsan Eiphit, dlùth don amhuinn mhòir, ainmeil sin, aNile, a tha ag uisgeachadh na dùthcha sin, agus a cur toraidhsan fhearann, thuigeamaid achainnt a than duine glic a cleachdadh. ’S an tìr thioram thartmhor sin, ’s ainmic idir a tha uisge tuiteam am frasan as na spéuran, mar anns an dùthaich againne: tha cinneas, fàs, agus tarbhachd ag éiridh bho na tuiltibh a tha tighinn an àm an earraich air an tìr bhon amhuinn mhòir so tha ruith thairis air an dùthaich uile. Tha àm cur an t-sìl atòiseachadhnuair tha faochadh a tighinn air an tuil— ’n uair than amhuinn a traoghadh, agus na h-uisgeachan asìoladh air falbh: ach mun traoigh iad gu buileach, agus, fhad sa than dùthaich fhathasd air a còmhdach leis na h-uisgeachan, than tuathanach a dol a mach a chur an t-sìl, —than sìol a tuiteamsan làthaich, no anns a chlàbur a than tuil afàgailtha e gu luath a grùnndachadh, agus a fàs, —tha fochunn a tighinn, ’s an dias bhuidhe reachdmhor abuich, agus an déigh mhoran làithibh than tuathanach a faotainn an t-sìl a rìs, agus a giùlan dhachaidh nasguaba troma le gairdeachas. So aguinn seadh nàdurra nam briathraibh a labhair an searmonaiche glic bho cheann a nis iomalinn, —Faiceamaid a nis an seadh spioradail a dhfhaodar a tharruing uatha.

1d àite. Faodaidh an creidmheach iomganach, fiamhaidh, iriosal, an cosmhalachd so a thuigsinniadsan a dhfhiosraich faoineas an t-saoghail dhiomhain souamhas agus truaighepheacaidh, ach a bhlais gur math agus gur milis Diaa fhuair eòlas air a ghràsaig am bheil taice an anama air Slànuiear nam buadha tha deanamh spàirn chruaidh gu dol a stigh air an dorus chumhann, ’sa deanamh na h-uile dhìchioll chum an gairmsan taghadh a dheanamh cinnteach; nach bi iomada ni nan rathad a tha dùsgadh an eagail? an saoghal buaireasach air an leth-a- muigh, ’s an cridhe cealgach peacach air an leth-a- stighanàmhaid sheòlta, anathair lùbach, charach, nimheil a ghnàgan tàladhs gamealladhfuigheal a pheacaidh a dlù-leanntuinn riu: O! ’s minic a


[11] tha iad an impis air géill a thoirt, —tha iad gu tric air bharail gu bheil e ceart co math dhoibh toirt thairis gu buileach, —gu tric mar tha iad air an glùinibh ann an ùrnuigh, ag asluchadh le dùrachd an anamaibh co-chomunn àrd spioradail a shealbhachadh ri Diathan comas-cainnte, mar gum beadh, ’g am fàilneachadhthan cridheachan fùartha néul duaichneach dorchatighinn eadar iads gathanna sòlasach na gréine sin a bàbhaist dearsadh air an anamaibh, ’s tha iad air am fàgail an dorchadas brònach, —tha iad a teachd a chum nan òrduiean do dhàros Dhé mar a bàbhaist, ach a nis tha iad mar thobair anns nach eile boinne de dhuisge thoirt beothachadhsòlas chaneil a nis ra fhaotainnni sìth, no subhachas: tha smuaintean faoin, saoghalta, peacach, a goid a stigh, a dheòin no dhain-deòin, nuair bu mhiann leo bhi air abheinn maille ri Dia amhàin; than duine truagh air éigneachadh gu éigheach a mach an doilghios anama, “O! ’s duine truagh mi, co shaoras mio chumhachd a bhàis so! ’S diomhan, ’s diomhan domhsa gach saothair, ’s gach dìchioll!” Ach ged fhuair e na h-òrduiean mar thobair thioram gun uisge roimhe so, tha e gan taghal a rìs, —ged bhàsaich an ùrnuigh roimhe so air a bhilibh, tha eg ùrnuigh a rìs; ’s ged bhuadhaich anàmhaid thairis air roimhe so, tha e rìs air a bhonnaibh gu rag a chur ris as ùr: seadh, dorcha, mi-choltach, brònachs mar tha chùis, cha do chaill e uile-gu-léir a dhòchas, agus carson? Tha gealladh Dhé aige, “Tilg do shìol-arain air aghaidh nan uisgeachan; agus an déigh mòran de làithibh gheibh thu e.”

O! an fhìrinn shòlasach! Gealladh an àigh! Thusa tha foiomguinn, dean greim daingean air a ghealladh sona caill do mhisneach; idir, idir na toir géill, ’s na tuit gu ea-dòchas. Tha iomada ni -chinnteachs an t-saoghal-sa, ach chaneil -chinnteas air bith ann an gealladh Dhé. Am bheil thusam barail nach eil Diagabhail sùim do gach cnead bhrònach, agus osna mhuladach a thag éiridh bhuait? Chaneil uiread san déur a tuiteam bho dshùil gun fhios dachaneil an osnas ìsle thag éiridh at-uchd nach eil a ruigheachd cluasaIehobha Mhòir! Chaneil ceum sgìth tha thu gabhail nach eil ga dghiùlan nis dlùithe agus nis dlùithe air ceann-crìche do thurais.

Ach, theagamh, gu bheil an creideach iomguinneach ag ràdh, “Cuin a bhitheas an gealladh so air a choilionadh?” Dean faighidin a dhuinefòil bheag, agus tuigidh tu co firinneachsa tha Dia. Am bu mhiann leat an coran rìoghail fhaotainn gun an réis a ruith? —an fhois fhaotainn a tha feitheamh air luchd-muinntir an Tighearna, gun an turas sgìth a chrìochnachadh? Am bàill leat do sguaba troma bhuains an fhoghar’? ’Nis an t-àm gu cur. Thig àm an fhoghair, fuirich thusa risbi thusa dìleas gu bàs, agus mar buain thu do sguabale gairdeachass an t-saoghal so, buainidh tu iad le gairdeachass an t-saoghal bheannuichte ta ri teachd Mothaich; than duine glic ag ràdh, “an déigh mòran de làithibh.” ’S dòcha gu bheil iomada ceum sgìth,


[12] iomcheisteach, agad fhathast ri dhol trìdiomadéur goirt ri shileadhiomadeuchainn ri fhulang air an taobh so den uaigh; ach coma co-dhiu, ann an àm iomchuidh buainidh tu, mar fannaich thu, aguss en t-àm iomchuidh àm Dhé.

Gabh, mata, air t-aghaidh a chreidichdean thusa do dhìchiolls earb a chùis ri Dia; ’s geda tha thu, mar gum bann, a cur an t-sìl air aghaidh nan uisgeachan, bithidh agad fhathast Deirea’ -bhuan shòlasach.

Iadsan a chuir gu deurach sìol,
Gu subhach ni iad buain:
An neach gu cur a thig a mach,
Le sìol ro phrìseil caoin,
Air bhi dha gul gu muladach,
Ga ghiùlan sud gu fonn,
Le aiteas pillidh e gu dearbh,
Agiùlan sguaban trom.” —Salm cxxvi. 5, 6.

Tha ministeir an t-soisgeil a faotainn cula-mhisnichon ghealladh so,— ’s tuathanach esan a tha air a chur a mach a chur sìl, —aran prìseil na beatha maireannaich. ’S coltach esan da-rìreamh ri neach a tha sgapadh an t-sìl air aghaidh nan uisgeachan: tha e gu tric mar neach a tha saoithreachadh an diomhanas; tha mòran den t-sìol mhath a ta air a chur, mar gum biodh e air a shaltairt fo chasaibhmòran dheth air a thogail air falbh le eunlaith an adhair. Tha cuid atuiteam mar air na creagacruaidhtha e, fo dhìobhail misnich, a togail gearain an fhàidh Isaiah, “chreid ar teachdaireachd, agus don robh gàirdean an Tighearnair fhoillseachadh?”

An urrainn do mhinistir dìleas gun bhi fo eagal, agus fo iomguinn mhòir? Tha e cur an t-sìl mhath, ach tha luibhean fiadhaich a cinntinnna mheasg, —tha iomada, iomada aobhar cùraimus eagail aige, —chaneil an obair naomh, ar leis, a cinneachadh, no soirbheachadh na laimhcha léir dha toradh a shaoithreach— “,” arsesan, “a tha comasach airson na nithe so?” Chan fhiosrach e gu bheil cinneas don t-sìol a tha ecurcha léir dha am fochunn, no an diasbu mhiann leis luidhe sìosa làmhan a phasgadh an éu-dòchas: tha e tilgeadh an t-sìl mar an druim a chuain, chaneil fhios aige ciod a ni e; achnuair tha e mar so an impis toirt thairis, tha guth Dhé ga ruigheachd, ag ràdh, “Tilg thusa do shìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhòran laithibh ghéibh thu e.” O! Gealladh an àigh! Cliu do Dhia air a shon. Tha e gabhail misnichtha eg ath-ùrachadh gach saothairtha e cuimhneachadh gur h-edhleasnas-san an sìol a churam fonn àiteachadh mar is fearr is urrainn da, agus earbsa chur an Dia, —tha e toirt fainear gu faod Pòl suidheachadh, agus Apollus uisgeachadh, ach gur h-e Dia amhàins urrainn toirt air an t-sìol fàs: ’nuair is muladaiche, iomguinniche ta e, tha e cuimhneachadh a gheallaidh a thag ràdh, “An déigh mhòran laithibh ghéibh thu rìs e:” agus tha e smuaineachadh, an déigh


[13] don fhòid a bhi air a chàradh thairis air, ’s a chorp fo lic, —an déigh don t-saoghal a dhì-chuimhneachadh, ’s a theanga balbh, tosdachs an ùir, theagamh gu faod gum bi peacach bochd allabanach, a rinn tàir fad iomalatha air an t-sìol, air a dhùsgadh le cuimhne nam briathran a labhair e bho cheann iomada bliadhna. Ged nach dfhàs an sìol fad iomada bliadhna, cha do chaochail e; agus am ministir sin a chaidh sìos don uaigh le cridhe brònach, fo bharail gurobh e féin a saoithreachadh an dìomhan, coinnichidh cuid dhiuso e as na chaill edhòchascoinnichidh iad es an t-saoghal eile, —cuiridh iad fàilte shòlasach air mar an bha air a bheannachadh le Dia chum an dùsgadhan toirt a chum Chriosd, agus, fa-dheòigh, chum glòire; agus bithidh iad mar choran glòiragus gairdicheis da anam ann an rìoghachd nam flath, —thilg esan an sìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhòran laithibh fhuair e rìs e.

2ra. A rìs, —Nach iomadh athair agus màthair a fhuair dearbhadh sòlasach air fìrinn a gheallaidh so, thaobh mic agus nigheana, man do chaill iad car tamuill dòchas? Ameasg gach deuchuinn is urrainn teachd an caramh achreidichs an t-saoghal-sa, chaneil a h-aon is truime, agus is deuchuinniche na mac, no nighean fhaicinn a siubhal air slighe shleomhainn a pheacaidhair an toirt thairis do ghòraich’, agus do ain-diadhachd; agus, O! ’s iomada athair, agus màthair, a than deuchainn uamhasach sotoirt len cinn liath fo bhròn a dhionnsuidh na h-ùrach! Rinn iad so an dìchiollthog, agus dhàraichs iad iad ann an eagal an Tighearnadhoileinich siad iad ann an eòlas Dhé, agus an t-Slànuieirdhoirpich iad eisimpleir chneasda, dhiadhaidh, agus chreideal a chur man coinneamhchoisrig siad iad do Dhiaghiùlan iad air an cridheachan ann an ùrnuigh iad; ach chaidh a chùis uile nan aghaidh; bhris iad an cridheachan, ’s len osnaich-bàis, dhearb siad iad ri Dia. Chaidh iad gu bàs an dùil gu robh a h-uile dìchioll agus saothair a chleachd iad gun stàgun do thilg iad an sìol air aghaidh achuain, agus a chaoidh nach faigheadh iad air ais abheag no mhòr dheth: ach ma dhfhaoidte gur h-ann aig uaigh an Athar, no agiùlan ceann na Màthar don chìll a thig am briathraibh, ’s an comhairlean dhachaidh chum an cuimhne, ’s mar tha iad ag eisdeachd fuaim na h-ùrach a tuiteam air na clàraibh dubhaa chiste chaol chumhann anns am bheil corp an aoin nach maireann, madhfhaoidte gur h-ann an sin a dhfhosglas Spiorad Dhé tobair nan déurs an t-sùil, madhfhaoidte gur h-ann asin a dhéireas a chiad ghlaodh gu neamh, “O! Dhia thoir maitheanas dhomh, —” madhfhaoidte gur h-ann asin a dhfhairichear a chiad deadh rùn, ’s a nìtears an anam a chiad ghealladh do Dhia; agus air maduinn na h-aiséiridh, theagamh, gur h-ichiad chainnt a chluinneas an t-athair, no a mhàthair, fàilte shòlasach an leinibh mic mun do chaill iad an dòchas, le dealas diadhaidh àrd a toirt glòir do Dhia gu robh an leithide sin de phàrantan aigethug achasan agus fòghlum, agus comhairlean, agus geallanna


[14] -dòchaisa ghuidh air a shon le dùrachd nach dfhàilnich, ’s le gaol nach dfhàs fuar,— ’Nisnis tha dearbhadh follaiseach aig an athair ghràdhach, ’s aig amhàthair chaoimh gur fìrinneach gealladh Dhé, “Tilg do shìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhòran laithibh ghéibh thu rìs e.”

A phàranta don tug Dia clann, thugaibh so fainear: na tugasibhse géill a thaobhur mic, nour nighinn, fhadsa than deò annta; ged dhfhàisg, ’s ged sgàin iadur cridhe na togasibhse dar dleasnas féin, saoithrichibh an aghaidh dòchaisdeanasibhseur dìchioll, agus earbaibh a chùis ri Dia: fhadsa tha iad fon aon fhàrdaich leibh, labhraibh gu ciùin gràdhach riu mu Dhia, agus mun t-Slanuiear ghlòrmhor, —teagaisgibh dhoibh ùrnuighdheanamh, cluinneadh iad ùrnuighuaibh. ’Nuair dhfhàgas iad an tighs an dfhuair iad an àrach òg, ’s a ghabhas iad an saoghal mòr fon ceann, leanamh iad ler litriche gràdhachler nùrnuigh dhùrachdaich; guidhibh air Dia an stiuireadh, ’s an treòrachadhs an t-slighe cheart, agus ma tha sibh a mothachadhur crìchedlùthachadh cuiribh fios orra, ’chum ler briathrabàis gun earailich sibh iad; ’s mar urrainn dhoibh teachd gar namharc, fàgaibh fios aca gu bheil dùil agaibh an coinneachadh ann an neamh, àite do nach urrainn ni ta neòghlan no -naomha teachd; agus ma ni sibh so gu tràthail, ann an earbsá comhnadh an Spioraid Naoimh, bithidh aobhar dòchais agaibh gu faigh sibh saibhireachd ghlòrmhor agus firinn a gheallaidh so— “Tilgibhur sìol anis air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh ìomada latha gheibh sibh a rìs e.”

Aon uair eileTha cula-mhisnich mhòr againn anns a ghealladh so, ’chum buanachadh ann an seirc, ’s an trùacantas— ’chum gnìomharra cathranais, agus fiallaidheachd— ’chum iochd agus gràdh altrumn ar cridheachan. Tha cùnntas mion neo-mhearachdach air a chumail ann an leabhar-cuimhne Dhé, air na h-uile nitherinneadh rìamh, nodhùraiceadh a dheanamh, airson glòir Dhé, agus math a chinne-daona. Feudaidh an creideach fiallai’, gràdhach, a smuaineachadh air uairibh gu bheil etilgeadh air falbh a chaoimhneis, ’sa sheirc, dìreach mar gum beadh, asgapadh an t-sìl-chura air aghaidh nan uisgeachan; ach tha focal Dhé ag ràdh, nach tug rìamh deoch de dhuisge an fhuarain, do aon de dheisciobuil Chriosd, ann an ainm deisciobuil, nach dfhuair a dhuais. Chaneil dìchioll a rinn an duine math riamhchaneil gnìomh creideasach, seirceil, a rinn e riamh air a dhì-chuimhneachadh le Dia: seadh, cuid de na nithe a dhì-chuimhnich e féinnithebha cho suarrachs nach burrainn dachreidsinn gun gabhadh Dia aire, no suim dhiu’, tha iad air an cur sìos an leabhar cuimhne Dhé. Tha na nithe so príseil am beachd an Tighearna. Mas ann air son an dìlleachdain laig, gun athair gun mhàthaira bhàntrach thruaghan coigreach brònachan t-allabanach gun dachaigun leabadéirceach na lùirich bhochd; mu rinn sinn gnìomh gràidh riu so, tha Criosd ga chunntas mar gun deanta ris féin e: chitear,


[15] ge da shaoil sinne gun do thilg sinn ar sìol air aghaidh nan uisgeachan, ’s nach robh e coltach gu faigheamaid a rìs echitear gu faigh, air an latha sin air an can am Breitheamh glòrmhor, “Thigibh, sibhse a mhuinntir bheannuichte mAtharsa; a mheuds gun drinn sibh e do aon de na bràithribh is lugha agamsa, rinn sibh dhomhse.”

Agus ma tha so mar so do thaobh caoimhneis aimsireil don cholainn, cia gu mòr a tha e fìor a thaobh caoimhneis, agus seirc Spioradail don anam? Sin an sìol prìseil dan tig na sguaban tròm a stigh do shaibhlean Dhé! Thugaibh fainear Teachdairean an t-shoisgeil adol a mach gu cearnaibh iomallach an domhain, a chur sìl prìseil na fìrinn ameasg nan cinneach borba. Tha e dol a mach gu dubhach, déurach, le iomgainn, ’s le eagal, atilgeadh an t-sìl air aghaidh nan uisgeachan, agus fhads as urrainn dhasan léirsin, chaneil cinneas no fàs; ach a dhaindeòin so, tha ecursag àiteachtha e saoithreachadh ann an creidimh, agus ag earbsa cinneas an t-sìl ri Diana thràféins dòcha gu bheil efaicinn toradh a shaoithreach, ach ged nacheil, chaneil so a cur smuairein airtha làn chìnntaige, oir thuirt Dia e, “Cha phill focal Dhéthéid a mach as a bhéul, cha phill e gun tairbhe, ach coi’ -lionaidh e a is àill leisan, agus bheir e gu buil a mun do chuir Diamach e.”

Sibhse, ’chiad luchd-searmonaiche Chriosd a sheas rìamh air cladach ar dùcha, —sibhse, dhaoine dùrachdach, eudmhor, a thainig dar tìr leis an t-sìol luachmhora chuir dòrlach sìl air mullach nam beann, ’s ann duibhsechoilionadh an gealladh so gu saibhir, as gu pailt! —ThusaChaluim-Chille nam buadh, a thainig ann a dchurach beag, le ddhà chompanach dhéug, a nall á Eirinn, gu eilean beag uaigneach Ii, ciod a choinnich thu, na chunnatu ann an Albuinn? An tìr uile fo chumhachd nan Drui’ —saobh-chràbhadh co eagallach, co uamhasachsa burrainn a bhian Roinn-Eòrpas gach cearnn dhi aca fo dhaorsaluchd saobh-chreidimh co seòlta, chumhachdach, innleachdach, ’s air am bheil eachdraia toirt duinn cunntais. ’Bheil tìr mòr na eilean iomallach, anns nacheil fhathast clachan-nan-Drùineach, na h-àltaire air an robh iad atairgsesuas an ìobairtean eagallach don ghréin? Am bheil àite no cearns an tìr, anns nach faighear fhathast na cùirn air an robh iad alasadh an teineBeultain? Mas ann an h-Irta nan ian fionn, tha cnochd den t-seòrsas càrn ann. Cha robh Rìgh no ceann-feadhnacha robh àrd no ìsiol, eadar chloich Bhreatuinn, nach robh aig an àrd-Dhrui fo dhaorsa: —Ach thainig Callum-Cillesa chàirdeanthoisich iad air cur an t-sìlbe sin da-rìreamhbhi ga thilgeadh air aghaidh nan uisgeachan, ach air Cnoc-nan-aingeal, dhiarr e comhnaDhé, agus fhuair. Chuir en sìol le déuraibh, achna latha féin, bhuain e le gairdeachaschunnaic e creidimh nan Draoineach air a thilgeadh bun os ceann. Chunnaic e Rìghrean na Roinn-Eòrpagabhail ri Criosdag iarraidh an cuirp a chàradh ann an ùir an Eilean-


[16] naomhathog e na ciadan Eaglais na lathaibh féin, ’s na lìnnthilg en sìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an ,deigh mòran làithibh fhuair e rìs e. Amach á Ii, chaidh soisgeul nan gràs, agus co an diugh is urrainn àireamh, na mìltean, agus na deich uairean deich mìltean anam, a ghineadhuathasan a bha air an dùsgadh, ’s air an iompachadh leis an aon duine so?

Agus mar so, gach searmonaichechaidh a mach air feadh an t-shaoghail anns gach lìnn, a thilgeadh an t-sìl arain air aghaidh nan uisgeachan, cha bhigu deimhin, deimhin cha bhin saothair an diomhan.

Ciod a tha thusatha ga leughadh so adeanamhchum sìol prìseil an t-soisgeil a sgapadh air feadh an t-saoghail? ’Bheil thug ràdh, “Ciod is urradhomhsadheanamh?” —Chan aithne dhomhsa, achs aithne do Dhia, ciod e uireadsa tha thucaitheamh ann afaoineis, an deochsan rìomhadh, ’san uaill gun stà’? cuir ma choinneamh so na tha thu deanamh, ’sa cosd airson glòir Dhé, agus math spiriodail a chinne-daona, agus gabh nàire! Am bheil thufeoraich ciod is urra dhuit a dheanamhtha thu bochd? Theagamh gu bheil, —bha Bhàntrach bochd a thilg an dara h-earrann-déug den sgillinnsan ionmhas, chliuthaich Criosd i, oir thug i na bha na comas: mareil airgiod agadsa, nacheil cridhe agad? Nacheil teangagad? Nacheil glùn agad? Guidh air Diaguidh gu dùrachdach air, gun cuireadh esan a mach luchd-cur-an-t- sìlgun soirbhicheadh e leò, ’s gun greasadh e féin an latha glòrmhor anns am bi a ghealladh féin air a choi’ -lionadh:—

Iarr orms mar oighreachd bheir mi dhuit,
Na fineacha gu léir;
S mar sheilbh ro dhìleas bheir mi dhuit,
Fad iomal crìch gach tìr,” Amen.

T.

titleIII
internal date1848.0
display date1848
publication date1848
level
reference template

Fear-tathaich nam Beann I %p

parent textNumber 1
<< please select a word
<< please select a page