[16]

IV.

EACHDRAIDH SPIORADAIL NAN IUDHACH.

A CHEUD EARRANN.

CHA’N’ eil eachdraidh againn air fine, no sluagh a bhà, no tha air aghaidh an t-shaoghail co iongantach, agus feudaidh sinn a ràdh co miorbhuileach, agus air a h-uile doigh co mor an airidh air a rannsachadh leinn, ri eachdraidh nan Iudhachpobull taghta Dhé. Mar shluagh chaneil aon eile ann co iomraiteach, co comharraichte, agus co sonruichte riu. Tha tùs, agus òg-mhaduinn riòghachdan eile air an folach uainn. Tha dubhar, agus dorchadas tiugh thairis orra. Tha e doirbh fiosrachadh poncail, no eòlas cinnteach, fhaotuinn mun deighinn. Ma theid sinn air ar nais ann an eachdruidh Bhreatuinn fad mhìle bliadhna ciod a tha ra fhoghlum mu thimchioll na tìranns am feudar earbsair bith a chàradh? Spleadhruich, agus sgeulachdan faoin gun bhunnchar, gun bhrìgh. Sgrìobhadh eachdraidh gach rioghachd


[17] eile le daoine buailteach do mhearachdan; ach eachdraidh nan Iudhach tha i air a cur a sìos le peann nach deachaidh, ’s nach teid am mearachd: oir tha i air a deachdadh le Spiorad Dhé.

Tha moran de dhuaill sìnnsireachd am measg dhaoine. Ach ciod a deir sibh mu thimchioll sìnnsireachd nan Iudhach? Ann an coimeas riusan tha gach fine, agus teaghlach mar dhaoin ùra thog an cinn bho cheann làth no dhà: ach ann an rannsachadh sìnnsireachd an t-shluaigh so càitan stad sinn? ’Seiginn, dhuinn dol air ar nais gu laithibh Therah a bha dlù do laithibh Sheim Mhic Noah, athair an t-shaoghail a chaomhnadh bhon tuil.

Se a cheud ni a tha comharrachadh amach nan Iudhach bho gach sluagh eile gun do thagh Dia iad amach bho mhuinntir an t-shaoghail uile gu bhi nam pobull dha féingun drinn se e féin aithnichte dhoibh mar an t-Aon Dia Beò Fìormar Iehobhah glòrmhor a chruthaich gach , agus a tha le cùram athaireil a faireadh thairis air gach don dthug e bith air tùs. Dhearb esan ris an t-sluagh so an creideamh spioradail fìor, an uair a bha rioghachdan an t-shaoghail uile ach iad féin amhàin ann an tiugh dhorchadas, agus ann an tur aineolas. Bha muinntir an domhain uile ach iadsan nan luchd iodhol-aoraidh. Chaidh iad uile mar chaoraich air seacharan, agus chaill iad eòlas airsan a thubhairt, “Biodh Solus ann,” agus bha e ann air iarrtas. Ach thoilich Dia iadsan a chur air leth mar sholuss an dorchadas mhòr. Chuir e an ceill dhoibh a thoil. Thug e dhoibh a lagh. Dhàithne dhoibh ionad-comhnuidh a dheanamh dha féin anns an robh iad ri aoradh a thairgsinn dha; agus chuir se e féin air an ceann mar am fear-iùil, mar an Righ, agus mar an Dia. Is maith a dhfheudadhmaid da rìreadh a ràdhCo an cinneach co mor aig am bheil Dia am fagus doibh mar a than Tighearna ar Dia aguinnes na h-uile nithibh airson am bheil sinn a gairm air?”

Tha fineachan, agus rioghachdan eile ainmeil ann an eachdraidh an t-shaoghail airson lìonmhoireachd an sluaigh, agus farsuinngeachd an crìochfeadhain airson an saibhreis, agus an tréudan, am malairt, agus an cumhachdfeadhain airson an curantachd, agus an gaisge ann an iomairt arm. Achs e cliù Israeil gur iadsan am Pobull ris an dearb Dia gu moch eòlas na fìrinna thagh e dha féin mar chuspairean sonruichte a ghràidh, —a dhìons a theasairg e car iomad linn le deas laimh a chumhachd, agus airson an doibrich e mìorbhuilean moralachgur e so am pobull bhon dthaìnig anuas dor nionnsuidhne air tùs gach fíor chreidimh a tha air aghaidh an t-shaoghail. Is ann nam measgsan a thoisich camhannaich an latha ghlormhoir sin a tha nis a dealradh oirnn an àirde a mheadhoin làth. Is ann uapasan a fhuair sinne briathran prìseil fìrinn Dhé; agus nam measg bha na daoine anns am bu shoilleiren robh cumhachd na fìrinn so ra faicinn, na daoine a bfhearr as bu chliutaiche bha riamh air


[18] an t-shaoghal, agus air nach robh an saoghal airidh. Bann diuAbraham, Isaac, Iacob, Maois, Iosua, agus Salmaire binn Israeil; ach gu h-àraidhs ann doibhsan a ghealladh air tùs am Mesìah. ’S ann dhiùsan a thaobh na feola a thainig eeadhoin Iosa Criosd Slànuighfhear, agus Fear saoraidh an t-shaoghailneach is eDia thar nan uile beannaichte gu siorruidh.” —Agus da réir so is ann as am measgsan a ghairm esan Abstolan taghta agus gràdhach fein, a bha ri ainm san a dheanadh aithnichte do na fineachanri sgeul ait na slàinte a shearmonachadh do gach dùil a tòiseachduinn aig Ierusalem. So iadsan a bha air an sonrachadh gu daoine sdiùradh a chum tobar na beatha as an òl nam mìltean agus mìltean gun àireamh re linntibh buan na siorruidheachd.

Co mata is urrainn a chur an céill a chomain fom bheil sinne don t-shluagh a ghleidh co tearuinte an t-ionmhas prìseil a dhearb Dia riu, agus gu h-àraidh do Dhia a chuir nan cridheachean an cùram airson an ionmhais soionmhas ris nach feudar ni air bith air uachdar an t-shaoghail a choimeas car tiota! —Ionmhas na firinn a ghleidheadh car nam milte bliadhnas a than diugh co luachmhor thaitneachsa bha e riamh. Buidheachas do Dhia, ciod air bith atharrachadh a thainig air an t-shaoghal gun dthainig fìrinn an fhocail anuas gun atharrachadh, gun truailleadh. Tha i aguinn ann an cainnt àird bhuadhmhoir reachdmhoir Esaiaisann an Tuireadh brònach drùighteach Ieremiahann an oirdheirceas mhaisich Esecielann an eireachdas chuirteil Dhànielann an doimhne gliocais Sholaimhgun tighinn air Hosea snasmhor blasdas na Fàidhean eile a bha uile air an teagasg le Spiorad Dhé. Ged nach tigeadh anuas dor nionnsuidh ach Sailm Dhàibhidh amhàin bhiodh ar comains ar naobhar taing ro mhòr. Tha iad so an diugh air an seinns gach eaglais Chrìosduidh air feadh an t-shaoghail le cridheachan co fonnmhor, ’s le ceilearan co bhinns a bha iad bho cheann mìle bliadhna. Air an deachdadh leisan a tha eòlach air cridhe an duine, agus dom bheil gach a tha, no a bhitheas o linn, gu linn aithnichte; tha iad freagarrach do staid cridhe an duine ciod air bith an cor anns an urrainn e, am Freasdal Dhé a bhi air a chàradh. Ciod na leabhraichean eile a dhfheudar a choimeas ris na leabhraichean naomha so? Na nithean is taitniche a sgrìobhadh riamh le daoine léugh iad uair, as uair; agus caillidh iad am blas. Tha iad mar bhlàithean an t-shaoghail so a searg ann ad làimh, agus gu grad a call am faìle, ’s an aìlleachd. Ach tha iad so mar bhlaìthean Fhlaitheanais. Tha iad ùror àillidh do ghnàth. Mar is faide tha thu gan laimhsicheadhs ann is ciataiche, agus is taitniche tha iad a cinntinn. Mar is a bhlaisear dem mìlseachd is ann is dhiarrar dhiu’. “Tha iad nis milse nomhilnomhil anns na cìribh-meala.” A rithis feoraichidh sinn a cheist co is urrainn innseadh a chomain fom bheil sinn, fo laimh Dhé, do na h-Iudhaich? Nach mòr a tha e


[19] mar fhiachaibh oirnne an eachdraidh a rannsachadh, agus nach feum e bhi araon taitneach, agus tarbhach dhuinn beachdachadh air an doigh anns an do choilionadh gach fàistneachd; gach gealladh, agus gach bagradh a labhair Dia don taobh. Tha iad an diugh nam miorbhuil shoilleir agus sheasmhaich a togail fianuis air firinn focail Dhé; agus chaneil e comasach dhuinne am Biobull a làn thuigsinn gun eòlas a bhi aguinn air an cors air an gnàthachadh-san an uair a thugadh na geallaidhean dhoibh, no a labhradh na bagraidhean nan aghaidhgun sealladh a ghabhail air an staid an uair a shealbhaich iad beannachd nan geallaidhean mòr agus luachmhor, no an uair a dhfhulaing iad gu goirt mar a tha iad a fulang aig an àm fo dhortadh orra cupan feirge nam bagraidhean. Tha an eachdraidh iongantach innte féin. Tha i na mìneachadh air focal Dhé. Tha i féumail gu tuigse a thoirt dhuinn air moran den Tiomnadh Nuadh; oir bha na h-òrduighean a thugadh dhoibhsan nan, “sgàile air nithibh maith a bha ri teachd,” —bha am pàilliunnsan nashamhladh air an fhior ionad naomh.” Tha neachdraidh feumail gu fairbhean, agus faicill a thoirt dhuinne a thaobh iomad cunnart, agus ceap-tuislidh a tha far comhair ann am fàsach an t-shaoghail so, gu misneach a thoirt dhuinn dol air ar naghaidh ri uchd gach cruadail ag earbs á Dia do ghnàth. Agus chaidh an eachdraidh a sgrìobhadh airson ar teagaisgne. —1 Cor. x.

Theid sinn air ar nadhart mata bho àireamh gu àireamh a thoirt dor luchd-leughaidh earrann den eachdruidh so a thainig anuas troimh a liutha linn air arson, agus tha sinn an dòchas gun tarruing iad an chuid gliocas, agus toilintinn uaipe.

T.

titleIV
internal date1848.0
display date1848
publication date1848
level
reference template

Fear-tathaich nam Beann I %p

parent textNumber 1
<< please select a word
<< please select a page